Foghlam agus cultar ann an Alba an dèidh an referendum gu bhith air a sgrùdadh le comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba

30.01.2014

Thèid an cruth air foghlam agus cultar ann an Alba an dèidh toradh an referendum a sgrùdadh le Comataidh Foghlaim agus Cultair aig Pàrlamaid na h-Alba ann an rannsachadh a chaidh a chur air bhog an-diugh (Diardaoin 30 Faoilleach).

Seallaidh an rannsachadh ri sreath de cheistean air leth, a tha mòran dhiubh san deasbad mu bhun-reachd na h-Alba san ùine air thoiseach mar-thà. Is iad na cuspairean a thèid a sgrùdadh ri linn an rannsachaidh foghlam àrd-ìre is foghlam adhartach; na tràth-bhliadhnaichean, cùram-cloinne is comas-cosnaidh; agus craoladh is cultar.   

 Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Stiùbhart Maxwell BPA:

“Tha mòran deasbaireachd air a bhith ann mar-thà mu bhun-reachd na h-Alba san ùine air thoiseach agus an cumadh a bhios air Alba an dèidh bhòt seadh no chan eadh. Is e adhbhar an rannsachaidh seo beachdan nan eòlaichean a chluinntinn agus sealltainn air cuid de na ceistean ann am barrachd mionaideachd.

“Ge b' e dè a' bhòt a bhios ann san t-Sultain, cha bhi e ach cuideachail gun seall a’ Chomataidh againn air na ceistean ceangailte ri foghlam àrd-ìre is foghlam adhartach; na tràth-bhliadhnaichean, cùram-cloinne is comas-cosnaidh; agus craoladh is cultar a dh’fhaicinn dè an cumadh a dh’fhaodadh a bhith air an ùine romhainn.”

Cumaidh a’ Chomataidh sreath sheiseanan gus fianais ann an labhairt a thogail sa Mhàrt agus sa Ghiblean. Roimhe seo, tha a’ Chomataidh air gairm-fianais a sgaoileadh ag iarraidh bheachdan ann an sgrìobhadh air farsaingeachd chuspairean (bidh fiosrachadh slàn ri fhaotainn air làrach-lìn na Comataidh).   

Foghlam àrd-ìre is foghlam adhartach

 Gabhaidh a’ Chomataidh beachd air cuspairean leithid:

·         a’ bhuaidh air a’ phoileasaidh mun imrich-a-steach air oilthighean is colaistean na h-Alba

·         pàigheadh chìsean airson foghlaim adhartaich le oileanaich bhon chuid eile den Rìoghachd Aonaichte

·         comas oilthighean na h-Alba cothrom fhaighinn air maoineachadh-rannsachaidh na Rìoghachd Aonaichte agus mar a dh’fhaodadh formula ùr mu mhaoineachadh airson na chuireas Alba ri Comhairlean-rannsachaidh obrachadh ann an gnìomh.

Na tràth-bhliadhnaichean, cùram-cloinne is comas-cosnaidh don òigridh

Gabhaidh a’ Chomataidh beachd air cuspairean leithid:

·           na buannachdan do chlann, do theaghlaichean agus do dh’eaconamaidh na h-Alba san fharsaingeachd à tasgadh ann an cùram-cloinne

·      an gabhadh na ceanglaichean eadar na tionnsgnaidhean mu chomas-cosnaidh don òigridh ann an Alba agus anns an Rìoghachd Aonaichte an-dràsta leasachadh.

 Craoladh is cultar

Gabhaidh a’ Chomataidh beachd air cuspairean leithid:

  •  na h-ullachaidhean practaigeach, reachdail, teicnigeach agus ionmhasail a bhiodh a dhìth gus Seirbheis Craolaidh Albannach a stèidheachadh  
  • a’ bhuannachd a dh’fhaodadh tighinn do dh’Alba na rachadh an toradh cultarail is cruthachail aice a chur an cinn na b’fharsainge  
  • mar a dh’fhaodadh, nan robh bhòt seadh ann, cumhachdan ùra thairis air an eaconamaidh agus lìon dioplòmasach is malairt thall thairis roinnean cultarail is cruthachail na h-Alba a bhrosnachadh.

 

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun ghairm fianais air duilleag-lìn na Comataidh:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/29800.aspx

 

 

 

Fios conaltraidh

Fiosrachadh conaltraidh

 

  • Linda Peters: 0131 348 6269
  • Fàilte ro Text Relay

 

linda.peters
@scottish.parliament.uk

 Committee information

 

  • Terry Shevlin: 0131 348 5204
  • Fàilte ro Text Relay

 

terry.shevlin
@scottish.parliament.uk

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.