06.09.2013
Thèid na dòighean-obrach air cùlaibh ealain Andy Warhol a thaisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba le sreath de bhuidheann-obrach an-asgaidh aig an deireadh-sheachdain anns an Dàmhair. Thèid ‘Pop Art Prints’ a chumail le Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha aig an aon àm ri taisbeanadh ‘Andy Warhol: Pop, Poball is Poilitigs’ a bhios ga ruith aig Pàrlamaid na h-Alba bho 5 Dàmhair gu 3 Samhain.
Ann a bhith a’ cleachdadh clò-bhualadh sgàilein (screen-printing), thug Andy Warhol feum às dòighean mòr-shaothrachaidh ann an gnìomhachas gus saothair-ealain a dhèanamh. Bheir na buidhnean-obrach goirid seo, a tha air taic fhaighinn bho Urras Charnegie Dhùn Phàrlain, lèirsinn mun dòigh-obrach aige agus cothrom fhaicinn agus a chluinntinn mar a chaidh na h-ìomhaighean iomraiteach seo a chur ri chèile.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:
Bheir taisbeanadh ‘Pop, Power and Politics’ an cothrom do dhaoine sealltainn air faisg air leth-cheud mìr iomraiteach de shaothair Andy Warhol ann an suidheachadh air leth Taigh an Ròid. Tha na buidhnean-obrach seo aig an deireadh-sheachdain a’ cur gu dòigheil ris an taisbeanadh seach gun nochd iad na dòighean a chleachd Warhol è fhèin gus na h-ìomhaighean as seasmhaiche leis a chruthachadh.
“Tha mi an comain Urras Charnegie Dhùn Phàrlain airson taic a chur ris na buidhnean-obrach agus Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha airson an cumail. Agus cò aige a tha fios, is dòcha gun cuidich na buidhnean-obrach gus feadhainn de luchd-ealain òg an latha an-diugh a bhrosnachadh.”
Thuirt Martyn Evans, Ceannard Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, a dh’adhbharaich gun rachadh taisbeanadh Warhol a thoirt chun na Rìoghachd Aonaichte:
“Is e Andy Warhol fear den luchd-ealain as cliùitiche a bhuineas dhan linn againn, a’ brosnachadh is a’ tàladh ginealaich. Tha an cruinneachadh air leth seo mar chuid bhunaiteach de fhèis Dìleab Eadar-nàiseanta Anndra Charnegie agus tha na buidhnean-obrach ann an clò-bhualadh sgàilein a’ nochdadh feallsanachd Anndra Charnegie; gum bu chòir gum biodh ealain is cultar fosgailte do na h-uile.
“Rud nach eil mòran a’ tuigsinn is e gun d’fhuair Andy Warhol a chiad trèanadh foirmeil ann an ealain aig clasaichean an-asgaidh a chuir Muinntir Charnegie air bhonn ann am Pittsburgh. Nach biodh e mìorbhaileach fhèin nam brosnaicheadh na buidhnean-obrach seo an-asgaidh an ath Warhol!”
Fios mu chur air dòigh àiteachan aig na buidhnean-obrach
Thèid na buidhnean-obrach a chumail aig an deireadh-sheachdain 19, 20, 26, 27 Dàmhair agus 2, 3 Samhain. Bidh iad a’ ruith bho 11.00m gu 4.00f. Mairidh na taisbeanaidhean an-asgaidh fad leth na h-uarach an urra. Thathar a’ moladh gun tèid àite a chur an dara taobh ro làimh seach nach bithear a’ dol thairis air 30 de dh’àiteachan anns gach taisbeanadh. Gus àite a chur air dòigh, cuiribh fòn gu 0131 348 5454, ag innse cia mheud àite a tha a dhìth oirbh. Tha na buidhnean-obrach fosgailte do gach aois.
Fios mu chur air dòigh àiteachan aig an taisbeanadh
Thathar a’ moladh àiteachan a chur an dara taobh airson taisbeanadh ‘Andy Warhol: Pop, Power and Politics’ seach gun tèid tiogaidean a riarachadh a rèir àm-tòiseachaidh sònraichte ro shealladh (àm-crìochnachaidh gun srian) agus faodar a dhèanamh mar a leanas:
- am foirm air an Lìon bho làrach-lìn na Pàrlamaid www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/warhol
- loidhne-fòn air leth air 0131 348 5454 – tha an àireamh-fòn a’ toirt tarraing air a’ chlub-oidhche ainmeil ann an New York, Studio 54, air am biodh Warhol a’ tadhal gu cunbhalach sna 70an is sna 80an
- post-dealain gu warhol@scottish.parliament.uk
Cùl-fhiosrachadh
Tha Andy Warhol: Pop, Poball is Poilitigs ga thaisbeanadh ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an co-obrachadh le Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann am Pittsburgh agus mar thoradh air taic fhialaidh bho Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte mar chuid de sheachdain Dìleab Eadar-nàiseanta Anndra Charnegie. Tha mòran den t-saothair-ealain gan taisbeanadh ann an Alba don chiad turas agus is e Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad bhuidheann reachdail riamh a chùm taisbeanadh den t-saothair aige.
Chaidh Warhol às àicheadh a’ bheachd gun robh an ealain aige na breithneachadh air comann sòisealta agus rinn e tuairisgeul air fhèin dìreach mar neach-ealain a sheall àrainneachd a linne fhèin. Le mòran mhìrean bho chruinneachaidhean Taighean-tasgaidh Andy Warhol, tha an taisbeanadh seo a’ sònrachadh dealbhan an fhir-ealain de luchd-poilitigs ainmeil agus de dh’urramaich chumhachdach eile, agus beagan mhìrean a chaidh a dhèanamh mar thaic ri adhbharan poilitigeach no àrainneachd. Tha an cruinneachadh a rinn am fear-ealain còig bliadhna an dèidh murt John F. Kennedy a’ nochdadh ùidh an fhir-ealain anns na meadhanan mòra agus mar a sheallas iad am bàs.
Tha caochladh mhìrean a rinn Warhol airson iomairtean poilitigeach agus àrainneachdail gan toirt air iasad le Seòmraichean Luchd-ealain aig Gailearaidh Tate agus Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba.
Tha an taisbeanadh mar chuid de chlàr farsaing thachartasan agus thaisbeanaidhean a thathar a’ cumail sa Phàrlamaid mar chomharrachadh air an dìleab air feadh na cruinne a dh’fhàg am fear gràdh-daonna Albannach Aimeireaganach Anndra Carnegie. Rinn am fear gràdh-daonna a chuid airgid ann am Pittsburgh agus tha Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann dìreach mar aon eisimpleir den dìleab a thaobh gràdh-daonna a dh’fhàg e na dhèidh.
Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha
Is e a tha ann am Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha buidheann-obrach le luchd-ealain ri obair-chlò a chaidh a stèidheachadh ann an 1982 do luchd-ealain ann am Fìobha agus mun cuairt. Tha a’ bhuidheann stèidhichte aig bonn Ionad-coimhearsnachd Dell MhicFhearchair ann an Dùn Phàrlain.
Related links
- 'Andy Warhol: Pop, Power and Politics' exhibition
Contact information
Media contact and images:
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: