Warhol a’ Nochdadh aig Taigh an Ròid

04.10.2013

Bidh an taisbeanadhAndy Warhol:  Pop, Power and Politics’ a’ fosgladh a-màireach (Disathairne 5 Dàmhair) aig Pàrlamaid na h-Alba. Is e a’ chiad taisbeanadh de shaothair an fhir-ealain a chaidh a chumail ann an togalach Pàrlamaid agus tha àireamh de dh’obraichean comharraichte ann nach deach a thaisbeanadh riamh roimhe ann an Alba.

Agus e na thoradh de cho-obrachadh eadar Pàrlamaid na h-Alba, Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann am Pittsburgh, tha an taisbeanadh ga chumail aig an aon àm ri ‘Andrew Carnegie’s International Legacy: Shaping the Future’, a’ comharrachadh ceud bliadhna bho chaidh Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte a stèidheachadh.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

“Tha e na thoileachas mòr dhomh an taisbeanadh seo de dh’ìomhaighean comharraichte fhosgladh, a sheallas luchd-poilitigs agus tachartasan poilitigeach air feadh na cruinne. Tha e cudromach dhomh gun cùm Pàrlamaid na h-Alba taisbeanaidhean a bhrosnaicheas daoine gus ceistean poilitigeach a dheasbad is a sgrùdadh, agus is e glè bheag de luchd-ealain a bheir air daoine bruidhinn mar a nì Warhol.”  

San taisbeanadh tha mìrean cudromach de shaothair Andy Warhol, dealbhan comharraichte dhaoine leithid Lenin, Mao, A’ Bhanrigh Ealasaid agus Anndra Carnegie nam measg.  An cois an taisbeanaidh, bidh dà dhealbh de Andy Warhol a thog an dealbhadair Albannach ainmeil Harry Benson CBE air iasad do Chruinneachadh-ealain na Pàrlamaid agus gan taisbeanadh anns an Rìoghachd Aonaichte don chiad turas. Tha àireamh obraichean a rinn Warhol airson iomairtean poilitigeach is àrainneachd cuideachd air iasad bho Sheòmraichean Luchd-ealain, air a shealbhachadh is a rianachd le Gailearaidh Tate is Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba còmhla.

Thuirt Angus Hogg, Cathraiche Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte:

“Tha spèis mhòr do Warhol againn aig Carnegie, chan ann dìreach air sgàth is gu bheil an t-Urras a’ cur cothrom air ealain is cultar air adhart o chionn fhada ach cuideachd seach gun d’fhuair Warhol a’ chiad oideachadh foirmeil ann an ealain aige sna clasaichean an-asgaidh aig Muinntir Charnegie ann am Pittsburgh.

“Mar a bhios fios aig mòran mar-thà, bha sealladh aig Anndra Carnegie de shaoghal san robh sìth, fallaineachd is cothrom, agus tha an sealladh seo fhathast fìor ceud bliadhna air adhart. Tha an taisbeanadh seo ann an co-obrachadh, a tha mar thoiseach-tòiseachaidh air comharrachadh air dìleab Anndra Charnegie, na chothrom ainneamh fhèin don phoball sealltainn gu dlùth ri feadhainn de na mìrean-ealain as drùidhtiche san t-saoghal.

“Air a’ mhìos seo cuideachd, bidh an cothrom aig daoine barrachd ionnsachadh mu fhear de na h-Albannaich as iomraitiche aig ‘Andrew Carnegie’s International Legacy: Shaping the Future’ a thig gu crìch nuair a bhuilichear Bonn urramach Gràdh-daonna Charnegie air luchd gràdh-daonna an latha an-diugh. Tha sinn ag a’ gairm air muinntir a’ bhaile-mhòir agus nas fhaide air falbh dol an sàs ann.”

Thuirt Matt Wrbican, Prìomh Thasglannaiche (archivist) aig Taigh-tasgaidh Andy Warhol, à Pittsburgh anns an dealachadh:   

“Tha muinntir Warhol cho toilichte mòran de na h-obraichean annasach bhon chruinneachadh againn a nochdadh ri Pàrlamaid na h-Alba agus Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte. Tha na mìrean a’ tighinn bho gach ìre de bheatha is de shaothair Andy Warhol. San taisbeanadh seo tha peantadh, snaigheadaireachd is obair-chlò le Warhol bhon chruinneachadh bhuan againn agus is leigidh le luchd-tadhail gu togalach suaicheanta na Pàrlamaid an cothrom a ghabhail mòran den t-saothair sgoinneil thùsail aig Warhol fhaicinn. Cuideachd, tha sinn toilichte uair eile Pittsburgh agus Alba a thoirt còmhla tro nochdadh ainneamh dhealbhean ainmeil Anndra Charnegie le Warhol.”

Fiosrachadh mu thiogaidean

Tha cothrom fhathast air tiogaidean airson an taisbeanaidh, ged nach eil ach ìre bheag de chothrom aig an deireadh-sheachdain. Tha cothrom air na tiogaidean-dealain an-asgaidh bho 10m gu 5f gach latha fhad is a bhios an taisbeanadh ann (oidhche anmoch Diardaoin gu 8f).  

Thathar a’ moladh àiteachan a chur an dara taobh ro làimh seach gun tèid tiogaidean aig àm-tòiseachaidh sònraichte ron t-sealladh (àm-crìochnachaidh gun srianadh) agus faodar a dhèanamh mar a leanas:
• a’ bhileag air an Lìon bho làrach-lìn na Pàrlamaid www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/warhol
• loidhne-fòn fa leth air 0131 348 5454 – tha an àireamh-fòn a’ toirt tarraing air a’ chlub-oidhche ainmeil ann an New York, Studio 54, air am biodh Warhol a’ tathaich gu cunbhalach sna 70an is sna 80an

• post-dealain gu  warhol@scottish.parliament.uk

Airson barrachd fiosrachaidh:   www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/warhol

Contact information

Media contact and images:

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.