Beachdan luchd-euslainte gan iarraidh air reachas gus cùram slàinte is sòisealta a leasachadh

05.07.2013

Thèid reachdas – a chuireas an cèill molaidhean gus dèanamh cinnteach gum bi siostaman cùram slàinte is sòisealta a’ co-obrachadh gu h-èifeachdach gus ullachadh cùraim nar coimhearsnachdan a leasachadh – a chur fo sgrùdadh leis a’ Chomataidh Slàinte is Spòrs. Dh’iarr BPAan beachdan air na molaidhean an-diugh.

Chaidh Bile nam Buidhnean Poblach (Co-obrachadh) (Alba) a thoirt a-steach le Riaghaltas na h-Alba air 28 Cèitean, agus cuiridh seo an cèill grunn mholaidhean a chuireas an comas ùghdarrasan ionadail is bùird slàinte cùram aonaichte a lìbhrigeadh.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Tha fios againn uile gu bheil deamografaigs na h-Alba ag atharrachadh. Tha daoine beò nas fhaide is nas fhallainne. Ach feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean comasach air dèiligeadh ri seo a chor is gun toirear don fheadhainn sin aig a bheil feumalachdan cùraim iom-fhillte an ìre de sheirbheis air a bheil iad airidh, an dà chuid san ospadal agus aig an taigh.

 

“Coimheadaidh a’ Chomataidh seo air mion-fhiosrachadh nam molaidhean gus dèanamh cinnteach gun tèid a leithid seo a lìbhrigeadh air sgàth muinntir na h-Alba.

 

“Tha sinn airson cluinntinn on dà chuid na buidhnean is na carthannais a bhios an-sàs ann a bhith a’ lìbhrigeadh seo, agus, nas cudromaiche buileach, on luchd-euslainte air am bi buaidh aige.”

 

Thuirt Leas Neach-gairm na Comataidh, Bob Doris BPA:

 

“Tha an reachdas seo a’ tighinn aig an àm cheart agus tha e a’ riochdachadh deagh cheum air adhart a thaobh siostam cùram slàinte is sòisealta aonaichte a chur air dòigh a bheir cùram àrd-ìre don fheadhainn a tha feumach air.

 

“Tha fios agam gu bheil seo a’ tachairt mu-thràth ann an cuid de dh’Alba, ’s mar sin bidh a’ Chomataidh seo a’ coimhead air a’ chùis ach an cuir na molaidhean san reachdas seo ullachadh riaghlaidh èifeachdaich an sàs a chor is gum bi cùram slàinte is sòisealta aig àrd-ìre ann.”

 

Mar gheàrr-chunntas, tha am Bile:

·      A’ solarachadh cothrom do Mhinistearan na h-Alba toraidhean nàiseanta a shònrachadh a thaobh slàinte ’s mathas dhaoine, agus seo a lìbhrigeadh air leithid a dhòigh is gum bi Bùird Slàinte agus ùghdarrasan ionadaile cunntachail do na Ministearan is don mhòr-shluagh.   

·      A’ cur an cèill prionnsapalan a thaobh planadh is lìbhrigeadh ghnìomhan aonaichte, rudan air am feum ùghdarrasan ionadaile, Bùird Slàinte agus bùird co-aonachaidh aire a thoirt fo riatanas.

·      A’ cur air bhonn bùird agus comataidhean-sgrùdaidh co-aonachaidh mar chom-pàirtichean a bhios a’ riaghladh is a’ cumail sùil air seirbheisean cùram slàinte is sòisealta. Fon Bhile, rachaidh Com-pàirtichean Slàinte Coimhearsnachdail à reachdas.  

·      A’ cur mar fhiachaibh air com-pàirtichean ann am Bùird Slàinte agus an ùghdarrasan ionadaile dol an-sàs ann an suidheachaidhean far am bithear a’ co-roinn ghnìomhan agus stòrasan iomchaidh gus dèanamh cinnteach gun tèid na gnìomhan sin a lìbhrigeadh gu h-èifeachdach.  

·      A’ cur mar riatanas air bùird co-aonachaidh prìomh oifigear a chur an dreuchd, neach a bhios cunntachail, tron bhòrd, don dà chuid Bòrd Slàinte na roinn-thaghaidh agus na h-ùghdarrasan ionadaile, agus air am bi uallach am buidseat aonaichte a stiùireadh agus seirbheisean a lìbhrigeadh anns an sgìre far a bheil am plana aonachaidh an-sàs.   

·      A’ cur mar riatanas air bùird co-aonachaidh agus air Bùird Slàinte no ùghdarrasan ionadaile – a thig fo cho-roinn ghnìomhan mar ùghdarras aonachaidh – plana ro-innleachdail a chur ri chèile airson na sgìre aca, plana a chuireas an cèill solarachadh ghnìomhan aonaichte agus mar a choileanas seo toraidhean nàiseanta a thaobh slàinte is mathas dhaoine.   

Cùl-sgeul

Thathar ag iarraidh air com-pàirtichean am beachdan a thoirt seachad mar fhianais don Chomataidh, agus seo ro latha-dùnaidh na cùise air Dihaoine 02 Lùnastail.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.