Comataidh Eaconamachd Pàrlamaid na h-Alba gus tadhal air Irbhinn

13.09.2013

Nì a’ Chomataidh airson Eaconamachd, Lùths is Turasachd malairt mar gum biodh air Pàrlamaid na h-Alba airson a dhol gu Seòmraichean an Luchd-Saor-thoileach agus na BPAan gan suidheachadh fhèin gu h-às ùr ann an Irbhinn fad aon latha, air 30 Sultain.

Cumaidh na BPAan coinneamh Comataidh fhoirmeil sa bhaile, a’ togail fianais mun bhuidseat a thathar a’ moladh le Riaghaltas na h-Alba, fianais a thig bho Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus VisitScotland.

 

Cuideachd, cumaidh a’ Chomataidh deasbadan, bùithtean-obrach le gnìomhachasan ionadaile mu bhuaidh a’ bhuidseit agus mu chaitheamh-ionmhais ionadail.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:

 

“Mar is trice bidh ar Comataidh a’ dèiligeadh ri cùisean a bheir buaidh air gnìomhachasan air feadh na dùthcha ’s mar sin tha e gu sònraichte cudromach gum faigh sinn a-mach à Dùn Èideann agus gun èist sinn ri daoine ionadail mu cheistean ionadail.

 

’S e fear de dh’amasan planaichean-caitheamh-ionmhais Riaghaltas na h-Alba gun cruthaich sinn dùthaich shoirbheachail tro fhàs eaconamach. ’S e ròl na Comataidh seo ceistean a chur ris na buidhnean sin air a bheil uallach seo a lìbhrigeadh, a chor is gun ainmich sinn am bi airgead luchd-pàighidh-chìsean air a chaitheamh san dòigh as èifeachdaiche.

 

“’S e seo sàr-chothrom do neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ cluinntinn mu mar a dh’fhaodadh am buidseat - a thathar a’ moladh aig Riaghaltas na h-Alba -buaidh a thoirt air beatha làitheil muinntir Siorrachd Àir agus na h-Alba.”

 

Cùl-sgeul

Tha coinneamh fhoirmeil na Comataidh fosgailte don mhòr-shluagh. Thèid a cumail ann an Seòmraichean an Luchd-Saor-thoileach ann an Irbhinn air Diluain 30 Sultain. Tha i saor ’s an-asgaidh ach feumar ticeadan fhaotainn ro-làimh le bhith a’ dol an conaltradh ri sgioba Seirbheisean Luchd-tadhail na Pàrlamaid (sp.bookings@scottish.parliament.uk no 0131 348 5200, air neo saorfhòn 0800 092 7600).

 

Bidh a’ Chomataidh airson Eaconamachd, Lùths is Turasachd a’ coinneachadh ri chèile uair san t-seachdain nuair a bhios a’ Phàrlamaid fo sheòl, agus tha 9 BPAan innte.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.