Oirfideas airson nan uile aig a’ Phàrlamaid

03.08.2013

Chaidh clàr de dh’oirfideas an-asgaidh a chur air bhog an-diugh (3 Lùnastal) le Pàrlamaid na h-Alba mar chuid de dh’Fhèis Phoilitigs na bliadhna seo. Tha a h-uile càil bho cheòl gu àbhachdas – le bàrdachd eatorra – ann an clàr Bàr na Fèise aig a bheil e mar amas daoine a chur gu cnuasachd, còmhradh agus a bhith a’ cumail cas ris a’ cheòl.

Airson a’ chiad uair, bidh Bàr na Fèise aig an Fhèis, far an tèid a’ Phàrlamaid atharrachadh ann an cruth gu àite far am faodar fois a ghabhail air do shocair. Faodaidh an dà chuid luchd na Fèise agus luchd-tadhail deoch is grèim-bidhe a ghabhail, fhad is a thathar ag èisteachd ris an oirfideas an-asgaidh no a’ cumail orra leis an deasbad, rud a tha air fàs cho comharraichte mu Fhèis Phoilitigs.

A’ cluich air a’ chiad oidhche (Dihaoine) bidh That Swing Sensation a’ gabhail òrain iomraiteach nan còmhlan-dannsa mòra. A’ cluich oidhche Shathairne  bidh Jai MacDhùghaill a bhuannaich Britain’s Got Talent 2011, an dara turas aige aig Pàrlamaid na h-Alba an dèidh dha Unforgettable a ghabhail cho drùidhteach sin san t-Samhain 2012 nuair a chaidh tagradh Alba Lus a’ Chadail (Poppy Scotland appeal) a chur air bhog. Aig an deireadh anns an taigh-bhidhe bidh Mainstreet Blues Duo, a bheir an cothlamadh aca de blues teth agus jazz snasail Fèis Phoilitigs 2013 gu crìch.

A’ bruidhinn ro ghnothaichean, thuirt Jai MacDhùghaill:

“Tha Bàr na Fèise na leasachadh mìorbhaileach air Fèis Phoilitigs agus air saoghal beothail fèisean Dhùn Èideann. Tha mi cho riaraichte a bhith an sàs anns a’ chlàr an-asgaidh agus a bhith a’ cluich aig ionad a tha cho annasach agus cho inntinneach.”

Am measg daoine eile an sàs ann bidh seinneadair ceòl-nan-daoine Amy Duncan a chaidh an dòigh-seinn aice a chur an coimeas ri Joni Mitchell agus Patti Smith, an t-àbhachdaiche poilitigeach Steve Richards, agus Ceathrar Jazz Sgioba-ciùil Òigridh na Dùthcha. Thèid làmh-sgrìobhte a chur ri leabhraichean le feadhainn de luchd-labhairt na Fèise agus bidh taisbeanaidhean ann, ‘Boyling Point’ a tha na thaisbeanadh leis a’ chartùnaiche phoilitigeach chliùiteach Frank Boyle nam measg cho math ri ‘Ìle – 3x8’ taisbeanadh air leth a beir trì seallaidhean diofraichte de dh’Ìle.  

Am measg nan tachartasan tha:

Dihaoine 23 Lùnastal

  • That Swing Sensation

Disathairne 24 Lùnastal 

  • InChorus
  • Amy Duncan
  • David Hershaw
  • Ceathrar Jazz Sgioba-ciùil Òigridh na Dùthcha
  • Poilitigs Beò le Steve Richards
  • Jai MacDhùghaill 

 

Didòmhnaich 25 Lùnastal

  • The Sandy Brechin Band
  • Main Street Blues Duo
  • Poetry Slam
  • The Banjo Lounge 4
  • Arion String Quartet 

 

Gheibhear fiosrachadh slàn mun chlàr aig:

 http://www.fèisphoilitigs.org.ra/taigh-bidhe.htm

Cùl-fhiosrachadh

Agus i a’ fosgladh Dihaoine 23 Lùnastal, seallaidh Fèis Phoilitigs na bliadhna seo air ‘Àite na h-Alba san t-saoghal’ le tachartasan a’ sgrùdadh chuspairean leithid neo-eisimeileachd is cùisean eaconamach, na tha air fàire don Roinn-Eòrpa agus do na dùthchannan beaga, comas na h-Alba a thaobh dìona agus na tha an dàn don imrich-a-steach ann an Alba.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig:

http://www.fèisphoilitigs.org.ra/clàr-amais.htm

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.