Luchd-fianais air ainmeachadh airson rannsachadh Comataidh an Eaconamaidh mu na tha an dàn do dh’eaconamaidh na h-Alba san ùine air thoiseach

22.01.2014

Bithear ag iarraidh  beachdan dhaoine aig àrd-ìre ann an saoghal poilitigs, gnìomhachais agus foghlaim mu na tha an dàn do dh’eaconamaidh na h-Alba an dèidh 2014 mar phàirt de rannsachadh le Comataidh Eaconomaidh Pàrlamaid na h-Alba.

Aig a’ chiad seisean fianais leis a’ Chomataidh air 19 Gearran, bheir Prìomh Rùnaire Roinn an Ionmhais, am Fìor Urr Danny Alexander BP, beachdan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte seachad. Gabhaidh a’ Chomataidh an uair sin ri fianais bhon Leas-phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon BPA agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, Fastadh agus Fàs Sheasmhaich, Iain Swinney BPA.

 

 

 

Thèid luchd-ceannais gnìomhachais a cheasnachadh mun t-sealladh a tha aca airson na h-eaconamaidh aig coinneamh na Comataidh air 26 Gearran. Am measg an luchd-fianais bidh Rupert Soames bho Aggreko, Maitland Mackie bho MacKie’s of Scotland, Ben MacThòmais bho Inverleith Capital LLP agus Jim MacColla bho Clyde Blowers.

 

 

 

Cluinnidh a’ Chomataidh beachdan teòma cuideachd bho luchd-foghlaim agus bho bhuidhnean-beachdaidh eaconamach à Alba agus bhon Rìoghachd Aonaichte a thaobh mar a chì iad an eaconamaidh ag obair ma bhios bhòt seadh no chan eadh ann. Bheir buidheanan, agus Institiùid nan Sgrùdaidhean Fiosgail, Buidheann-obrach a’ Choimisein Fhiosgail agus an Institiùid Nàiseanta air Rannsachadh Eaconamach is Sòisealta nam measg, fianais don Chomataidh air 5 Màrt.

 

 

 

Bheir riochdairean bho dhà bhuidheann-iomairt – Yes Scotland agus Better Together – beachdan seachad cuideachd aig deireadh an rannsachaidh.

 

 

 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùtha agus Cùmhachd Murchadh Friseal BPA:

 

 

 

“Tha an rannsachadh seo a’ gabhail gnothaich ri ceistean a tha aig cridhe na deasbaireachd mun bhun-reachd againn. Tha sinn an dòchas le bhith a’ cluinntinn bho luchd-fianais aig ìre àrd a tha nan eòlaichean anns an raon aca gun cruthaich sinn cothrom air deasbad air feadhainn de na ceistean mòra a tha os cionn nan uile sna meadhanan an-dràsta.”

 

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Tha liosta làn an luchd-fhianaise a bheir fianais seachad don chiad cheithir coinneamhan aig a’ Chomataidh mun rannsachadh mar a leanas:

 

 

19 Gearran 2014 – Ministearan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba

 

Pannal 1

 

Prìomh Rùnaire Roinn an Ionmhais, am Fìor Urr Danny Alexander BP

 

 

 

Pannal 2

 

Leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon BPA

 

Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, Fastaidh agus Fàs Sheasmhaich, Iain Swinney BPA 

 

 

 

26 Gearran 2014 – luchd-gnìomhachais

 

Pannal 1

 

·      Rupert Soames, Aggreko

 

·      Norman Springford, Taighean-òsta Apex Hotels

 

·      Maitland Mackie, MacKie’s of Scotland

 

·      Robert D. Kilgour, Ceannard Dow Investments agus Cathraiche Renaissance Care Scotland

 

 

 

Pannal 2

 

·      Jim MacColla, Clyde Blowers

 

·      Màiri Macklin, Klin Group

 

·      Gòrdan Mac an t-Saoir-Kemp, Business for Scotland

 

·      Dan Dòmhnallach, Oighreachd MhicDhòmhnaill

 

 

 

Pannal 3

 

·      Ben MacThòmais, Inverleith Capital LLP

 

·      Hugh Andrew, Birlinn Press

 

·      Luchd-fianaise eile ri bhith air an daingneachadh

 

 

 

5 Màrt 2014 – buidhnean-beachdachaidh eaconamach, luchd-foghlaim agus an Coimisean Fiosgail

 

Pannal 1

 

·      Pòl MacIain, Institiùid nan Sgrùdaidhean Fiosgail

 

·      An t-Àrd Ollamh Jo Armstrong, Ionad Poileasaidh Poblach nan Roinnean

 

·      An t-Oll Aonghas Armstrong, Institiùid Nàiseanta mu Rannsachadh Eaconamach agus Sòisealta

 

 

 

Pannal 2 (Coimisean Fiosgail)

 

·      Crawford Beveridge, Cathraiche

 

·      An t-Àrd Ollamh Anndra Hughes Hallett, Oilthighe Chille Rìmhinn agus Ball den Choimisean Fhiosgail

 

 

 

Pannal 3

 

·      An t-Àrd Ollamh Dàibhidh Bell, ESRC fellow, Oilthigh Shruighlea

 

·      An t-Àrd Ollamh Dàibhidh Simpson

 

·      An t-Àrd Ollamh Teàrlach Jeffery, Oilthigh Dhùn Èideann

 

 


12 Màrt 2014 – poileasaidh airgid

 

·      Sir Iain Gieve, a bha na leas-riaghladair air Banca Shasainn

 

·      An t-Àrd Ollamh Raghnall Dòmhnallach, Oilthigh Ghlaschu

 

·      An t-Ollamh Monique Ebell, Institiùid Nàiseanta mu Rannsachadh Eaconamach agus Sòisealta

 

·      An t-Àrd Ollamh Anton Muscatelli, neach-eaconamachd poilitigeach (a’ nochdadh às a leth fhèin)

 

 

 

21 Cèitean – buidhnean-iomairt

 

Pannal 1

 

Am Fìor Urramach Alasdair Darling BP agus Blàr MacDhùghaill, Better Together

 

 

 

Pannal 2

 

Dennis Ó Ceannabháin (Canavan) agus Blair Jenkins, Yes Scotland

 

 

 

 

 

Tha an rannsachadh seo gu bhith a’ gabhail fianais gus an t-Ògmhios. Thèid luchd-fianaise airson nan seiseanan nas fhaide air adhart ainmeachadh sna seachdainean air thoiseach. Bheir na seiseanan seo sùil air raon cheistean mu bheil fiosrachadh ann an raon-ùghdarrais an rannsachaidh, agus nam measg:

 

 

 

·         cùisean chìsean, caiteachais, iasadan agus fhiachan

 

·         roinnean eaconamach, riaghladh, malairt agus margadh an luchd-obrach

 

·         ceistean mu shochair agus mu cho-ionannachd

 

·         lùth, eadar ola, gas agus stuth ath-nuadhachaidh

 

·         ceistean AE agus eadar-nàiseanta, le leasan bho dhùthchannan thall thairis

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.