Seirbheis poileas ionadail ga chur air mullach clàr-obrach

03.10.2013

Tha Fo-chomataidh a’ Cheartais air Seirbheis a’ Phoileis air aontachadh an ath sheisean-fianais aca air 31 Dàmhair a chomharrachadh gus beachdachadh air seirbheis poileas ionadail.

Tha Fo-chomataidh a’ Cheartais air Seirbheis a’ Phoileis air aontachadh an ath sheisean-fianais aca air 31 Dàmhair a chomharrachadh gus beachdachadh air seirbheis poileas ionadail.

 

Nì e sgrùdadh air molaidhean Poileas Alba ag èirigh bhon lèirmheas aca air solarachadh an deasc poblach agus tha iad a’ toirt cuireadh do Àrd Chonnstabal Poileas Alba Stephen House, COSLA agus Seirbheis Sgrùdaidh na Ban-rìgh air Poileas na h-Alba pàirt a ghabhail anns a’ choinneimh.

Thuirt Cairistìona Ghreumach BPA an-diugh:

“Leis gu bheil barrachd is barrachd dragh ga nochdadh a thaobh seirbheis a’ phoileis sa choimhearsnachd againn, a bharrachd air na molaidhean a bhith a’ tarraing air falbh agus a’ lughdachadh solarachadh deasc poblach agus coltas gu bheileas gu bhith ag àbhaisteachadh chleachdaidhean seirbheis a’ phoileis air feadh na h-Alba, feumaidh sinn sgrùdadh nas mionaidich a dhèanamh air a’ chuspair seo.”

“Dh’aontaich ar Comataidh feasgar an-diugh gu bheil e deatamach cluinntinn bhon fheadhainn a tha aig a’ mhullach agus mu na seallaidhean a tha aca air a’ chuspair chudromach seo. Leigidh ar coinneamh air 31 Dàmhair leinn cluinntinn bhon fheadhainn a tha aig ìre ro-innleachdail mus fhaigh sinn fianais bho chuid eile leithid ùghdarrasan ionadail, buidhnean poileis agus buidhnean coimhearsnachd aig a’ ghrunnd”.

Cùl-fhiosrachaidh

Is e seo fo-chomataidh de Chomataidh a’ Cheartais a chaidh a stèidheachadh gus sùil a chumail air mar a tha Achd Ath-leasachaidh Seirbheis Poileis is Smàlaidh (Alba) 2012 ag obair, mar a bhuineas sin ri seirbheis a’ phoileis. Le bhith a’ cruthachadh fo-chomataidh tha sin a rèir riatanas stèidhichte fo Achd 2012 airson gun dèan Pàrlamaid na h-Alba ullachadh gus lèirmheas a dhèanamh agus aithris mu choileanadh na h-Achd. Tha an Achd a’ cur aon fheachd nàiseanta an àite na h-ochd feachdan poileis sgìreil a bha ann an Alba, ’s e sin Seirbheis Poileas na h-Alba, fo shùil Ùghdarras Poileas na h-Alba.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.