Faighnichidh Comataidh Co-ionannachd Chothrom, a bheil athraichean singilte a’ faighinn cothrom na Fèinne?

11.01.2014

A bheil athraichean singilte a’ faighinn cothrom na Fèinne? Sin a’ cheist a tha Comataidh Co-ionannachd Chothrom a’ cur an-diugh agus iad air rannsachadh mu cheistean a bhios ro athraichean singilte a chur air bhog.

A dh’aindeoin ’s gu bheil cha mhòr 30,000 athair singilte ann an Alba, tha dìth-fiosrachaidh ann mu na dùbhlain pragtigeach, sòisealta is airgid fa leth a bhios romhpa, rud eadar-dhealaichte o shuidheachadh mhathraichean singilte. 

Tha Comataidh Co-ionannachd Chothrom aig Pàrlamaid na h-Alba airson ’s gun tèid na beàrnan seo a lìonadh agus tha iad air iarrtas air fianais fhoillseachadh a dh’fhaighnicheas de dh’athraichean singilte agus de dh’athraichean aig a bheil cùram roinnte freagairt a thoirt seachad a thaobh mar a chaidh dhaibh fhèin. 

Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn mu dheidhinn ceist àraidh làitheil sam bith cho math ri na dùbhlain a bhios ro athraichean anns an ionad-obrach, no ann an suidheachadh teaghlaich no sòisealta. A bheil dùbhlain sònraichte ceangailte ri airgead no suidheachaidhean a thaobh ruigsinneachd is cùram an cuid cloinne? Dè seòrsa taic is seirbheisean a tha ann do dh’athraichean singilte, ’s a bheil iad seo a’ coileanadh am feumalachdan? Am faigh athraichean singilte cothromachd-ruigsinneachd air raon nan goireasan poblach ’s iad a-muigh len cuid cloinne? 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead NicCullaich BPA: 

“Tha fhios againn gu bheil tuilleadh theaghlaichean le athraichean singilte mar cheann orra na riamh roimhe, ach chan eil dealbh cuimseach ann dhe na bhios an dàn do dh’athraichean singilte agus do dh’athraichean le cùram roinnte a thaobh an cuid cloinne ann an Alba. Is rud e sin a tha ar rannsachadh ag amas air atharrachadh. 

“Ged a tha sinn fortanach gu leòr Christian Allard BPA – fear a bha thall ’s a chunnaic, rud luachmhor a thaobh ar rannsachaidh – a bhith air ar Comataidh, tha sinn glè mhòr airson ’s gun cluinn sinn o na ciadan de dh’athraichean singilte eile thar Alba mu na dùbhlain pragtigeach, sòisealta is pearsanta fa leth a bhios romhpasan cuideachd.” 

Ruigear gairm airson fianais mu athraichean singilte tron cheangal shìos, agus tha seo fosgailte gu ruige 21 Gearran 2014: 

Comataidh Co-ionannachd Chothrom 

Cùl-fhiosrachadh 

Ann an 2012, b’ iad athraichean nan aonar cinn air 400,000 teaghlach, a’ riochdachadh 13.5% dhen a h-uile teaghlach le aon phàrant san RA a-rèir Oifig nan Staitistigean Nàiseanta (OSN). Le meud cuibheasach teaghlaich aig 2.32, tha am fiogar sin a’ riochdachadh 927,000 neach san RA. 

Tha 29,932 pàrant fireannach aonair aig a bheil clann a tha an eisimeil agus gun a bhith an eisimeil orra ann an Alba, a-rèir Suirbhidh an Luchd-obrach o Oifig nan Staitistigean Nàiseanta. 

Tòisichidh Comataidh Co-ionannachd Chothrom air fianais-bheòil a ghabhail mar phàirt dhen rannsachadh aca ann an Earrach 2014. 

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.