11.10.2013
Tha beachd bho ghnìomhachasan is bho bhuidhnean ann am farsaingeachd a dhìth mar thaic ri Buill agus iad a’ sgrùdadh a’ bhile aig am biodh e mar amas cuideachadh gus rianachd a dhèanamh air an £9 billean sa bhliadhna a chosgas an roinn phoblach air bathar is seirbheisean air feadh na h-Alba.
Tha buill de Chomataidh Bun-structair is Cur-an-seilbh Calpa airson a dhèanamh cinnteach gus bheil am fiosrachadh air fad air a bheil feum aca gus na molaidhean ann am Bile Ath-leasachadh Solair (Alba) a sgrùdadh mus dèan iad molaidhean don Phàrlamaid.
Chaidh am Bile a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin 3 Dàmhair agus e a’ feuchainn ri frèam reachdail nàiseanta a chruthachadh mu sholar poblach a chuireas taic ri fàs eaconamach na h-Alba. Tha a’ Chomataidh a’ sealltainn air ‘prionnsapalan coitcheann’ a’ bhile agus ag iarraidh cluinntinn bhon fheadhainn a tha an sàs ann an tagradh airson chunnraidhean san roinn phoblaich, an fheadhainn a tha an sàs ann an ceannach anns an roinn phoblaich agus bho bhuidhnean a bheir leas do na coimhearsnachdan ann an cunnraidhean san roinn phoblaich.
Thuirt Neach-gairm Chomataidh Bun-structair is Cur-an-seilbh Calpa Maureen Watt BPA:
“Tha e mar amas uasal is reusanta aig a’ Bhile a bhith a’ cleachdadh solar, bathar agus seirbheisean na roinn poblaich. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho bhuidhnean agus bho ghnìomhachasan air prìomh raointean a’ Bhile aig a bheil mar amas leasachadh a thoirt air solar ann an Alba agus taic a chur ri tionnsgalachd.
“Aig an ìre seo, tha fianais a dhìth oirnn feuch an toir am Bile aghaidh air na ceistean a thig air an fheadhainn a chuireas tairgsean ri chèile agus iadsan a’ tagradh airson chunnraidhean agus an cuidich e ri gnìomhachasan beaga, iomairtean sòisealta agus buidhnean san treas roinn àite nas motha a bhith aca ann an cunnraidhean san roinn phoblaich.”
Tha am Bile a’ leigeil am follais dhleastanasan coitcheann nan ùghdarrasan poblach, dleastanas seasmhach mu sholar agus dleastanas ro-innleachd mu sholar a chur ri chèile is a sgrùdadh agus aithisgean bliadhnail fhoillseachadh. Tha e cuideachd a’ mìneachadh nam feumalachdan mu bhuannachdan do choimhearsnachdan agus a’ socrachadh inbhean mu sholar stuth ath-chuairteachaidh is ath-chleachdaidh.
Cùl-fhiosrachadh
Chaidh am Bile a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba le Riaghaltas na h-Alba. Tha e a’ cur an cèill gur h-e adhbhar a’ Bhile “ullachadh a dhèanamh mu na modhan-obrachaidh a thaobh buileachadh chunnraidhean poblach le ùghdarrasan sònraichte” agus “iarraidh air ùghdarrasan sònraichte ro-innleachdan mu sholar agus aithisgean bliadhnail a chur ri chèile”.
Tha e cuideachd a’ cur am follais dhleastanasan sònraichte mu stèidheachadh làrach-lìn mu chunnraidhean poblach, feumalachdan mu bhuannachdan do choimhearsnachdan agus clàr chunnraidhean.
Chaidh Comataidh Bun-structair is Cur-an-seilbh Calpa ainmeachadh mar phrìomh chomataidh na Pàrlamaid san sgrùdadh aig Ìre a h-Aon aice. Thèid clàr-ama mu thoirt a-mach aithisg ìre a h-aon aontachadh leis a’ Phàrlamaid ri tìde. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh gum bi beachdan ann an sgrìobhadh a-staigh air 29 Samhain 2013 air a’ char as fhaide dheth. Tha e san amharc aice gabhail ri fianais ann an labhairt san t-Samhain is san Dùbhlachd 2013, agus dùil ri aithisg tràth san ath bhliadhna.
Airson barrachd fiosrachaidh, tadhlaibh air: http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/ComataidhAn-dràsta/68738.aspx
No cuiribh post-dealain gu: ici.committee@scottish.parliament.co.uk
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
