06.09.2013
Thèid rud sònraichte a chumail a’ chiad turas Diardaoin 12 Sultain nuair a chuireas Buidheann Luchd-gairm na Pàrlamaid ceistean air a’ Phrìomh Mhinistear mu chlàr-reachdais an Riaghaltais aige.
Thèid a’ choinneamh a chumail ann an Seòmar-Comataidh 1 bho 13.15-14.30 aig Pàrlamaid na h-Alba agus faodaidh am poball tiogaidean iarraidh bho an-diugh.
A’ bruidhinn ron t-seisean, thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA, a tha na cathraiche air Buidheann an Luchd-ghairm:
“Don chiad turas, bidh an cothrom aig luchd-gairm nan comataidhean am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh còmhla mun chlàr-reachdais aige airson na bliadhna air thoiseach.
“Tha an iomairt seo mar cheum eil air adhart ann an leasachaidhean na Pàrlamaid gus barrachd chothrom a thoirt do na Buill is na comataidhean an Riaghaltas a sgrùdadh.”
Cùl-fhiosrachadh
Bidh an seisean fosgailte don phoball, ga chraoladh air làrach-lìn na Pàrlamaid agus fosgailte do na meadhanan.
Faodar tiogaidean poblach fhaighinn le bhith a’ cur fios air sgioba seirbheisean luchd-tadhail aig a’ Phàrlamaid:
- Post-dealain sp.bookings@scottish.parliament.uk
- Fòn 0131 348 5200 no fòn-an-asgaidh 0800 092 7600 (Luchd-cleachdaidh Fòn-teacsa: 0800 092 7100)
- A’ nochdadh aig Taigh an Ròid, Dùn Èideann.
Cha tèid ach fichead suidheachan a chur an taobh airson luchd nam meadhanan. Thèid suidheachain a riarachaidh a rèir mar a nochdas dìreach luchd nam meadhanan le ùghdarras bhon Phàrlamaid agus aon tiogaid do gach buidheann sna meadhanan. Cuiribh fòn gu Sally Coyne no Claire Menzies air 0131 348 6265 / 6852 gus àite-suidhe a chur air dòigh.
Buidheann an Luchd-ghairm
Anns a’ chathair air Buidheann an Luchd-ghairm tha an t-Oifigear Riaghlaidh no Leas-oifigear Riaghlaidh agus i na fòram anns am bi Luchd-gairm nan Comataidhean a’ coinneachadh gus sealladh ro-innleachdail a ghabhail air obrachadh nan comataidhean agus ceanglaichean a chruthachadh eadar na Comataidhean, Biùro na Pàrlamaid agus Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.
Bidh a’ Bhuidheann a’ làimhseachadh caochladh chùisean, nam measg:
- cur air adhart chleachdaidhean gus leasachadh a thoirt air dèanadas nan comataidhean, gu sònraichte a thaobh a bhith a’ sgrùdadh; agus
- dèanamh mholaidhean dhan Bhiùro mu ghnothach nan Comataidh ri chur air clàr-obrach an t-Seòmair.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Buidheann an Luchd-ghairm air làrach-lìn na Pàrlamaid aig:
http//:www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/21516.aspx
Contact information
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: