Comataidh aig Taigh an Ròid ri rannsachadh a chumail air coiteachadh

30.09.2013

Tha comataidh aig Taigh an Ròid ri rannsachadh a chumail air coiteachadh (lobbying) gus faighinn a-mach a bheil duilgheadas ann an Alba, an dara cuid "ann am fìrinn no ann am beachd".

Tha Comataidh Inbhean, Dòighean-obrach agus Cur-an-dreuchd Poblach ri beachd a ghabhail cuideachd air na ceuman a bhiodh a dhìth gus leasachadh a thoirt air follaiseachd agus an cuidicheadh toirt a-steach clàr reachdail luchd-choiteachaidh gus aghaidh a thoirt air a leithid de dhuilgheadas.

Tha an gluasad leis a’ Chomataidh a’ tighinn an dèidh do Riaghaltas na h-Alba cur an cèill (13 Ògmhios 2013) gu bheil san amharc aige reachdas anns an raon seo a thoirt a-steach anns an t-seisean seo den Phàrlamaid (2011 gu 2016).

 Agus i a’ cur a-mach gairm fianais bho phàrtaidhean le ùidh sa chùis, thuirt Eilidh Eadie BPA, Leas-neach-gairm na Comataidh:  

“Ri linn an rannsachaidh seo, nì a’ Chomataidh againn sgrùdadh air ceist a’ choiteachaidh agus cothrom air na Buill.  

“Is e an t-amas as motha a bhios againn feuchainn a bheil duilgheadas ann, an dara cuid ann am fìrinn no ann am beachd, le coiteachadh ann an Alba, agus dè na ceuman a bu chòir a ghabhail gus aghaidh a chur air gin sam bith de na ceistean a shònraichear.

“Bu mhaith leis a’ Chomataidh beachdan fhaighinn air na ceistean seo mar sin. Gu sònraichte, tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air a’ mholadh mu chlàr reachdail de luchd-coiteachaidh, cò a bu chòir a bhith air a leithid de chlàr, ciamar a bhiodh e ag obrachadh agus dè na ceuman eile a dh’fhaodadh a bhith a dhìth gus ionracas agus misneachd aig a’ phoball anns an dòigh san tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh a dhearbhadh.” 

 Is e raon-ùghdarrais rannsachadh na Comataidh:   

  • Sgrùdadh a dhèanamh a bheil duilgheadas ann, an dara cuid ann am fìrinn no ann am beachd, le coiteachadh agus, mas e gu bheil, an dòigh as èifeachdaiche sam faodar aghaidh a chur air seo;   
  • Gu dè an ìre dham biodh clàr de luchd-coiteachaidh na chuideachadh leis a’ mhodh-obrachaidh seo, cò a bu chòir a bhith air a leithid de chlàr agus mar a ghabhadh obrachadh; agus  
  • Am feumte ceuman eile a ghabhail gus leasachadh a thoirt air còiread (probity) is follaiseachd anns an raon seo. 

Is e an ceann-latha deireannach airson fhreagairtean don rannsachadh 10 Faoilleach 2014

Cùl-fhiosrachadh 

Air 13 Ògmhios 2013, chuir Riaghaltas na h-Alba an cèill gun dèan e reachdas anns an t-seisean seo den Phàrlamaid gus na molaidhean a thogadh an toiseach le Niall MacFhionnlaigh BPA a chur an gnìomh.  

Air 17 Cèitean 2013, chuir Niall MacFhionnlaigh BPA moladh deireadh an làthair airson bile bhall, a bheireadh air daoine is air buidhnean a bhios a’ coiteachadh Bhall, Ministearan na h-Alba, no oifigearan poblach buntainneach, an dara cuid às an leth fhèin no às leth treas pàrtaidhean, fiosrachadh buntainneach mun ghnìomhachd aca a chlàradh ann an clàr air fhoillseachadh. 

Ann an Seisean 1 de Phàrlamaid na h-Alba, ghabh Comataidh nan Inbhean rannsachadh os làimh às an tàinig mar thoradh bhuaipe ‘1st Report 2002, Report on Lobbying’.  Mhol an aithisg gun rachadh clàr reachdail de luchd-coiteachaidh a thoirt a-steach agus còd-giùlain saor-thoileach don luchd-choiteachaidh uile, ach cha deach a thoirt gu buil leis a’ Phàrlamaid.  

Mhol an Aithisg air Coiteachadh cuideachd, ge-tà, ath-sgrìobhadh air Còd-giùlain nam Ball mu thagrachd air a pàigheadh a chaidh a thoirt a-steach dhan Chòd.  

Tha Bile Follaiseachd Coiteachaidh, Iomairt Neo-Phàrtaidh agus Rianachd nan Aonaidhean-ciùird ga sgrùdadh le Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta. Fo na laghan a thathar a’ moladh, dh’fheumadh daoine is companaidhean a’ coiteachadh mhinistearan is sheirbheiseach catharra cur an cèill cò na bha iad a’ riochdachadh.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.