Cuiridh Comataidh an Ionmhais fàilte air Bile Cìsean Làraichean Sgudail

12.09.2013

Tha Comataidh an Ionmhais a’ cumail taic ri prionnsabail coitchinn Bile Cìsean Làraichean Sgudail (Alba) san aithisg ìre 1 aca, foillsichte an-diugh.

’S e am Bile seo an dàrna bile a chaidh a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba mar thoradh air Achd na h-Alba 2012. Tron Achd, chaidh cumhachdan a thiomnadh do Phàrlamaid na h-Alba cìsean a leigeil air gnothaichean a thaobh fearainn is togalaichean agus air na thèid a chur gu làraichean sgudail (bhon Ghiblean 2015).

 

Agus iad air fianais a chluinntinn mu dheidhinn na dh’fhaodadh a bhith mar “thurasachd sgudail”, cùis a bhuineas ri sgudail a thèid a thogail thar nan crìochan eadar Alba is Sasainn, tha a’ Chomataidh air iarraidh air an Riaghaltas mion-sgrùdadh a thoirt seachad a thaobh buaidh sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann ri linn atharrachaidh sam bith air structair is reataichean-cìse làraichean sgudail na h-Alba.

 

Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air molaidhean gus cìs làraichean sgudail a leigeil orrasan a dh’fhàgas sgudail gun ùghdarras gun chead air dhaibh làraichean neo-laghail ainmeachadh. Cuideachd, thathar ag iarraidh soilleireachaidh on Riaghaltas a thaobh an tèid tuilleadh maoineachaidh a chur air dòigh do bhuidhnean riaghlaidh a bhios ag obair gus dèiligeadh ri leithid seo de làraichean agus iad ainmeachadh.

 

Thuirt Neach-gairm Comataidh an Ionmhais, Coinneach Gibson BPA:

 

“Ged a tha sinn a’ cur fàilte air a’ Bhile seo, tha sinn ag iarraidh gun toir Riaghaltas na h-Alba seachad tuilleadh soilleireachaidh agus mion-fhiosrachaidh air ceistean àraid, nam measg cuin a thèid reataichean-cìse a shuidheachadh sna làithean ri teachd agus dè dh’fhaodadh tachairt mar thoradh air atharrachaidhean ann an reataichean-cìse air làraichean a thaobh gluasad sgudail eadar Alba is Sasainn.

 

“Tha sinn cuideachd a’ creidsinn gur e deagh mholadh a th’ ann gun tèid a’ chrìoch chreideis a chur am meud a thaobh na bheirear seachad de thabhartasan gu Maoin Choimhearsnachd nan Làraichean sgudail, a sholaraicheas maoin do phròiseactan coimhearsnachd no àrainneachd ann an àiteachan far am bi buaidh aig làraichean sgudail orra. Cuiridh sinn taic ris a’ phrionnsabal gur h-iad na coimhearsnachdan sin air am bi a’ bhuaidh as motha aig làraichean sgudail a bu chòir a’ bhuannachd as motha fhaotainn on mhaoin.”

 

Cùl-sgeul

’S e am Bile seo an dàrna fear a-mach à trì dhiubh a thèid a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba mar thoradh air Achd na h-Alba 2012. Fhuair Bile Cìse Gnothaichean Fearainn is Togalaichean (Alba) Aonta Rìoghail air 31 Iuchar agus tha Riaghaltas na h-Alba air ainmeachadh gun tèid Bile Cumhachdan Cìse is Teachd-a-steach na h-Alba a thoirt a-steach nas fhaide air adhart as t-fhoghar

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.