26.08.2013
Tadhailidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd air Oighreachd Gleann Lìobhait a-màireach (27 Lùnastal) a chor is gum faigh BPA a-mach gu pearsanta mu cheistean bho àireamhan fèidh agus stiùireadh choilltean gu iomadachd obair thuathanais.
Tha Oighreachd Ghleann Lìobhait, a tha suidhichte ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, a’ sìneadh thar còrr is 58,000 acair-fearainn. Cuiridh an turas an comas nam BPA raon de ghnothaichean fhaicinn gu pearsanta a bhuineas ris an obair aca.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:
“Leis mar a tha raon-ùghdarras ar Comataidh, tha e glè chudromach gum bi cothrom aig BPAan faighinn mun cuairt sgìrean dùthchail na h-Alba.
“Ged is ceart e gun cuir sinn ceistean air daoine ‘s air buidhnean gu foirmeil, bidh cothrom gum faic sinn fhèin mar a thathar a’ stiùireadh obair- fearainn, ag àrachadh fiadh-bheatha ’s a’ dìon ar n-àrainneachd luachmhor dha-rìribh nuair a bhios sinn a’ beachdachadh air cuid de na ceistean seo sa Chomataidh as t-fhoghar.”
Ri linn an turais, bidh BPAan a’ faighinn a-mach mu ghrunn cheistean, nam measg:
· stiùireadh àireamhan fèidh;
· stiùireadh àrainnean ainmhidhean (nam measg, am poll-mòine, fraoch is coilltean):
· ath-chruthachadh is stiùireadh choilltean;
· iomadachd obair-fearainn (a’ toirt a-steach obair thuathanais);
· pròiseactan/dol-an-sàs choimhearnsnachdan;
· leasachadh seasmhach; agus
· cleachdaidhean aonaichte air talamh àrd.
Thuirt Alan Laidlaw, Manaidsear Cùram Roinnean Dùthchail & Oir na h-Alba, “Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte air a’ Chomataidh agus a bhith a’ sealltainn dhaibh obair ar sgioba is ar com-pàirtichean air Oighreachd Ghleann Liobhait, oighreachd a bhuannaich duaisean. Tha tòrr a’ dol air an oighreachd – bho ghnìomhachasan ionadaile gu pròiseactan bith-iomadachd, leasachadh turasachd gu iomadachd obair-fearainn – ’s mar sin tha sinn dòchasach gum bi an turas an dà chuid toil-inntinneach agus fiosrachail.”
Cùl-sgeul
Coinnichidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd airson a’ chiad uair an dèidh fosadh na Pàrlamaid air 11 Sultain.
Chaidh aonta a chur ri clàr-obrach ùr na Comataidh mu-thràth o chionn ghoirid.
Ann an Alba, bidh Oighreachd a’ Chrùin a’ stiùireadh còig oighreachdan dùthchail, grunnd na mara cho fada a-muigh ri 12 mhìle-sheòlaidh, agus mu leth-chuid den oir. Bidh a’ bhuidheann ag obrachadh air bonn malairteach leis gach prothaid air a cleachdadh airson caitheamh ionmhais an riaghaltais thar na RA.
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan:
Fios mun chomataidh:
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: