Rud ùr sa Phàrlamaid agus Comataidh na Slàinte a’ cumail seisean ‘Cuir Ceist ri Rùnaire na Slàinte’

07.10.2013

Dè an aon cheist a thaobh poileasaidh slàinte a bu chòir faighneachd aig Comataidh na Slàinte dhe Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Mathais?

Ri linn seisean ùr-ghnàthaiche seo ‘Cuir Ceist ri Rùnaire na Slàinte’, thathar ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a’ cheist as deatamaich aca a thaobh poileasaidh slàinte a chur a-steach tron eadar-lìon, Twitter agus Facebook.

 

Tha buill na Comataidh airson dèanamh cinnteach gu bheil na ceistean aca a rèir nan co-dhùnaidhean sin a thaobh poileasaidh slàinte a tha air aire dhaoine bho air feadh Alba. Thèid taghadh dhe na ceistean sin a chur ri Rùnaire a’ Chaibineit, Ailig Nèill BPA, ri linn seisean fianais air 12 Samhain 2013.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:

 

“’S e seo cothrom math dha-rìribh a bheir èisteachd do dhaoine bho air feadh Alba. Seo an cothrom acasan buaidh is stiùir a thoirt air a’ Chomataidh gus ceistean a tha cudromach dhaibh a chur ri Rùnaire a’ Chaibineit.”

 

Faodaidh daoine on mhòr-shluagh ceistean a chur a-steach, air an dèan a’ Chomataidh beachdachadh,  tro Twitter le bhith a’ cur feum air #askhealthsec air duilleag Facebook Pàrlamaid na h-Alba no air ar làrach-lìn ro 20 Dàmhair 2013.

Faodaidh sibh Gàidhlig a chleachdadh.

Cùl-sgeul

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu mar a chuirear a-steach ceist a thaobh poileasaidh slàinte ann an seo:

 

Cuir ceist air rùnaire na Slàinte

Thèid grunn cheistean a thaghadh gus an leughadh a-mach le buill ri linn na coinneimh. Nuairsin, bidh cothrom aig buill na Comataidh ceistean a bharrachd a chur ri Rùnaire a’ Chaibineit, a’ toirt sùil nas mionaidiche air na prìomh ghnothaichean.

 

’S e 20 Dàmhair 2013 an ceann-latha deireannach.

 

’S e seo a’ chiad uair a tha Comataidh de Phàrlamaid na h-Alba air feum a chur air na meadhanan sòisealta gus ceistean iarraidh a bheir fiosrachadh seachad a thaobh ceistean na Comataidh ri Riaghaltas na h-Alba.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.