Beagan sgioblachaidh a dhìth air modal ùr gus sùil a chumail air prìosanaich a rèir Comataidh a’ Cheartais

13.01.2014

Tha atharrachaidhean a thathar a’ moladh a chuireadh às do Chomataidhean Cuairtean Phrìosanan air an stiùireadh le luchd saor-thoileach agus a chuireadh nan àite dà ìre de luchd-sgrùdaidh le pàigheadh is gun phàigheadh, air a bhith air an ceasnachadh le Comataidh a’ Cheartais ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha na Comataidhean Cuairtean Phrìosanan a tha ann an-dràsta nam buidhnean reachdail a chumas sùil air cor nam prìosanan agus a bhios a’ sgrùdadh iarrtasan is gearanan le prìosanaich. Chruthaicheadh an reachdas a thathar a’ moladh dà dhreuchd ùr de luchd-sgrùdaidh phrìosanan le pàigheadh is gun phàigheadh, a thigeadh le chèile fo rianachd Àrd-neach-sgrùdaidh A Mòrachd air Prìosanan na h-Alba. 

Anns an aithisg aice air dreachd Òrdan Ath-leasachadh Sheirbheisean Poblach (Comataidhean Cuairtean Phrìosanan (Alba) 2014 a thathar a’ moladh, tha Comataidh a’ Cheartais air dragh a chur an cèill a thaobh mar a ghleidheas an dà sheòrsa de sgrùdadh neo-eisimeileachd ann an obrachadh mas e gun tig iad fo Ard-neach-sgrùdaidh nam Prìosanan. 

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh dèanamh cinnteach gum bi prìosanaich mothachail air an diofar eadar an dà sheòrsa de luchd-sgrùdaidh agus na dleastanasan a tha aca.
 
Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais
Cairistìona Ghreumach BPA:

“Ged a tha a’ Chomataidh againn a’ cur fàilte air a’ cheum gus a dhèanamh cinnteach gum bi sgrùdadh air prìosanan ann an Alba a rèir *protocol nan Dùthchannan Aonaichte an aghaidh creòtachd (torture), tha ceist oirnn cuideachd mu na h-ullachaidhean a thathar a’ moladh.

“Chan eil sinn cinnteach gu bheil feum air dà ìre de sgrùdadh agus mas e gum bi dreuchdan diofraichte aig luchd-sgrùdaidh le pàigheadh is gun phàigheadh, leithid ann a bhith a’ gabhail gnothaich ri ceistean aig prìosanaich, dh’fhaodadh e breisleach dha-rìribh a chruthachadh am measg nam prìosanach.

“Feumaidh dealachadh soilleir a ghabhas tuigsinn a bhith ann eadar dreuchdan an luchd-sgrùdaidh. Ma thathar, mar eisimpleir, ri burraidheachd air prìosanach, is dòcha nach biodh e a’ faireachdainn gum faodadh e earbsa a chur ann an oifigear pàighte, ach gum faodadh e bruidhinn ri neach-sgrùdaidh saor-thoileach a bhios a’ tadhal air a’ phrìosan gu cunbhalach.” 

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh an dreachd a thathar a’ moladh air Òrdan Ath-leasachadh Sheirbheisean Poblach (Comataidhean Cuairtean Phrìosanan) (Alba) 2014 (“dreachd an Òrdain”) a leagail Dihaoine 4 Dàmhair 2013. 

Tha dreachd an Òrdain a’ dèanamh atharrachaidhean air Achd nam Prìosanan (Alba) 1989 gus cur às do Chomataidhean Cuairtean Phrìosanan agus dreuchdan luchd-sgrùdaidh phrìosanan le pàigheadh is gun phàigheadh a chruthachadh, a thèid an dithis aca a chur ann an dreuchd le Àrd-neach-sgrùdaidh A Mòrachd air Prìosanan na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh a’ toirt freagairt air co-chomhairleachadh reachdail air dreachd an Òrdain. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba an aithisg seo a chur anns an àireamh mus nochd e an t-Òrdan deireannach air an gabh a’ Phàrlamaid beachd.

*Protocol Roghainneil gu Còmhdhail nan Dùthchannan Aonaichte an Aghaidh Creòtachd (OPCAT)

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.