Mòr-Ghrèis na h-Alba gus tilleadh chun na Pàrlamaid ann an 2014

23.09.2013

Tha Mòr-Ghrèis na h-Alba gus tilleadh gu Taigh an Ròid an dàrna uair an ath-bhliadhna an dèidh do mhòran a bhith air faicinn airson a’ chiad uair aig Pàrlamaid na h-Alba. Thèid a taisbeanadh fad trì mìosan eadar Iuchar is Sultain.

Chaidh ainmeachadh gun till an Tapastraidh chun na Pàrlamaid, leis an Oifigear Riaghlaidh, an dèidh do mu 30,000 neach a bhith air tadhal air an tapastraidh as fhaide air an t-saoghal ri linn an t-Sultain.

’S e seo (21 Sultain) an latha mu dheireadh a bhios an Tapastraidh sa Phàrlamaid agus thathar an dùil gum faigh miltean de luchd-tadhail sealladh luath deireannach den obair-ealain sa Phàrlamaid.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Ball Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:

“Tha an taisbeanadh seo air mìltean de dhaoine a tharraing bho air feadh Alba agus às àiteachan eile, rud a dh’fhàgas gur h-e fear dhe na taisbeanaidhean a bu shoirbheachaile riamh sa Phàrlamaid.

“’S e a tha tarraingeach mun Tapastraidh, chan e a-mhàin na pannalan àlainn a chuireas sìos air a h-uile rud bho phoilitigs gu cultar a’ mhòr-shluaigh, ach cuideachd gun deach a cruthachadh le muinntir na h-Alba air sgàth muinntir na h-Alba.

“Tha mi fìor thoilichte ainmeachadh gun till an Tapastraidh chun na Pàrlamaid ann an 2014, rud a bheir cothrom do mhìltean de dhaoine an t-sàr-thaisbeanadh seo de dh’eachdraidh na h-Alba fhaicinn.”

Thuirt an eachdraiche Alasdair Moffat, a bha an-sàs ann a bhith a’ cur ri chèile na bu chòir a bhith san taisbeanadh:

“Cha robh àite na b’ fheàrr ann gus Mòr-Ghrèis na h-Alba a chur air bhog na Pàrlamaid na h-Alba.

“Agus i aig cridhe ar deamocrasaidh, bha sàr-choltas oirre agus thàinig muinntir na h-Alba nan sluagh mòr gus a faicinn, a’ feitheamh gu foighidineach san t-sreath dhaoine gus coimhead air na pannalan àlainne – rud a bha mar thachartas pearsanta àrd-ìre dhaibh mar neachan air leth. Rinn luchd-obrach na Pàrlamaid obair fìor mhath, a’ stiùireadh na bh’ ann de shluagh mòr, agus iad modhail cuideachail air fad.

“Tha mi glè thoilichte gun till an Tapastraidh gu Pàrlamaid na h-Alba ri linn Iuchar is Sultain 2014 fad nan trì mìosan sin, agus i mar phàirt den bhliadhna a bhithear a’ comharrachadh mar Homecoming Scotland.”

Cùl-sgeul

Thèid cinn-làithean cearta tilleadh na Tapastraidh gu Pàrlamaid na h-Alba eadar Iuchar is Sultainn na h-ath-bhliadhna ainmeachadh tràth sa bhliadhna ùr.

Agus i 143 meatair a dh’fhaid, ’s i Mòr-Ghrèis na h-Alba tè dhe na tapastraidhean as fhaide air an t-saoghal. Glacaidh na 160 pannalan mion-àlainn amannan àraid ri linn eachdraidh 420 millean bliadhna na h-Alba. Chaidh am pìos sònraichte ealain seo a chur ri chèile an toiseach leis an ùghdar Albannach Alexander McCall Smith, cuide ris an eachdraiche Alasdair Moffat is an neach-ealain Anndra Crummy.

Thug mìle neach-fuaigheil o aois 4 gu 94 eachdraidh na h-Alba beò tro obair-ghrèis, obair a thug còrr is 50,000 uairean a thìde gus a crìochnachadh. 

Tha e san amharc aig Urras Cathrannach Mòr-Ghrèis na h-Alba na h-Alba cinn-làithean turais ainmeachadh fa chomhair 2013-2014 uaireigin san ùine ri teachd.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.