Talla a’ Bhaile, Dùn Breatann, mar shuidheachadh airson coinneamh Pàrlamaid na h-Alba air taigheadas

27.01.2014

 Bidh Talla a’ Bhaile mar shuidheachadh do choinneamhan le Comataidh Bun-structair agus Cur an Sealbh Calpa aig Pàrlamaid na h-Alba air Bile Taigheadais (Alba) an ath mhìos. Tha seo mar phàirt de dh’obair Làithean na Pàrlamaid a bhios a’ tachairt ann an Dùn Breatann Diluain 24 Gearran.

Cumaidh a’ Chomataidh sreath de choinneamhan neo-fhoirmeil le buidhnean luchd-gabhail agus comainn-taigheadais ionadail mus tòisich a’ choinneamh fhoirmeil aice ann an Talla a’ Bhaile aig sia uairean feasgar. 

 

Sa choinneimh fhoirmeil a tha fosgailte don phoball, cluinnidh a’ Chomataidh beachdan luchd-fhianaise a’ riochdachadh leas luchd-ghabhail mu na ceuman am broinn a’ Bhile. An dèidh seo, bidh seisean goirid le pannal, a’ leigeil le muinntir an àite na ceistean aca a chur mu chùisean taigheadais a tha am Bile a’ feuchainn ri gnothach a ghabhail riutha.

 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Bun-structair agus Cur an Sealbh Calpa Maureen Watt BPA

 

“Tha a bhith a’ cluinntinn bho mhuinntir an àite mu na ceistean a tha a’ bualadh orra cudromach do gach comataidh aig a’ phàrlamaid. Tha a’ Chomataidh againn air a’ choinneamh seo a chur air dòigh tràth san fheasgar, don chiad turas do Chomataidh aig a’ Phàrlamaid, gus feuchainn ri dèanamh cinnteach gun nochd uimhir a dhaoine agus a ghabhas.

 

“Tha sinn a’ sealltainn air a’ Bhile Thaigheadais an-dràsta. Tha e a’ bualadh air daoine aig a bheil dachaighean air mhàl, a’ leigeil dhachaighean a-mach, luchd-leigeil, daoine aig a bheil pàircean do dhachaighean-siubhail agus an fheadhainn aig a bheil na dachaighean-siubhail fhèin. Bu mhath leinn cluinntinn ma-thà bho mhuinntir Dhùn Breatann agus mun cuairt air ciamar a bhios am Bile seo a’ bualadh orra agus bidh sinn a’ cur dheasbadan foirmeil air dòigh aig Talla a’ Bhuirgh ach am faod seo tachairt.  

 

“Don Chomataidh agam, a bhios a’ sealltainn air seirbheisean bun-structair a bhios ris am bi daoine is gnìomhachasan an urra gach latha leithid bann-leathann, rathaidean, àite-fuirich, tha e air leth cudromach dhuinn gun cluinn sinn beachdan muinntir an àite.”

 

Tha cuireadh gu daoine fios a chur dhan Chomataidh ma tha ceistean sam bith aca a’ buntainn ris a’ Bhile a tha iad ag iarraidh air a’ Chomataidh sealltainn orra. Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo: 

 

Bile Taigheadais (Alba)

 

Am measg nan gnìomhachdan eile a bhios a’ tachairt ann an Dùn Breatann mar phàirt de Latha na Pàrlamaid tha sreath choinneamhan le buidhnean ionadail leis an Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr Tricia Marwick BPA agus cuairtean gu sgoiltean ionadail le Buill agus luchd-obrach bhon Phàrlamaid.

 

Tha Latha na Pàrlamaid ag amas air a bhith a’ toirt na Pàrlamaid a-mach à Dùn Èideann, biodh e air gnothach ‘oifigeil’ leis a’ Phàrlamaid no air ìre gun a bhith cho foirmeil.

 

Bheir e cothrom do dhaoine coinneachadh ris a h-uile duine a tha an sàs anns a’ Phàrlamaid: Buill, an t-Oifigear Riaghlaidh agus luchd-obrach na Pàrlamaid.   

 

Tha Latha na Pàrlamaid aig cridhe ro-innleachd na Pàrlamaid mu cheanglaichean don cheathramh seisean aice. Thathar a’ cumail suas ri trì Làithean Pàrlamaid sa bhliadhna agus thathar an dòchas gum bithear air Latha Pàrlamaid a chumail anns a h-uile gin de na h-ochd roinnean aig Pàrlamaid na h-Alba ro dheireadh an t-seisein a tha ann an-dràsta.

 

Tha Latha na Pàrlamaid ag amas air a bhith a’ toirt na Pàrlamaid gu coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, daoine a bhrosnachadh gus ùidh a ghabhail agus a dhol an sàs gu dìreach ann an obair na Pàrlamaid aca.

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Tha na tiogaidean airson coinneamh na Comataidh an-asgaidh agus faodar an cur an dara taobh ro làimh le bhith a’ cur fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail Pàrlamaid na h-Alba air:

  • sp.bookings@scottish.parliament.uk 
  • 0131 348 5200 
  • 0800 092 7600 (luchd-cleachdaidh Textphone: 0800 092 7100) 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

 

  • Sally Coyne: 0131 348 6265
  • Fàilte ro Text Relay
  • Sally.Coyne@scottish.parliament.uk

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.