23.09.2013
Bheir Ceannard ùr Banca Rìoghail na h-Alba, Ross McEwan, tè de na ciad òraidean poblach leis seachad nuair a bhruidhneas e air beulaibh riochdairean aig co-labhairt Gnìomhachas anns a’ Phàrlamaid anns an t-Samhain.
Agus i air a bhith ann ochd bliadhna a-nis, bidh Gnìomhachas anns a’ Phàrlamaid a’ toirt luchd-phoilitigs agus riochdairean bhon ìre as àirde bho ghnìomhachasan bho air feadh Alba fad dà latha air 21 is 22 Samhain. Agus iad a’ cur aghaidh air na ceistean mòra a tha cudromach do ghnìomhachasan na h-Alba, bithear a’ sealltainn am-bliadhna air mas a ghabhas am fàs as seasmhach as motha toirt fhad is a tha teannachadh air an sporan.
Bidh Neach-gairm Chomataidh Eaconamachd, Lùtha is Turasachd, Murchadh Friseal BPA agus am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond a’ bruidhinn aig a’ cho-labhairt cuideachd, a thèid a chumail ann an Seòmar Deasbaid Pàrlamaid na h-Alba.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:
“Tha mar a tha an tachartas seo air a bhith ann ochd bliadhna a-nis agus e a’ tàladh còrr is dà cheud den fheadhainn as motha air thoiseach ann an gnìomhachas ann an Alba a’ leigeil fhaicinn na spèis a bhios an dà chuid na Buill agus an gnìomhachas ann an Alba a’ gabhail dha. Tha fiughair agam ri bhith sa chathair aig an deasbad, a bhios làidir fhèin, tha mi cinnteach.”
Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eaconamachd, Lùths agus Turasachd Murchadh Friseal BPA:
“Bidh a’ cho-labhairt seo a’ cuideachadh gus a’ bheàrn eadar gnìomhachas agus poilitigs a lìonadh. Bho ghnìomhachasan le teaghlaichean gu companaidhean ioma-nàiseanta, tha an tachartas seo na chothrom air leth do ghnìomhachasan bho air feadh Alba ceangal dìreach a dhèanamh ri luchd-poilitigs air na ceistean a tha cudromach dhaibh.”
Thuirt Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney:
“Bidh Riaghaltas na h-Alba, leis na buidhnean-iomairt againn agus na h-Ùghdarrasan Ionadail, ag obair gu dlùth le gnìomhachas gus a dhèanamh cinnteach gum bi an dùthaich na àite farpaiseach gus gnìomhachas a dhèanamh na broinn. Aithnichear Alba airson mar a chuireas i ri crutha an t-saoghail an-diugh tro thionnsgalachd agus tha e cudromach gum bi sinn ag obair còmhla gus cur ris a’ chliù seo agus dèanamh cinnteach gun cùm Alba an t-àite a tha aice mar an àrainneachd as fharpaisiche gus gnìomhachas a dhèanamh san Rìoghachd Aonaichte.
“Tha Co-labhairt Gnìomhachas anns a’ Phàrlamaid na chothrom dha-rìribh do luchd-gnìomhachais, luchd-foghlaim agus luchd-poilitigs aig an ìre as àirde tighinn còmhla agus deasbad a dhèanamh air mar a fheàrr a spreagas, a bhrosnaicheas agus a chuidicheas sinn planaichean mu fhàs eaconamach.”
Thuirt Ros MacEòghainn, Ceannard Banca Rìoghail na h-Alba:
“Tha BRA uasal às a bhith mar chuid de dh’inneach saoghal na h-Alba agus prìomh oifis a chumail an seo. Tha sinn a’ gabhail ann an dà-rìribh gu mòr ris an obair againn ann an Alba agus a’ cuideachadh ri còrr is 120,000 de ghnìomhachasan ann an Alba. Tha mi cho toilichte an cothrom fhaighinn a bhith an sàs anns an tachartas seo a bheir cothrom air leth do luchd-gnìomhachas is luchd-poilitigs tighinn còmhla gus na ceistean a tha cudromach do ghnìomhachasan a dheasbad.”
Cùl-fhiosrachadh
Tòisichidh Mgr McEwan anns an dreuchd aige mar Cheannard air BRA 1 Dàmhair.
Cuideachd aig an tachartas bidh raon de bhuidhnean-obrach le ceannardan-gnìomhachais ann an Alba nan ceann.
Thèid an seisean anns a’ mhadainn a thathar a’ cumail anns an t-Seòmar dheasbaid a chraoladh beò.
Agus e ga chumail còmhla le Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba, fhuair an tachartas taic bhon a h-uile gin de na prìomh bhuidhnean-gnìomhachais ann an Alba (CBI na h-Alba, Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga, Seòmar na h-Alba ri Leasachadh is Gnìomhachas, Buidheann an Luchd-stiùiridh, Seòmraichean-malairt na h-Alba agus Iomairt Ionmhasail na h-Alba) cho math ris an STUC agus Iomlaid-gnìomhachais na Pàrlamaid.
Contact information
Media information
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: