17.09.2013
Thathar air am fiosrachadh as ùire mu chosgaisean pàrlamaideach nam Ball uile fhoillseachadh air an Lìon an-diugh.
Tha cosgaisean Ràithe 4 bho bhliadhna-ionmhais 2012/13 rim faotainn air an Lìon a-nis bho ghoireas stòr-dàta na Pàrlamaid air an gabh rannsachadh dèanamh.
Thathar air pàipear-ullachaidh a’ nochdadh àireamhan uile cosgaisean ceann na bliadhna fhoillseachadh an-diugh cuideachd. Tha sùim iomlan ceann na bliadhna de £12,261,819 mar ìsleachadh de 4.35% air àireamh na bliadhna roimhe.
Thuirt neach-labhairt bho Phàrlamaid na h-Alba:
“Tha an t-ìsleachadh air cosgaisean de bharrachd is leth-mhillean not a’ sealltainn cosgaisean an taghaidh sa bhliadhna roimhe, ach cuideachd gun robh 2012/13 mar an dara bliadhna de reothadh air pàigheadh is cosgaisean nam Ball.”
Contact information
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: