Comataidh a’ Phoileis air chuairt air feadh Alba

13.01.2014

Thèid buill de dh’Fho-chomataidh a’ Cheartais mun Phoileas air cuairt-rannsachaidh air feadh na h-Alba a’ tòiseachadh an-diugh ann an Dùn Phris.

Tadhlaidh iad air Eilginn agus air Gleann Rathais an ath sheachdain mar chuid de sgrùdadh na Comataidh air a’ bhuaidh a bheir ath-leasachadh air a’ phoileas air obair a’ phoileis gu h-ionadail. 

 

Tha an Fho-chomataidh ag iarraidh faighinn a-mach a bheil piseach air tighinn air seirbheisean a’ phoileis gu h-ionadail, an do dh’fhuirich iad mar a bha iad no an do dh’fhàs iad na bu mhiosa bho nochd Poileas na h-Alba air 1 Giblean 2013. Tha i cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach an deach seirbheisean a dhealbhadh gus aghaidh a thoirt air na feumalachdan sònraichte aig sgìrean ionadail agus an robh atharrachadh sam bith air dòigh-dèiligidh bhon Ghiblean a chaidh. 

 

Coinnichidh buill na Fo-chomataidh ri raon sgiobaidhean-stiùiridh roinneil, oifigearan-coimhearsnachd, luchd nan comhairlean-coimhearsnachd agus sgiobaidhean-sàbhailteachd mar chuid de na cuairtean ann an ceann a deas, ann am meadhan agus ann an ceann a tuath na h-Alba. 

 

Thuirt Neach-gairm Fo-chomataidh a’ Cheartais mun Phoileas, Cairistìona Ghreumach BPA: 

 

“Thathar air mòran bheachdan a nochdadh gu bheil obair a’ phoileis gu h-ionadail fo ionnsaigh, le molaidhean gun tèid oifisean aig a’ phoileas a dhùnadh agus àrdachadh a rèir choltais air stad-is-rannsaich. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn dhuinn fhèin bhon phoileas an sàs a bheil obair a’ phoileis  nas fheàrr no nas miosa no an e nach eil atharrachadh sam bith air a bhith ann bho chaidh Poileas na h-Alba a chruthachadh. 

 

“Bidh na beachdan aca fhèin aig coimhearsnachdan ann am bailtean beaga is mòra air feadh na h-Alba cuideachd, agus is e sin as coireach gum bi sinn cuideachd a’ bruidhinn ri comhairlean-coimhearsnachd agus Victim Support a chluinntinn mu na dh’fhiosraich iad mu na h-ullachaidhean ùra. Cuidichidh na beachdan a thogas sinn ris an obair againn san àm air thoiseach air obair a’ phoileis gu h-ionadail.” 

 

Cuairtean-rannsachaidh

 

Air 13 Faoilleach, tadhlaidh Graeme Pearson BPA agus Mairead Mitchell BPA air Dùn Phris. Air 20 Faoilleach, tadhlaidh Iain Finnie BPA agus Caoimhin Stiùbhart BPA air Eilginn, agus tadhlaidh Alison NicAonghais BPA agus Neach-gairm na Comataidh Cairistìona Ghreumach BPA air Gleann Rathais air an aon latha. 

 

Cùl-fhiosrachadh

 

Is e seo fo-chomataidh aig Comataidh a’ Cheartais a chaidh a stèidheachadh gus sùil a chumail air obrachadh Achd Ath-leasachadh a’ Phoileis agus Smàlaidh (Alba) 2012 mar a bhuineas i ri obair a’ phoileis. Tha cruthachadh na fo-chomataidh a’ toirt a-mach feumalachd am broinn Achd 2012 gun dèan Pàrlamaid na h-Alba ullachaidhean a thaobh sùil a chumail agus aithisg a thoirt air obrachdh na h-Achd. Tha an Achd air aon fheachd nàiseanta a chur an àite nan ochd feachdan roinneil aig a’ phoileas ann an Alba, Seirbheis Poileas na h-Alba, air an cùm Ùghdarras Poileas na h-Alba sùil.

 

Thathar air buill na Fo-chomataidh a thaghadh à Comataidh a’ Cheartais, Comataidh Riaghaltais Ionadail is Ath-ùrachaidh agus Comataidh Co-ionannachd Chothroman gus ùidh nan comataidhean seo ann an obair a’ phoileis a riochdachadh.

 

Meadhan

 

Bu chòir do luchd nam meadhanan a tha ag iarraidh dealbhan a thogail no agallamh a chumail ri Buill air na cuairtean fios a chur gu Ann Donald air an àireamh gu h-ìseal.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.