Comataidh phàrlamaideach air aontachadh ri Bile an Reifreinn

26.08.2013

Chaidh Bile Reafreann Neo-eisimeileachd na h-Alba tron chiad cheum sa phàrlamaid an dèidh aonta fhaotainn a thaobh nam prionnsapalan san fharsaingeachd le comataidh ann an Taigh an Ròid.

Ann an Aithisg Ìre 1 a chaidh fhoillseachadh an-diugh, cho-dhùn Comataidh Bile an Reifreinn (Alba) gu bheilear a’ creidsinn gu daingeann gum bi am Bile freagarrach mar fhrèama do reifreann na h-ath-bhliadhna.

 

Thuirt Neach-gairm Comataidh Bile an Reifreinn, Bruce Crawford BPA:

 

“Fhuair a’ Chomataidh fianais bho raon farsaing de luchd-fianaise, agus rinneadh beachdachadh air iomadh rud sònraichte a bhuineas ris an reachdas mhionaideach chudromach seo.

 

“Ged a dh’ainmich sinn cuid de cheistean a tha feumach air soilleireachadh no atharrachadh, chaidh aig a’ Chomataidh gu lèir air aonta a ruigsinn gu bheil am Bile mar bhunait iomchaidh a thaobh reifreinn na h-ath-bhliadhna. Gu dearbh, dh’innis Coimisean an Taghaidh dhuinn gur e “pìos làidir reachdais” a th’ ann agus a tha comasach air reifreann a lìbhrigeadh “a chuireas an luchd-bhòtaidh air bhàrr chùisean”.

 

“Ged a tha diofar bheachdan aig buill na Comataidh a thaobh toradh an reifreinn, bha tòrr aonta ann mu ciamar a bu chòir dha a bhith air a stiùireadh – agus tha mi toilichte a ràdh gun robh cha mhòr a h-uile co-dhùnadh san aithisg gu tur aontaichte.”

 

Am measg na tha san aithisg tha:

 

·        Casg air cosgaisean iomairtean – aithnichidh a’ Chomataidh gum feum dòigh sam bith sam bithear a’ beachdachadh air casg air cosgaisean riaghailtean deuchainn Aonta Dhùn Èideann a choileanadh, ’s e sin, a bhith a’ cur air dòigh “riaghailtean a tha cothromach”, ’s aig an aon àm a bhith a’ dìon saorsa cainnt agus a’ brosnachadh com-pàirticheas fairsing san deasbad. ’S e co-dhùnadh na Comataidh gu bheil molaidhean Coimisean an Taghaidh (a tha mar phàirt mòr den Bhile) a’ toirt a-mach uiread ’s a ghabhas ruigsinn de dheagh thoradh, agus gum bu chòir ’s gum bi co-obrachadh eadar sgrùdadh a’ phobaill agus stiùireadh Coimisean an Taghaidh comasach air casg a chur air cosgadh, air taobh seach taobh, a bheir buaidh neo-iomchaidh air an toradh.

·        ‘Purdah’ (casg air stuthan foillsichte sna 28 làithean mu dheireadh ron reifreann) – gabhaidh a’ Chomataidh ri beachd an Leas-phrìomh Mhinisteir nach eil adhbhar teagaimh ann a thaobh deagh-ghean Riaghaltas na RA agus an dealas (fo Aonta Dhùn Eideann) gun cumar ri casg purdah coltach ris na chaidh a chur air Riaghaltas na h-Alba sa Bhile. Gidheadh, tha neo-chothrom sa chùis agus tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na RA cur an cèill am biodh no nach biodh iad deònach casg purdah sam bith a tha fo dhealas aca a chur air dòigh air bhonn reachdail (Nòta: chuir ceathrar bhall neo-aonta ris an rosgrann mu dheireadh seo).

 

·        Na tha ‘purdah’ a’ ciallachadh don Phàrlamaid – tòisichidh am purdah air Diardaoin 21 Lùnastal 2014. Tha a’ Phàrlamaid a-nis air aonta a chur ri cinn-latha fosaidh a tha a’ toirt a-staigh fosadh o 28 Ògmhios gu 3 Lùnastal 2014 (gach latha sa chunntas) agus a-rithist o 23 Lùnastal gu 21 Sultainn 2014 (gach latha sa chunntas). Mar bhuil, bidh dà latha an lùib a chèile eadar am purdadh agus gnothaichean na Pàrlamaid. Tha a’ Chomataidh a’ toirt seo gu aire ùghdarrasan na Pàrlamaid.

 

·        Fiosrachadh on dà Riaghaltas an dèidh an reifreinn – gabhaidh a’ Chomataidh ri moladh Coimisean an Taghaidh a thaobh fiosrachadh coitcheann a chumail ris an luchd-bhòtaidh mun phròiseas a bhiodhte a’ leantainn an dèidh an reifreinn, eadar ’s gum bi bhòta Seadh no Eile ann. Tha e mar chùis bhrosnachaidh don Chomataidh a chluinntinn gu bheil Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a’ deasbad nan cùisean seo, agus chuireadh iad fàilte air barrachd fiosrachaidh mu shusbaint nan deasbadan sin, cho math ri fiosrachadh ùr cunbhalach mu adhartas sam bith.

 

·        Tabhartasan airgid – san fharsaingeachd, tha a’ Chomataidh sàsaichte le riaghailtean mu thabhartasan. Gidheadh, tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh a-rithist am biodh e na b’ fheàrr ìre nas ìsle de dh’aithisgean a thaobh thabhartasan a bhith ann, agus am bu chòir barrachd ruigsinneachd a bhith aig a’ mhòr-shluagh air fiosrachadh mu thabhartasan ri linn an reifreinn, a chum soilleireachd. Cuideachd, chuireadh a’ Chomataidh fàilte air barrachd shoilleireachaidh mu mar a bhios, mar chleachdadh, luchd-gabhail-pàirt le cead a’ toirt sùil air airidheachd luchd-toirt-seachad-thabhartasan tro bhith a’ coimhead air clàraidhean taghaidh eile seach an aon chlàr air am faigh iad cead cinnteach fhaicinn.

 

Cùl-sgeul

Thathar an dùil gun tog a’ Phàrlamaid deasbad mu Ìre 1 den Bhile air 12 Sultain 2013.

 

Tha am Bile seo a’ toirt a-steach a’ chuid is motha den mhion-fhiosrachadh mu mar a thèid an reifreann a stiùireadh. Gu sònraichte, nì e ullachadh mu cheann-latha an referenduim, mu chànan na ceist agus mu ròl is dleastanasan Coimisean an Taghaidh agus luchd-proifeiseanta taghaidh eile.

 

Cuideachd, gheibhear ann riaghailtean a thaobh stiùir an referenduim, riaghailtean na h-iomairt (casg air cosgaisean nam measg) agus ullachadh mu choire is òrduighean-èigneachaidh eile a thaobh briseadh nan riaghailtean seo.

 

Gheibhear aithisg ìre 1 bho Chomataidh Bile an Referenduim air an làrach-lìn aig Pàrlamaid na h-Alba.

:

Leugh an aithisg

  • 2na Aithisg, 2013 (Seisean 4): Aithisg Ire 1 air Bile Reifreann air Neo-eisimileachd na h-Alba

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.