Buinn Charnegie airson Gràdh-daonna air am buileachadh aig Pàrlamaid na h-Alba

17.10.2013

Gheibh an fheadhainn air an do bhuilicheadh Duais Gràdh-daonna (philanthropy) Charnegie, am fear-iomairt Albannach an Ridire Tom Hunter nam measg, na buinn aca aig comharrachadh urramach an-diugh (Diardaoin 17 Dàmhair) aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an duais gach dara bliadhna, air a bheilear a’ gabhail gu tric ‘Duais Nobel airson Gràdh-daonna’ mar aithneachadh air an fheadhainn a chuireas beairteas prìobhaideach agus gliocas ann an gnìomhachas gu feum airson maith a’ phobaill. Is e seo dìreach an dara turas a chaidh an comharrachadh a chumail an taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte, agus chaidh a’ chiad turas a chumail ann an 2005 nuair a bha Pàrlamaid na h-Alba a-rithist na cheann.  

Is e an fheadhainn a fhuair an duais am-bliadhna:

  • A’ chiad bhillionaire a bhuineas do dh’Alba bho dhùthchas, an Ridire Tom farmer, a fhuair ridireachd ann an 2005 air sgàth na rinn e airson iomairt agus gràdh-daonna agus a chuir Stèidheachadh Hunter air bhonn.
  • Dr. James Harris Simons, fear-matamataig Americanach – còmhla ri bhean an t-eaconamaiche Dr. Marilyn Simons. Is e esan a tha air chùl Math for America agus, còmhla ri bhean, a chuir Stèidheachadh Simons air bhonn.
  • Dr. Dmitry Zimin, a stèidhich an dara gnìomhachas as motha ri cian-chonaltradh anns an Ruis. Ann an 2002, chuir e Stèidheachadh Dynasty air bhonn, a’ chiad teaghlach gràdh-daonna san linn an dèidh nan Sovietach anns an Ruis.
  • Muinntir Wolfson, a chuir Stèidheachadh Wolfson air bhonn, a tha air còrr is £750 millean a bhuileachadh mar thabhartasan do bharrachd is 10,000 de phròiseactan thairis air an 58 bliadhna a chaidh.
  • A Soillse Sheikha Moza bint Nasser, Cathraiche Stèidheachadh Qatar Foundation airson Foghlaim, Saidheans is Leasachadh-coimhearsnachd. Am measg obraichean an Stèidheachaidh tha Baile-mòr an Fhoghlaim anns a bheil 14 millean meatairean ceàrnach agus oilthighean is ionadan cliùiteach. Tha i air a bhith gu mòr air thoiseach ann am foghlam agus ann an leasachadh sòisealta san dùthaich aice fhèin.

Thèid duais muinntir Wolfson a ghabhail le Dame Janet Wolfson de Botton DBE, cathraiche Stèidheachadh Wolfson Foundation, agus gabhaidh A Soillse Sheikha Hind bint Hamad bin Khalifa Al-Thani bonn A Soillse Sheikha Moza bint Nasser’s às a leth.

Agus i a’ bruidhinn ron chomharrachadh, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA :

“An t-seachdain seo, dh’fhosgail a’ Phàrlamaid taisbeanadh a bheir sùil air dìleab gràdh-daonna Anndra Charnegie thairis air a’ cheud bhliadhna a chaidh seachad. An-diugh, tha sinn a’ cur fàilte air gràdhaichean-daonna an latha an-diugh chun an t-Seòmair againn, daoine a lean lorg Charnegie agus a chuir an cuid saidhbhreis gu feum gus buaidh adhartach a thoirt air an t-saoghal. Tha mi cinnteach gun robh comharrachadh an latha an-diugh air còrdadh ri Carnegie agus tha mi an dòchas gun spreag sgeulachdan an luchd-bhuannachaidh ginealach ùr de ghràdhaichean-daonna.”

Agus e ann 12 bliadhna a-nis, aig a’ chomharrachadh am-bliadhna bidh òraid le Pierre Omidyar, fear-iomairt is gràdhaiche-daonna a tha ainmeil mar an duine a stèidhich agus a tha na chathraiche air eBay, agus a fhuair Bonn Gràdh-daonna Charnegie ann an 2011. An ceann a’ ghnothaich bidh an craoladair, Kirsty Young.

Tha tachartas na bliadhna seo cuideachd na chomharradh air stèidheachadh Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Aonghas Hogg, Cathraiche Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, a chuir comharrachadh buileachadh nan duaisean am-bliadhna air bhonn:

“An-diugh is e Bonn Gràdh-daonna Charnegie an duais as comharraichte ann an gràdh-daonna air feadh na cruinne, agus e air a dhealbhadh mar urram don fhear air an deach ainmeachadh, Anndra Carnegie. Tha an duais ga brosnachadh leis a’ mhiann a bha aige a chuid saidhbhreis a thasgadh ann an dòigh, mar a thuirt e fhèin, ‘a dhèanadh math seasmhach dha-rìribh anns an t-saoghal seo’.   

“Tha an fheadhainn a fhuair an duais am-bliadhna air gabhail gu mòr ris an fheallsanachd aige. Tha na h-oidhirpean ann an gràdh-daonna aca a’ bualadh air foghlam, saidheans, iomairt agus na h-ealainean. Tha e na urram mòr mòr dhuinn an duais seo a bhuileachadh air na daoine seo, agus tha sinn a’ cur meal-an-naidheachd orra a-rithist airson na h-ìre nach beag a chuir iad ri deagh adhbharan air feadh na cruinne.”

Contact information

Media contact:

Media images:

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.