Fiosrachadh Pàrlamaid na h-Alba mu fharpaiseachd eaconamach air a chur an làthair ann an Serbia

03.03.2014

Thèid am fiosrachadh a tha aig Pàrlamaid na h-Alba a thaobh tasgadh air an taobh-a-staigh agus farpaiseachd eaconamach a chur an làthair aig cruinneachadh de luchd-pàrlamaid eadar-nàiseanta le Neach-gairm Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd Murchadh Friseal BPA.

Thèid a’ cho-labhairt dà latha a chumail ann am Belgrade, Serbia 3-4 Màrt. Tha dùil gum bi 57 de riochdairean à sia dùthchannan an làthair, Albania, Bosnia is Herzegovina, Kosovo, Macedonia, Montenegro agus Serbia nam measg. Is e adhbhar na co-labhairt fiosrachadh is eòlas nan dùthchannan Bàlcan an Iar a sgaoileadh am measg càch-a-chèile.

Bidh Murchadh Friseal BPA a’ bruidhinn mar bhall de phannal a’ sgrùdadh mar a chuireas frèam reachdail dùthcha farpaiseachd eaconamach air adhart agus àite nan Comataidhean ann a bhith a’ sgrùdadh poileasaidh is reachdas.

Agus e a’ bruidhinn ron cho-labhairt, thuirt Neach-gairm na Comataidh Murchadh Friseal BPA:

“Tha a bhith a’ toirt cothrom air deasbaireachd le deamocrasaidhean a’ leasachadh sna Bàlcain an Iar aig cridhe na co-labhairt seo.

“Le bhith a’ bruidhinn gu dìreach ri luchd-pàrlamaid eile, tha mi an dòchas deasbaireachd a thionnsgnadh air mar a bhrosnaicheas sinn tasgadh air an taobh-a-staigh agus mar a chuireas sinn àrainneachd anns an san soirbhich le gnìomhachas air adhart.” 

Am measg nan seiseanan eile tha: 

  • Toirt a-steach phoileasaidhean gus tasgaidhean dìreach thall thairis a tharraing agus farpaiseachd a neartachadh.
  • Poileasaidhean mu chobhair bhon stàit agus thabhartasan do luchd-tasgaidh sna Bàlcain an Iar. Seasmhachd nam poileasaidhean mu chobhair bhon stàit is thabhartasan an-dràsta a rèir ballrachd Aonadh na h-Eòrpa.
  • Cur tasgaidh is farpaiseachd air adhart le bhith a’ cur ri co-obrachadh eadar Seòmraichean-malairt, comataidhean aig pàrlamaidean agus buidhnean-gnìomha riaghaltasan. Innleachdan is acfhainn co-obrachaidh gus tasgadh is farpaiseachd a chur air adhart is a tharraing.

Bidh am Frisealach an làthair an dèidh don Phàrlamaid gealladh a thoirt fiosrachadh, comhairle is taic phractaigeach a thairgse do dheamocrasaidhean a’ leasachadh tro chom-pàirteachas agus chlàran-cobhrach. Tha am Frisealach a’ frithealadh air co-labhairt roinneil aig Lìonra nan Comataidhean Pàrlamaideach air Eaconamaidh, Ionmhas, agus Amalachadh Eòrpach nam Bàlcan an Iar. Tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair le Fonndas Westminster airson Deamocrasaidh a tha a’ cur a thaice ri obair lìonra nam Bàlcan an Iar. 

Cùl-fhiosrachadh

An sàs anns a’ cho-labhairt tha ochd Pàrlamaidean à sia dùthchannan sna Bàlcain an Iar: Albania, Bosnia is Herzegovina, Poblachd Srpska, Poblachd Macedonia, Montenegro, Poblachd Serbia, le Poblachd Kosovo a’ coimhead air gnothaichean.

Leanaibh Comataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd air Truitrich 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.