An tug an t-seirbheis-smàlaidh shingilte buannachd dhan sgìre agaibh?

31.01.2014

Cha mhòr nach eil bliadhna ann bho thug Achd Ath-leasachadh a’ Phoileis agus Smàlaidh (Alba) 2012 ochd Seirbheisean-smàlaidh agus Teasairginn còmhla mar aon seirbheis. Tha Comataidh a’ Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh faighinn a-mach dè a’ bhuaidh a thug seo air coimhearsnachd ionadail le gairm airson fianaise a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Bhon ghluasad gu seirbheis shingilte, tha Seirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba air 32 de phlanaichean ionadail fhoillseachadh is iad a’ toirt nan amasan aca gus leasachadh a thoirt air sàbhailteachd do choimhearsnachdan agus do luchd-obrach; a’ dèanamh cinnteach gum bi an aon chothrom air seirbheisean-smàlaidh is teasairginn; a’ leasachadh thoraidhean tro chom-pàirteachas agus a’ cur mar chleachdadh ri leasachadh leanmhainneach.   

Tha Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh beachdan a chluinntinn a bheil coimhearsnachdan ionadail a’ faireachdainn gun deach comhairle gu leòr a chur riutha air na planaichean a thathar a’ moladh agus mar a tha iad den bheachd mar a bheir atharrachaidhean sam bith mu dhùnadh nan seòmraichean-riaghlaidh buaidh air an ùghdarras, am baile-mòr no am baile-beag.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA:

“Is ann air seirbheis a’ phoileis as motha a chaidh sùil a thoirt mar phàirt de dh’Achd Ath-leasachadh a’ Phoileis agus Smàlaidh (Alba) 2012 agus tha sinn ag iarraidh faighginn a-mach a-nis mar a chaidh buaidh a thoirt air seirbheis-smàlaidh leis na h-atharrachaidhean a thugadh a-steach sa Ghiblean a chaidh.

“Mar phàirt den phlana ro-innleachdail aige, tha rùn aig Seirbheis-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba nach bi ach aon ionad-trèanaidh nàiseanta aige agus àireamh nan seòmraichean-riaghlaidh a lùghdachadh gu trì. Ged a tha na h-atharrachaidhean seo mar fhreagairt air dùbhlanan a thaobh ionmhais, chan eil teagamh ach gun toir e buaidh air coimhearsnachdan ionadail air feadh na h-Alba. A bheil coimhearsnachdan den bheachd gu bheil seirbheis an smàlaidh aca air fàs nas fheàrr agus a bheil iad den bheachd gum faigh iad an aon chothrom air seirbheisean-smàlaidh is teasairginn agus a gheibh ceàrnaidh eile san dùthaich? Leigibh fios thugainn.”

Gheibhear cothrom air a’ ghairm airson fianaise air ath-leasachadh air seirbheis an smàlaidh tron cheangal gu h-ìseal agus bu chòir do na beachdan uile a bhith a-staigh air 4 Màrt 2014 air a’ char as fhaide:

Gairm fianais

 

Cùl-fhiosrachadh

Fo Achd Ath-leasachadh a’ Phoileis agus Smàlaidh (Alba) 2012, air 1 Giblean 2013, chaidh ochd Seirbheisean-smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba a thoirt còmhla gus Seirbheis shingilte Smàlaidh agus Teasairginn a chruthachadh.

Shònraich Riaghaltas na h-Alba trì buannachdan an lùib an ath-leasachaidh air smàladh. Sa chiad dol-a-mach, gus seirbheisean ionadail a dhìon is a leasachadh. Sa dara h-àite, barrachd den aon chothrom air seirbheisean sònraichte smàlaidh is teasairginn a chruthachadh air feadh na dùthcha agus, anns an dealachadh, an ceangal eadar seirbheis-smàlaidh is teasairginn agus coimhearsnachdan ionadail a neartachadh.

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.