Tè dhe na tapastraidhean as fhaide air domhain air a toirt am follais aig Pàrlamaid na h-Alba

03.09.2013

Chaidh fear de na pròiseactan ealain coimhearsnachd as motha riamh ann an Alba, a dh’innseas sgeul mheasgaichte na h-Alba bho na linntean ro-eachdraidh gu ruige ar linn fhèin, a thoirt am follais airson a’ chiad uair aig Pàrlamaid na h-Alba leis an Oifigear Riaghlaidh, Am Ball Fìor Urramach Tricia Marwick BPA.

Agus i 143 meatair a dh’fhaid, ’s i Sàr-obair-ghrèis na h-Alba tè dhe na tapastraidhean as fhaide air an t-saoghal. Glacaidh na 160 pannalan mion-àlainn amannan àraid ri linn eachdraidh 420 millean bliadhna na h-Alba. Chaidh am pìos sònraichte ealain seo a chur ri chèile an toiseach leis an ùghdar Albannach Alexander McCall Smith, cuide ris an eachdraiche Alasdair Moffat is an neach-ealain Anndra Crummy.

 

Thug mìle neach-fuaigheil bho aois 4 gu 94 eachdraidh na h-Alba beò tro obair-ghrèis. Thug an obair còrr is 50,000 uairean a thìde gus a crìochnachadh agus thèid a taisbeanadh ann am Prìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba bho 03 – 21 Sultain 2013.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh: 

 

“Tha a bhith a’ faicinn na Tapastraidh air a toirt am follais gu h-iomlan dìreach mìorbhaileach. Tha e iomchaidh gun rachadh an Tapastraidh seo, air a dèanamh le muinntir na h-Alba air sgàth muinntir na h-Alba, a thoirt am follais ann am Pàrlamaid ar nàisein.

 

“Tha meud a’ phròiseict fìor mhòr ach tha gach rud beag mion as a h-uile pannal gu soilleir nochdte a’ sealltainn eachdraidh shaidhbhir ioma-fhillte na h-Alba. Tha buaidh mhòr iomlan Sàr-obair-ghrèis na h-Alba mar theisteanas air na h-uairean de shaothair is de chruthachaileachd a chaidh a chur innte le mìle neach-fuaigheil bho air feadh na h-Alba.”

 

Lean a’ Bh.ph. Marwick:

 

“Bhrosnaichinn daoine bho thar na h-Alba tighinn a dh’fhaicinn na sàr-obair ealain seo. Chan eil leithid de dh’ealain eile ann a dh’innseas an uiread mu sgeulachd na h-Alba.”

Thuirt Alexander McCall Smith:

 

’S e seo latha mìorbhaileach don neach-ealain is do na ciadan de luchd-fuaigheil a bha air chùl a’ phròiseict seo. An-diugh thathar a’ comharrachadh deireadh ciad phàirt de shaoghal na tapastraidh seo – ìre a tòiseachaidh agus  a cruthachaidh. Nis tòisichidh sinn air an dàrna ìre, nuair a thòisicheas obair mhaireannach na tapastraidh. Agus ’s e tha sin a’ ciallachadh ach gun toirear tlachd do na mìltean de dhaoine a chì i gach bliadhna.

 

“Tha eachdraidh na h-Alba fìor tharraingeach. Bheir an tapastraidh seo an eachdraidh is an sgeul sin beò air dòigh nach gabh a leithid a dhèanamh le h-aon obair-ealain sam bith eile. ’S e a tha sinn a’ faicinn ri linn a toirt am follais aig Pàrlamaid na h-Alba ach fosgladh-sùl don t-saoghal dhe ulaidh a tha làn àilleachd iongantach is ùidh tharraingeach.”

 

Cùl-sgeul

Chuir an t-Oifigear Riaghlaidh a’ chiad fhuaigheal agus am fuaigheal mu dheireadh ri Sàr-Obair-Ghrèis na h-Alba.

 

Thèid an tapastraidh a thaisbeanadh ann am Prìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba eadar 3-21 Sultain (thoiribh fa-near gu bheil a’ Phàrlamaid fosgailte Diluain-Disathairne). Tha e saor ’s an-asgaidh faotainn a-steach a dh’fhaicinn na Tapastraidh.

 

Cuideachd, bidh grunn thachartasan air an cumail sa Phàrlamaid gus cruthachd na Tapastraidh a chomharrachadh, nam measg òraid le Alexander McCall Smith ’s e a’ cur ainm ri leabhar mu dheidhinn mar a rinneadh an Tapastraidh.

 

Ann a bhith a’ toirt dealbh àlainn air eachdraidh na h-Alba, on àm san robh i mar thìr a bha glaiste fon eigh ’s air a cruthachadh leis an èigheanach-shiubhail, gu ath-ghairm Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999, tha na pannalan a’ sealltainn cho tarraingeach is a bha eachdraidh, saidheans, cultar is dùthchas, tionnsgalachd is poilitigs na h-Alba thar nan linntean.

Contact information

Media information

  • Kirsty Rimmer: 0131 348 6085
  • Text Relay calls welcome
  • kirsty.rimmer
    @scottish.parliament.uk

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.