Àite na h-Alba san t-saoghal ga dheasbad aig Fèis Phoilitigs na bliadhna seo

09.07.2013

Nì Fèis Phoilitigs na bliadhna seo sgrùdadh air àite na h-Alba san t-saoghal. Nì an fhèis fad trì latha, a tha ga cumail ann an suidheachadh air leth Pàrlamaid na h-Alba, rannsachadh air na chruthaich Alba nan linntean a dh’fhalbh agus deasbad air na ceistean mòra a chuireas cruth oirre san àm air thoiseach.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Le seiseanan air dìon, imrich-a-steach, cumhachd nan dùthchannan beaga agus ìomhaigh na h-Alba, bheir tachartas na bliadhna seo an luchd-aithris agus luchd-oideachaidh as fheàrr cruinn còmhla gus na ceistean a shònraicheas an dùthaich a dheasbad. 

Airson a' chiad turas aig Fèis Phoilitigs, bidh Taigh-bìdh ann cuideachd. Leigidh an t-ionad beothail seo le luchd na fèise tighinn còmhla agus cumail orra a’ deasbad ann an dòigh fhosgailte air an socair. 

Agus i a’ labhairt ron tachartas, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

“Seo àm de na h-amannan as inntinniche san eachdraidh againn, nuair a bhios ceistean air cò sinn mar dhùthaich agus na tha air fàire sna naidheachdan gach latha. Nì Fèis Phoilitigs na bliadhna seo rannsachadh air mòran de na ceistean seo tro dheasbad beothail ann an suidheachadh air leth togalach na Pàrlamaid.

“Is e Fèis Phoilitigs far am bi poilitigs agus poball a’ tighinn còmhla agus tha mi gu math riaraichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba uair eile a’ cur a taice ris an leasachan bheothail is fhiosraichte seo ri aimsir nam fèisean ann an Dùn Èideann.”

Com-pàirtichean Fèis Phoilitigs

Is iad com-pàirtichean na Fèise againn Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Cameron Presentations.

Cothrom air clàr agus tiogaidean

·      Thèid tiogaidean a reic bho 9.00m Dimàirt 9 Iuchar 2013.

·      Air an Lìon tro www.festivalofpolitics.org.uk/

·      Tha tiogaidean cuideachd rim faotainn le bhith a’ nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba sibh fhèin agus air fòn air 0131 348 5405.

·      Tha fiosrachadh làn mu chlàr na fèise ri fhaotainn bho www.festivalofpolitics.org.uk/

No leanaibh sinn air:

·      Twitter @FoP2013

·      Hashtag #FoP13

·      Facebook

Bidh dealbhan den tachartas rim faotainn an-asgaidh bhon ghailearaidh a leanas:

www.scottishparliamentphoto.com/

Facal-faire: holyrood

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.