‘Anndra Carnegie: an dìleab a dh’atharraich an saoghal’ air fhosgladh aig Taigh an Ròid

15.10.2013

Thèid an dìleab a dh’fhàg an gràdhaiche-daonna (philanthropist) Albannach-Americanach Anndra Carnegie a sgrùdadh an-diugh ann an taisbeanadh ùr drùidhteach a’ fosgladh aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Tha ‘Anndra Carnegie: an dìleab a dh’atharraich an saoghal’ a’ nochdadh mar a thàinig mar thoradh air na beachdan is na gnìomhan le duine aonair dìleab air feadh na cruinne de ghràdh-daonna, agus a’ mìneachadh mar a tha dìleab a’ ghràdhaiche-dhaonna seo a rugadh ann an Alba fhathast a’ cur cruth air buidhnean is beachdan san linn seo. 

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

“Tha beatha Anndra Charnegie na sgeul daidhbhreas gu saidhbhreas dha-rìribh, rud a tha inntinneach ann fhèin. Rus as inntinniche is dòcha is e mar a thug e feum às an t-saidhbhreas mhòr a bha aige gus leasachadh a thoirt air an t-saoghal agus gràdh-daonna a bhrosnachadh.   

“Bho stèidheachadh leabharlannan gu taic ri foghlam, rannsachadh ann an saidheans is sna h-ealainean, tha dìleab Charnegie air bualadh air iomadach duine is dreuchd, agus tha an taisbeanadh air leth seo a’ sealltainn sin agus cumhachd an duine gus deagh bhuaidh a thoirt air an t-saoghal.”

Chaidh an taisbeanadh seo a dhèanamh comasach mar thoradh air an taic fhialaidh a thug Corparaid Charnegie New York agus a chruthachadh le com-pàirteachas eadar Urras Charnegie Dhùn Phàrlain, Taigh-tasgaidh Àite-breith Charnegie agus Pàrlamaid na h-Alba. 

Thuirt Nora Rundell, Ceannard, Urras Charnegie Dhùn Phàrlain:

“Dh’fhàs Anndra Carnegie na bheatha mar an duine as beartaiche san t-saoghal agus a’ chiad ghràdhaiche-daonna san linn ùir. Bha rùn air leth aige a chuid beairteis a thoirt air falbh agus thug e seachad a bheatha an dèidh sin ri gràdh-daonna, a’ toirt $350 millean air falbh mus do chaochail e.

“Chan e iongnadh a tha ann mar sin an ìre dhan toir an dìleab aige buaidh fhathast air saoghal an latha an-diugh fhaicinn. Bhon t-saidheans as ùire gu ealain gu ionadan-foghlaim, tha Anndra Carnegie fhathast a’ cur taic ri daoine a tha ag iarraidh leasachadh a thoirt air beatha dhaoine eile. Thathar an dòchas gum brosnaich an taisbeanadh seo, na cruinneachaidhean na lùib agus buileachadh Bonn a’ Ghràidh-dhaonna daoine eile gus a lorg a leantainn. Chòrdadh sin ris.”

Am measg nan taisbeanaidhean tha:

McBlare, robotair a chaidh a dhealbhadh gus a’ phìob-mhòr a sheinn  
Air a dhealbhadh leis an Ollamh Roger Dannenberg aig Oilthigh Charnegie Mellon, seinnidh an robotair seo nas luaithe na duine sam bith. 

Chaidh Oilthigh Charnegie Mellon a stèidheachadh University was founded by Andrew Carnegie in 1900. An-diugh tha Ionad Robotaireachd ann, a bhios a’ cruthachadh robotairean a dh’fhaodadh cùram a thoirt seachad ann an dachaigh agus a’ dealbhadh charbadan a nì an gnothach air uachdar na talmhainn air Mars.

Aithisg Bhliadhnail bho Bhuidheann-obrach Telebhisean na Cloinne (Buidheann-obrach Sesame) gu Corporaid Charnegie New York, 1973 agus pupaidean Craobh Sesame:
Ann an 1966, thug Corparaid Charnegie New York maoineachadh seachad ann an teagasg cloinne tro thelebhisean. Chuidich am maoineachadh gus Buidheann-obrach Sesame, riochdaire Sràid Sesame, a thòiseachadh. Tha a’ Chorporaid fhathast a’ cur a taice ri Buidheann-obrach Sesame. Tha clàr farsaing de dh’fhoghlam ga tharraing a-mach air feadh an t-saoghail aca agus bidh iad gu tric a’ cruthachadh charactaran ùra air an spreagadh leis an àrainneachd ionadail.    

Is e a tha ann an Craobh Sesame dreach de Shràid Sesame ga dhèanamh ann an Èirinn a Tuath le Telebhisean SixteenSouth agus Buidheann-obrach Sesame. Tha raon-ùghdarrais aig Buidheann-obrach Sesame samhla Sesame a thogail mu urram is thuigse thairis air an dà thaobh.
 
Lùchairt na Sìthe:
Tha dealbhan à iris Puck a’ cur cuideim air obair Charnegie an adhbhar na sìthe san taisbeanadh. Thug Carnegie $1.5 gus Lùchairt na Sìthe a thogail sa Hague, a dh’fhosgail ann an 1913. Bha seo mar dhachaigh gu Cùirt Bhuan an Rèiteachaidh, a chaidh stèidheachadh aig ciad Co-labhairt Sìthe na Hague ann an 1899 gus obrachadh a dh’ionnsaigh ‘sìth fhìrinneach is sheasmhach’ agus srian a chur ri cruthachadh bhall-airm. 

Adhbhar dorcha:
San taisbeanadh seo tha dealbh den speuradair Vera Rubin (stèidhichte aig Ionad Charnegie Washington bho 1965) a chuir feum air spectrograph feadan-ìomhaigh a thog ball de sgioba Charnegie Kent Ford gus dealbhan a thogail de reul-chriosan (galaxies). Thàinig mar thoradh air a cuid rannsachaidh am beachd gu bheil mu 90% den domhan gun a bhith ri fhaicinn dhuinn, air a bheilear a’ gabhail ‘adhbhar dorcha’ gu tric.

Diplodocus:
Tha Diplodocus carnegii air aonan de na dìneasaran as aithnichte an-diugh, agus chaidh ainmeachadh air an duine a chuidich gus a dhèanamh ainmeil. Ann an 1898, chuala Anndra Carnegie mu thuras far an deach cnàmhan dìneasair mhòr a lorg. Dh’iarr e air W. J. Holland, stiùiriche air an taigh-tasgaidh ùr ann am Pittsburgh, an ceannach, rud a rinn Holland an dèidh barganachaidh nach bu bheag. Tha na cnàmhan tochailte fhathast mar thaisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdarra Charnegie, Pittsburgh, an-diugh. Dh’iarr Carnegie air Holland cuideachd samhla a dhèanamh airson Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdarra ann an Lunnainn. San taisbeanadh tha aithisgean is ìomhaighean à pàipearan-naidheachd a’ clàradh nan nithean seo agus samhlaidhean ann am plastaig de chnàmhan Diplodocus, air iasad bho Thaigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdarra, Lunnainn.  

Tha mìrean-taisbeanaidh gan toirt air iasad le sia eagrachaidhean deug, Leabharlann na Còmhdhail, Tasgaidhean Oilthighean Cholumbia, Tasgaidhean Thalla Charnegie, Leabharlann Bhreatainn, an Coimisean Rìoghail air Carraighean Àrsaidh is Eachdraidheil na h-Alba agus Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba nam measg.  

Tha ‘Anndra Carnegie: an dìleab a dh’atharraich an saoghal’ a’ ruith bho Dhimàirt, 15 Dàmhair 2013 gu Disathairne 25 Faoilleach 2014 ann an Talla Mhòr Pàrlamaid na h-Alba. Gheibhear a-steach an-asgaidh bho 9.30m gu 6f.  

Airson barrachd fiosrachaidh:  Dìleab Anndra Charnegie air Feadh na Cruinne: Cruthachadh na h-Ùine air Thoiseach

Cùl-fhiosrachadh

Tha an taisbeanadh mar chuid de chlàr thachartasan, chruinneachaidhean agus ghnìomhachdan gan cumail aig Taigh an Ròid bhon Dàmhair 2013 gus Faoilleach 2014. Tha na tachartasan a’ cruthachadh ‘Dìleab Anndra Charnegie air Feadh na Cruinne: Cruthachadh na h-Ùine air Thoiseach’ agus a’ sgrùdadh dìleab gràdh-daonna Charnegie ann am foghlam is poilitigs, ann an sìth, saidheans is cultar. Dh’fhosgail e 5 Dàmhair le Andy Warhol:  Pop, Poball is Poilitigs, a tha a’ ruith gu 3 Samhain. 

Bho 2001, fhuair gràdhaichean-daonna eile a thug am maoin phearsanta seachad gu leas a’ phobaill aithneachadh bho Bhonn Gràdh-daonna Anndra Charnegie. Cumaidh Pàrlamaid na h-Alba an comharrachadh am-bliadhna air 17 Dàmhair, dìreach an dara turas a chaidh a chumail an taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte agus b’ ann aig Taigh an Ròid a bha a’ chiad turas cuideachd ann an 2005

Contact information

Scottish Parliament media contact and images:

Grayling PR on behalf of Carnegie UK

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.