Latha na Pàrlamaid ann an Obar Bhrothaig

20.09.2013

Thèid Latha Pàrlamaid na h-Alba a chumail ann an Obar Bhrothaig Diluain 4 Samhain 2013.

Gabhaidh an t-Oifigear Riaghlaidh sreath goirid de chuairtean os làimh le BPA na sgìre MSP Graeme Dey gu buidhnean ionadail, bidh cuairtean gu sgoiltean le Buill agus buidheann-obrach is coinneamh fhoirmeil aig Comataidh an Ionmhais.

 

Agus i a’ cur Latha na Pàrlamaid ann an Obar Bhrothaig an cèill, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

 

“Tha Obar Bhrothaig na àite mìorbhaileach gus Latha ùr na Pàrlamaid a chumail. Tha e na chothrom dha-rìribh do mhuinntir Obar Bhrothaig eòlas a chur dhaibh fhèin air dealbh luath de dh’obair na Pàrlamaid. Bidh e a’ leigeil le daoine Buill coinneachadh ri Buill agus an ceasnachadh agus dol an sàs ann an obair Pàrlamaid na dùthcha aca.”

 

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA:

 

“Tha sinn cho toilichte a bhith mar phàirt de Latha na Pàrlamaid ann an Obar Bhrothaig an dèidh dhuinn a bhith an sàs anns an tachartas leis an do thòisich e an-uiridh.

 

“Tha sinn den bheachd gu bheil e cudromach muinntir an àite a thoirt a-steach dhan sgrùdadh a nì sinn air dreachd buidseat Riaghaltas na h-Alba. Leigidh na buidhnean-obrach anns a’ mhadainn leinn coinneachadh ri luchd-gnìomhachais is luchd-coimhearsnachd na sgìre a chluinntinn bhuaibh fhèin air na tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh caiteachais a’ ciallachadh do dhaoine a tha a’ fuireach is ag obair ann an Obar Bhrothaig.

 

“Cuiridh na beachdan a chluinneas sinn ris na ceistean a chuireas sinn air Iain Swinney, Rùnaire a’ Chaibineit ri Ionmhas, Fastadh agus Fàs Seasmhach aig a’ choinneimh againn am feasgar sin.”

 

Foghlam

Bidh Sgioba-foghlaim Pàrlamaid na h-Alba air a’ Bhlàr A-muigh ag obair le clann à sgoiltean timcheall air obair ceangailte ri dreachd buidseat Pàrlamaid na h-Alba.

 

Ann an atharrais air obair ceangailte ri buidseat, nì a’ chlann-sgoile co-dhùnadh cia mheud de dh’airgead a thèid a chosg air raointean leithid slàinte, foghlaim is ceartais agus gheibh iad tuigse air an obair-sgrùdaidh a bhios Comataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail os làimh.

 

Bidh a’ chlann cuideachd an làthair aig coinneamh Chomataidh an Ionmhais aig 2.00f Diluain 4 Samhain le Iain Swinney.

Air an aon latha, tadhlaidh Buill roinneil air bun-sgoiltean gus ceistean a fhreagairt air obair na Pàrlamaid agus àite nam Ball gus luchd na sgìre aca a riochdachadh. Tha a h-uile clas ag amas air duilleag-aghaidh shònraichte de phàipear-naidheachd Latha na Pàrlamaid fhoillseachadh.  

 

Comataidh an Ionmhais

Tha e an urra ri Comataidh an Ionmhais sgrùdadh a dhèanamh air caiteachas poblach agus air dreachd buidseat £30 billean Riaghaltas na h-Alba airson 2014-15.

 

Tha Comataidh an Ionmhais air a dèanamh suas de sheachdnar Bhall air an tarraing bho na pàrtaidhean poilitigeach gu lèir le Coinneach Gibson BPA mar Neach-gairm agus Iain Mason BPA mar Leas-neach-gairm, Jamie Hepburn BPA, Gabhan Brown BPA, Sìne Urchardan BPA, Mìcheal MacMhathain BPA agus Calum Siosalach BPA.  

 

Tha sgrùdadh air caiteachas poblach a’ ciallachadh gum bi a’ Chomataidh a’ sealltainn gu mionaideach air mar a tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba a chuid airgid a chosg agus na toraidhean a bu chòir dhan chaiteachas toirt gu buil.

 

Mar phàirt den obair-sgrùdaidh, tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil e deatamach fhèin cluinntinn bho bhuidhnean is eagrachaidhean ionadail a bhios an sàs anns na buidhnean-obrach prìobhaideach anns a’ mhadainn le buill den chomataidh a thèid a chumail ann an Taigh-cuimhneachain Webster.

 

Thèid na ceistean a thogas muinntir Obar Bhrothaig aig na buidhnean-obrach a chur an uair sin air Iain Swinney, Rùnaire a’ Chaibineit ri Ionmhas, Fastadh agus Fàs Seasmhach, nuair a bheir e fianais do Chomataidh an Ionmhais aig 2.00f Diluain 4 Samhain.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.