25.07.2013
Chaidh an stic mu dheireadh sa Ghrèis-bhrat as motha san t-saoghal mar a bhios ann nuair a bhios e ullamh fhuaigheal le Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh (25 Iuchar).
Còmhla ris an Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA bha an neach-ealain a dhealbhaich an Grèis-bhrat, Andrew Crummy agus co-òrdanaiche nan sticean Dorie Wilkie gus an stic mu dheireadh fhuaigheal sa ghrèis-bhrat fad 143 meatairean a thèid a nochdadh gu lèir don chiad uair aig Pàrlamaid na h-Alba am-bliadhna.
Tha am pannal air aonan den ochd fichead a’ riochdachadh 420 millean bliadhna de dh’eachdraidh na h-Alba. Tha mìle luchd-fuaigheil aig aois eadar 4 gu 94 air a bhith ag obair air an tionnsgnadh a thug còrr is 50,000 uair a thìde gus a chrìochnachadh.
Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:
“Bha e na urram mòr dhomh fhìn a’ chiad stic den Ghrèis-bhrat Mhòr fhuaigheal an-uiridh. Bhon uair sin tha na ceudan de luchd saor-thoileach air na mìltean uairean a thìde a chur seachad a’ cruthachadh na saothair-ealain air leth a tha an seo.
“Tha mi cho toilichte an stic mu dheireadh a chur ris an-diugh agus tha fiughair agam ris an ochd fichead pannal gu lèir fhaicinn air an taisbeanadh còmhla don chiad uair aig a’ Phàrlamaid am-bliadhna.
“Bha seo na thionnsgnadh eagallach fhèin mòr agus tha mi ag iarraidh taing a thoirt dhan fheadhainn air fad a tha air a bhith ag obair cho dìcheallach gus a thoirt gu bith. Thàinig mar thoradh air an dìcheall is am mac-meanmna saothair-ealain shuaicheanta fhèin a chòrdas ris na ginealaich ri thighinn fad iomadh bliadhna fhathast.”
Tha Alexander McCall Smith ag ràdh:
“Tha cruthachadh na h-obrach seo a tha cho mìorbhaileach air a bhith na aoibhneas fhèin. Chan e a-mhàin gu bheil an sgioba de luchd-ealain agus luchd-fuaigheil air clàr annasach a chruthachadh de dh’eachdraidh na h-Alba, ach tha an obair air na ceudan de dhaoine a thoirt còmhla anns gach ceàrn de dh’Alba ri saothair-ealain còmhla ri chèile. San iomadh uair a chuir an luchd-fuaigheil seachad còmhla, dh’fhiosraich iad an tlachd an lùib rudeigin seasmhach àlainn a chruthachadh; dh’fhairich iad cò ris a tha e coltach ealain a chruthachadh le feadhainn eile; tha iad air càirdeas a lorg.
“Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air an neach-ealain lèirsinneach, Andrew Crummy, agus air an sgioba de cheudan aige, le Dorie Wilkie na cheann. Mo bheannachd air an cuid fialaidheachd. Mo bheannachd air an sunnd. Is e an t-saothair chruthachail aca fhèin a tha sa ghrèis-bhrat, air a thoirt do mhuinntir na h-Alba agus don fheadhainn a thig a dh’Alba gus fhaicinn.”
Cùl-fhiosrachadh
Air 21 Màrt 2012, dh’fhuaigheil an t-Oifigear Riaghlaidh a’ chiad stic ann an Grèis-bhrat Mòr na h-Alba.
Thèid an Grèis-bhrat a thaisbeanadh ann an Talla Mòr Pàrlamaid na h-Alba eadar 3 agus 21 Sultain. Gheibhear a-steach gus an Grèis-bhrat fhaicinn saor an-asgaidh. Thèid barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad as t-samhradh.
Tha Grèis-bhrat Mòr na h-Alba air aonan de na tionnsgnaidhean ealain-coimhearsnachd as motha san t-saoghal. Tha an obair, a dhealbhaich an sgrìobhadair Alexander McCall Smith, an neach-ealain Andrew Crummy agus an neach-eachdraidh Alistair Moffat, air mìle de luchd-fuaigheil saor-thoileach à air feadh Alba a thoirt còmhla gus grèis-bhrat air a gràbhaladh 143 meatairean a dh’fhaid, nach fhacas a leithid riamh roimhe, a chruthachadh. Agus iad a’ riochdachadh eachdraidh na h-Alba gu h-àlainn, bho thìr air a glasadh leis an deigh agus air a snaigheadh le eighean-shruth (glaciers), gu tional Pàrlamaid na h-Alba às ùr ann an 1999, tha na pannalan a’ sealltainn eachdraidh, saidheans, cultar, gnìomhachas agus poilitigs annasach na h-Alba thar nan linntean.
Contact information
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
