03.12.2013
Tha Pàrlamaid na h-Alba uair eile gus àrd-choinneamh mu chultar eadar-nàiseanta a chumail, a bheir buidhnean-riochdachaidh còmhla às gach ceàrnaidh den chruinne gus sgrùdadh is deasbad a dhèanamh air mar a dh’fhaodas cultar còmhraidhean eadar-nàiseanta a bhrosnachadh.
Thèid an Àrd-choinneamh a chumail aig Taigh an Ròid Didòmhnaich 10 Lùnastal gu Dimàirt 12 Lùnastal agus i mar thoradh air com-pàirteachas eadar Pàrlamaid na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Comhairle Bhreatainn agus Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann.
Agus i a’ cur an cèill gum biodh an Àrd-choinneamh a’ tilleadh ri Taigh an Ròid, thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:
“Tha Pàrlamaid na h-Alba cho toilichte a bhith an ceannas air an tachartas mhòr seo a-rithist. Ann an 2012, chuala sinn cunntasan dìoghrasach bho air feadh na cruinne air mar a tha cultar air beàrnan a dhùnadh agus daoine a thoirt còmhla timcheall air adhbhar coitcheann. Cuiridh tachartas na h-ath bhliadhna ri stèidh làidir is soirbheachadh 2012 agus tha fiughair mhòr agam ri bhith a’ cur fàilte air riochdairean gu Taigh an Ròid.”
Thuirt Rùnaire Cultar aig Riaghaltas na h-Alba Fiona Hyslop BPA:
“Shoirbhich gu mòr le Àrd-choinneamh Cultair Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann 2012 – na co-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus Pàrlamaid na h-Alba – le 33 buidhnean-riochdachaidh eadar-nàiseanta a’ deasbad is a’ deasbaireachd an àite a tha aig cultar mar mheadhan air còmhradh eadar-nàiseanta.
“Chomharraich agus neartaich an Àrd-choinneamh cliù na h-Alba air feadh na cruinne airson cruthachalachd, tionnsgalachd agus mac-meanmna.
“Chuir na com-pàirtichean romhpa mar sin an Àrd-choinneamh a chumail turas eile, gu sònraichte iomchaidh nuair a tha sùilean an t-saoghail air Alba mar-thà airson Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu agus tachartasan eile ann an 2014. Nochdaidh an Àrd-choinneamh Alba mar ionad beothail eadar-nàiseanta ri linn Fèillean Dhùn Èideann ann an Lùnastal cuideachd.”
Thuirt Sir Jonathan Mills, Stiùiriche na Fèille, Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann:
“Tha soirbheachadh a’ chiad Àrd-choinneamh Chultair Eadar-nàiseanta ann an Dùn Èideann fhathast ri fhaireachdainn ann an Alba agus air feadh an t-saoghail agus tha mi cho toilichte gun tèid againn air cur ris na h-euchdan sin leis an dara Àrd-choinneamh ann an 2014.
“Bidh an Àrd-choinneamh ag amas air àite a chruthachadh far am faod luchd-ealain is luchd-ceannais an t-saoghail tighinn còmhla agus an t-àite is an luchd an lùib cultar a dheasbad.
“Tha fiughair againn ri bhith a’ cur fàilte air buidhnean-riochdachaidh cultarail agus luchd-breithneachaidh às gach ceàrnaidh den t-saoghal gus a dhol an sàs ann an còmhradh is deasbad eadar luchd-poileasaidh is luchd-ealain.
“Agus gun teagamh chan eil suidheachadh nas fheàrr airson a’ chòmhraidh seo na am measg ionad mòr cultarail na cruinne ann an Dùn Èideann san Lùnastal.”
Thuirt Rùnaire-stàite na Rìoghachd Aonaichte ri Cultar, na Meadhanan agus Spòrs, Maria Miller:
“Tha fiughair againn ri cuireadh a thoirt do mhinistearan-cultair air feadh an t-saoghail don Rìoghachd Aonaichte don Àrd-choinneamh chultarail chudromach seo. Bidh Dùn Èideann a’ cumail Fèillean cliùiteach Dhùn Èideann gach bliadhna – suidheachadh barraichte airson deasbaireachd air mar a bhios na dùthchannan againn a’ cur luach air cultar agus ga sgapadh.
“Le bhith ag obair le com-pàirtichean, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Bhreatainn nam measg, bheir an Àrd-choinneamh an cothrom dhuinn cuideachd an tàlant cultarail annasach is mìorbhaileach a tha ri fhaicinn air feadh na Rìoghachd Aonaichte a thaisbeanadh. Tha na gnìomhachasan cultarail is cruthachail againn gun choimeas idir agus bheir seo cothrom eile dhuinn sin a nochdadh ris a’ chòrr den t-saoghal.”
Thuirt Martin Davidson, Ceannard, Comhairle Bhreatainn:
“Tha e na thoileachas mòr do Chomhairle Bhreatainn dol an com-pàirteachas turas eile le Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus Pàrlamaid na h-Alba air Àrd-choinneamh Cultar Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann. Ann am bliadhna Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis, tha e iomchaidh gun tig coimhearsnachd na cruinne còmhla a-rithist ann an Alba gus deasbad a dhèanamh air mar as urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus cothroman cultarail is foghlaim a chruthachadh do dhaoine às gach dùthaich. Mar a rinn i ann an 2012, tha dùil agam gum brosnaich an Àrd-choinneamh beachdan is deasbad cho math ri co-obrachadh ùr is dòighean-obrach ùra.”
Cùl-fhiosrachadh
Chùm Pàrlamaid na h-Alba, ag obair le 4 com-pàirtichean – Fèill Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Comhairle Bhreatainn, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte – Àrd-choinneamh 2012 Diluain 13 is Dimàirt 14 Lùnastal 2012.
B’ e cuspair coitcheann a’ chruinneachaidh “Cultar mar mheadhan air còmhradh eadar-nàiseanta”. Chaidh a stèidheachadh air trì earrannan ro-innleachdail is farsaing:
- An t-àite a tha aig ealain is cultar gus an tuigse a tha againn air càirdeas toinnte eadar cultaran is dùthchannan a dhoimhneachadh is a leudachadh.
- Cumail ri taic phrìobhaideach is phoblach ri cultar.
- Eòlas airson na h-ùine romhainn, airson nan gnìomhachas cruthachail agus an t-àite a tha aig teicneòlas.
Thairis air an dà latha chaidh 33 dùthchannan a riochdachadh aig a’ chruinneachadh le 24 de Mhinistearan an làthair.
Contact information
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: