Stèidhiche is cathraiche eBay Pierre Omidyar na phrìomh neach-labhairt aig Comharrachadh Bonn Gràdh-daonna (philanthropy) Charnegie 2013

13.08.2013

Ann an com-pàirteachas ri Pàrlamaid na h-Alba, tha Urrasan Charnegie na Rìoghachd Aonaichte ag obair air còmhla air clàr thachartasan, thaisbeanaidhean, chruinneachaidhean is imeachdan a thèid a chumail aig Taigh an Ròid bhon Dàmhair 2013 gu Faoilleach 2014.

Nochdaidh na nithean seo a’ bhuaidh inntleachdail is shòisealta a dh’fhàg obair a chuireadh air chomas leis na bhuilich an gràdhaiche-daonna Albannach (philanthropist) is Americanach Anndra Carnegie’s agus bheir iad cothrom gus deasbad a chumail air na dùbhlain ùra san 21mh linn agus an t-àite a tha aig gràdh-daonna.

Thà an fhèill thachartasan seo fad sia seachdainean deug na comharrachadh air a’ bhuaidh air leth mòr a dh’fhàg Carnegie agus an lìonra de bhuidhnean-carthannais air feadh na cruinne a bhuilich e aig deireadh na 19mh linn agus toiseach na 20mh linn.

Tha na tachartasan a’ tòiseachadh 5 Dàmhair nuair a dh’fhosglas Andy Warhol: Pop, Poball is Poilitigs.

Bidh Pierre Omidyar, am fear-iomairt agus fear gràdh-daonna a tha ainmeil airson eBay a stèidheachadh agus a bhith na chathraiche air, mar phrìomh neach-labhairt air comharrachadh cliùiteach cruinneadail Bonn Gràdh-dùthcha Charnegie an Dàmhair seo, a thèid a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann. 

Agus e air a riochdachadh daonnan mar ‘Dhuais Nobel gràdh-daonna’, chan eil Bonn Charnegie ga bhuileachadh a h-uile dara bliadhna air gràdhaichean-daonna mòra an t-saoghail. Am measg na ghlèidh e roimhe tha Àrd-bhàillidh New York  Michael Bloomberg, muinntir Gates, muinntir Sainsbury, Ted Turner agus an Ridire Tom Farmer CVO. Tha am Bonn ga bhuileachadh le Corporaid Charnegie New York agus lìonra nam buidhnean-carthannais a stèidhich Anndra Carnegie ann an America, agus air feadh an t-saoghail, Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte nam measg.

Tha obair gràdh-daonna Pierre Omidyar a’ dol air feadh na cruinne agus thairis air farsaingeachd chuspairean – air a stèidheachadh air beachd gu bheil daoine comasach aig bonn ach gu bheil co-ionannachd chothroman a dhìth orra. San òraid aige, nochdaidh Omidyar beachdan air toirt buaidh gu buil, a’ cur dùbhlain air an status quo agus ag àrdachadh inbhe mhic-an-duine. Fhuair Omidyar agus a bhean Bonn Gràdh-daonna Charnegie ann an 2011, aig comharrachadh ann an Cathair New York.

Thuirt Pierre Omidyar: “Tha an dìleab a dh’fhàg Anndra Carnegie gu math buntainneach don t-saoghal a tha ann an-diugh. Tha na beachdan aige a-cheart cho cudromach an-dràsta agus a bha iad o chionn ceud bliadhna air ais agus tha e na urram mòr dhomh fhìn comharrachadh Bonn Gràdh-daonna Charnegie fhosgladh am-bliadhna.”

Thuirt Aonghas Hogg MBE, Cathraiche Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte:  “Bha aisling aig Anndra Carnegie de shaoghal làn sìthe, de dh’fhallaineachd agus de chothroman agus tha sealladh pearsanta Phierre Omidyar a’ riochdachadh nan luachan bunaiteach sin gun teagamh sam bith. Tha sinn cho riaraichte gun tèid aig Pierre air Bonn Gràdh-daonna Charnegie fhosgladh – bheir e sealladh an latha an-diugh air an obair ri gràdh-daonna a tha sinn air a bhith a’ gabhail os làimh fad còrr is ceud bliadhna.

“Tha Mgr. Omidyar agus Pam, a bhean air, còrr is $1bn a thoirt do dheagh adhbharan agus air caochladh bhuidhnean a chur air chois. Rud a tha cudromach, tha iad air a bhith a’ sealltainn air dòigh sheasmhach mu leasachadh sòisealta agus mu fhallaineachd, rud a bha Anndra Carnegie taic air taic mhòr a chur ris, tha mi an dùil. Air an adhbhar sin, tha fiughair againn ri bhith a’ cur fàilte air Mgr. Omidyar agus an teaghlach aige gu Alba agus ri comharrachadh Bonn Gràdh-daonna Charnegie.”

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA: “Is e seo dìreach an dara turas a thathar air an Comharrachadh a chumail an taobh a-muigh nan Stàitean Aonaichte, agus bha a’ chiad turas an seo aig Pàrlamaid na h-Alba ann an 2005, agus tha e na thoileachas mòr dhomh a bhith a’ cur fàilte air ais gu Taigh an Ròid air.

“Tha an tachartas seo a’ comharrachadh an diofair a nì aon duine dìreach anns an t-saoghal agus tha mi an dòchas le bhith a’ cluinntinn sgeulachdan Phierre agus daoine coltach ris, gun cuidich e gus ginealach ùr de ghràdhaichean-daonna a a bhrosnachadh.” 

Bheir Pierre Omidyar an òraid aige seachad air 17 Dàmhair aig Pàrlamaid na h-Alba agus thèid na duaisean a bhuileachadh nas fhaide air adhart air an aon latha. Thèid an fheadhainn a bheir a-mach a’ bhuaidh ainmeachadh nas fhaide air adhart as t-samhradh le Corporaid Charnegie New York.   

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.