03.07.2013
Feumar barrachd atharrachaidhean a dhèanamh gus siostam nas fheàrr agus nas fhollaisiche gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis a chruthachadh, a rèir aithisg le Comataidh Slàinte agus Spòrs.
Fhuair dà ath-bhreithneachadh air an t-siostam o chionn ghoirid, air an coimiseanadh le Riaghaltas agus air an gabhail os làimh leis na h-Ollamhan Swainson and Routledge fàilte bhon Chomataidh. Tha ceist oirre fhathast, ge-tà, nach eil na molaidhean seo a’ dèanamh ach beagan gus aghaidh a thoirt air na bacaidhean follaiseach air euslaintich a dh’iarras cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr.
Tha i a’ gairm an-diugh air Riaghaltas na h-Alba aghaidh a thoirt air ceistean mu iarrtasan airson làimhseachaidh le euslaintich fa leth (IPTR), prìsean air an stèidheachadh air luach, comataidh ri drogaichean agus leigheas gu h-ionadail, agus deuchainnean clionaigeach.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill BPA:
“Sa chiad dol-a-mach, tha sinn a’ cur fàilte air dòigh-dèiligidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh a bhith a’ feuchainn ri taic le aonta thar nam pàrtaidhean air fad ri dèanamh atharrachaidhean air mar a gheibh euslaintich cothrom air cungaidh-leigheis. Bha seo na ceist car connspaideach riamh agus bitheamaid soilleir nach eil freagairtean no fuasglaidhean furasta ann idir.
“Is e glè bheag, ge-tà, a rinn na h-ath-bhreithneachaidhean a chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn gus molaidhean a thoirt gus an siostam a leasachadh gus aghaidh a thoirt air na bacaidhean a tha ann an-dràsta.
“Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil de chomas aig na molaidhean san aithisg seo siostam nas fheàrr agus nas fhollaisiche a chruthachadh do dh’euslaintich gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr.”
Thuirt Leas-neach-gairm Bob Doris BPA:
“Tha a’ Chomataidh againn a’ cur a taice gu mòr ri co-dhùnaidhean nan ath-bhreithneachaidhean a chuireadh ri follaiseachd, a dh’fhàgadh nach biodh an siostam a cheart cho toinnte agus a bheireadh guth do dh’eòlaichean clionaigeach.
“Ach tha feum againn air siostam nas fhollaisiche san cuir euslaintich earbsa gus am fios le cinnt aca gun dèanar co-dhùnaidhean a rèir modh-obrachaidh a thathar a’ toirt gu buil air an aon rèir.
“Is e sin as coireach gu bheil sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba breithneachadh às ùr a dhèanamh air ceistean mu iarrtasan airson làimhseachaidh le euslaintich fa leth, mar a cheadaichear cungaidh-leigheis gu h-ionadail agus mar a ghabhas sinn gnothach ri ceistean mu shuidheachadh dhìlleachdan.”
Ann an giorrachadh, tha an aithisg a’ moladh:
- Obrachadh Chonsortium Luchd-leigheis na h-Alba (SMC) Tha dragh aig a’ Chomataidh fhathast, math is ged a tha na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh anns na h-ath-bhreithneachaidhean, nach dèan iad ach glè bheag gus aghaidh a thoirt air na bacaidhean follaiseach ri cothrom air cungaidh-leigheis ùr a thig air euslaintich.
- Tha a’ Chomataidh den bheachd, gus leasachadh a thoirt air follaiseachd siostam Iarrtasan Airson Làimhseachaidh le Euslaintich Fa Leth (IPTR), gum bu chòir do Riaghaltas ath-bhreithneachadh agus sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnaidhean IPTR roimhe seo gus dearcnachadh iarrtasan agus seasmhachd co-dhùnaidhean san ùine air thoiseach a leasachadh. Bu chòir àireamh nan n-iarrtasan, co-dhùnaidhean àicheil agus deimhinneach, am measg nithean buntainneach eile, fhoillseachadh gu cunbhalach.
- Comataidhean Ionadail ri Drogaichean agus Leigheas (ADTC). Bu chòir gun cuidicheadh am moladh gun dèanar co-dhùnaidhean a thaobh cungaidh-leigheis a chur ris an fhoirmle ionadail agus a chur an cèill an taobh a-staigh trì mìosan air moladh SMC gus seasmhachd agus follaiseachd a chur air adhart. Faodaidh gum bi argamaid a bharrachd ann gum bu chòir gun cuireadh gach ADTC cungaidh-leigheis ùr air a ceadachadh le SMC air an fhoirmle aca an taobh a-staigh trì mìosan, co-dhiù a chaidh an seòladh clionaigeach agus mu òrdain a chrìochnachadh gu h-iomlan ron àm sin gus nach deach. Faodaidh luchd-clionaig feum a chur air an cuid breithneachaidh dhreuchdail uime sin air foirmle air.
- A dh’aindeoin nan argamaidean a chuireadh air adhart gun rachadh na 14 ADTCan air fad a ghleidheadh, math dh’fhaodte gum bi argamaidean ann cuideachd nach deach a sgrùdadh gu h-iomlan gu ruige seo airson àireamh nas lugha no aon bhuidheann nàiseanta, gu sònraichte a thaobh iarrtasan airson làimhseachadh euslainteach. Faodaidh gum bi a’ gluasad air adhart gu buidheann nàiseanta mu iarrtasan airson làimhseachadh euslainteach an dòigh as èifeachdaiche gun tèid slatan-tomhais IPTR agus Iarrtas-buidhne airson Làimhseachadh Euslainteach (GPTR) a thoirt gu buil a bharrachd air seasmhachd ann an dèanamh cho-dhùnaidhean.
- A bheil na molaidhean seo a’ dol fada gu leòr? Tha ceist air a’ Chomataidh fhathast nach toir na molaidhean seo aghaidh gu h-iomlan air na ceistean a dh’adhbharaich an dragh as motha thairis air na bliadhnaichean a chaidh. Bidh modhan SMC an ìre mhath gun atharrachadh, ged a dh’fhaodadh i coinneachadh, gu ìre co-dhiù, gu poblach. Ach bidh co-dhùnaidhean a thaobh cungaidh-leigheis a mholadh gus a cleachdadh ann an SNS na h-Alba stèidhichte fhathast air cosgais nam bliadhnaichean le barrachd càileachd a thaobh beatha (QALY) a bheireadh làimhseachadh le droga.
- Cha d’rinn duine argamaid gun robh siostam nas fheàrr na an QALY gus measadh a dhèanamh air an luach a bheir làimhseachadh seach làimhseachadh, a dh’aindeoin nan sriantan ris. Tha a’ chomataidh air beachd a ghabhail mar-thà air an toinnteachd an lùib cosgais gach QALY. Tha e follaiseach gu bheil an dòigh san toirear atharraichearan gu buil na mìr deatamach gus cho èifeachdach a thaobh cosgais agus a tha cungaidh-leigheis obrachadh a-mach le SMC. Tha’ chomataidh a’ gairm uime sin air SMC agus Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh a dhèanamh mar chùis thàbhachdach mar a thoirear atharraichearan agus stairsnichean gu buil gus suidheachadh dhìlleachdan, deireadh-beatha agus tionnsgalachd a chur san àireamh ann an seagh nas fheàrr agus ìre nas àirde de dh’fhollaiseachd a chruthachadh.
- Suidheachadh dhìlleachdan. Tha a’ Chomataidh mothachail gun do thòisich a cuid obrach air a’ cheist seo le àireamh de dh’athchuingean ceangailte ri galaran dhìlleachdan. Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte mar sin air co-dhùnadh Rùnaire a’ Chaibineit, stèidhichte air comhairle bhon Ollamh Swainson, maoin cungaidh-leigheis luach £21 millean do ghalaran ainneamh a stèidheachadh.
- Tha ceistean ann fhathast, ge-tà, mun ìre dhan adhbharaich a’ mhaoin seo, ann an gnìomh, leasachadh air cothrom air a’ chungaidh-leigheis seo, leis gum bi aig neach-clionaig an euslaintich fhathast ri bhith air IPTR soirbheachail a dhèanamh no a bhith an sàs ann an Iarrtas-buidhne gus euslaintich a ghluasad. Tha an coltas air gu bheil e follaiseach, a thaobh nan euslainteach a thèid na h-iarrtasan aca a dhiùltadh, nach toir a’ mhaoin buaidh sam bith air an làimhseachadh a gheibh iad. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir stiùireadh soilleir mu mhaoin cungaidh-leigheis nan galaran ainneamh fhoillseachadh agus a nochdadh ris a’ Chomataidh mar chùis-èiginn.
- Ceist na h-aillse. Tha a’ Chomataidh ag aontachadh, ged is dòcha nach biodh fèill air co-dhùnaidhean SMC mu chungaidh-leigheis gu sònraichte airson na h-aillse, gu bheilear gan dèanamh gu daingeann agus bu chòir cumail air adhart a bhith gan dèanamh air an aon stèidh agus a tha airson cungaidh-leigheis do ghalaran eile, agus nach bu chòir gnothach a ghabhail ris an aillse na h-aonar gus làimhseachadh sònraichte fhaighinn e Committee an taca ri galaran eile a chuireas a’ bheatha ann an giorrad. Tha a’ Chomataidh a’ gabhail ris gu bheil ceistean doirbh ann mu làimhseachadh do dh’euslaintich fa leth agus gum faod e bhith doirbh do dh’euslaintich agus do na teaghlaichean aca gabhail ris gur dòcha nach bi cothrom air cungaidh-leigheis air an aon stèidh anns a h-uile ceàrn den Rìoghachd Aonaichte. in comparison to other life-shortening conditions. A dh’aindeoin sin, cha bhiodh stèidheachadh maoin do dhrogaichean an aghaidh na h-aillse ann an Alba mar fhuasgladh air na duilgheadasan seo.
- Deuchainnean clionaigeach. Tha a’ Chomataidh mothachail air an dragh a tha aig luchd-clionaig agus feadhainn eile mun bhuaidh a bheir a’ chungaidh-leigheis thionnsgalach as ùire gun a bhith ri faighinn mar àbhaist ann an Alba agus a’ bhuaidh a beireadh e air àireamh nan deuchainnean clionaigeach a thathar a’ cumail ann an Alba. Thug a’ Chomataidh fa-near cuideachd dhan chlaonadh choitcheann an taobh a-staigh a’ ghnìomhachais gu bheil ìre nas lugha de dheuchainnean clionaigeach gan cumail ann an Alba agus sa chuid eile de Thaobh Siar na h-Eòrpa, nach fhaodadh dol am farpais mu phrìs le dùthchannan ann an Taobh Sear na h-Eòrpa. Tha a’ Chomataidh a’ gairm air Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh mar chùis-èiginn agus aithisg a thoirt dhan Chomataidh a bheil ìsleachadh air àireamh nan deuchainnean aig Ìre 3 gan cumail ann an Alba agus beachd a ghabhail air ceuman sam bith a dh’fhaodadh a bhith a dhìth gus an àireamh aca àrdachadh cho math ri àireamh iomlan nan deuchainnean clionaigeach a thoirt chun na h-ìre as àirde.
- Prìsean air an stèidheachadh air luach. Tha a’ Chomataidh den bheachd, ma thig e am follais gum faodte nithean sònraichte ceangailte ri prìsean air an stèidheachadh air luach a ghabhail os làimh leis na buidhnean-riaghlaidh thiomnaichte, gu bheil e leibideach gu bheil an troimh-a-chèile seo air a bhith ann cho fada – ùine a dh’fhaodte a chleachdadh gus ullachaidhean ùra a chur air bhonn ann an Alba. Tha e dol a bhith na dhùbhlan an leithid de dh’ullachaidhean a bhith air an stèidheachadh ann an àm airson toiseach VBP san Fhaoilleach 2014. Tha a’ Chomataidh a’ gairm mar chùis-èiginn air Riaghaltas na h-Alba soilleireachadh fhaighinn a bheil no am faodte nithean sam bith ceangailte ri prìsean air an stèidheachadh air luach a bhith tiomnaichte.
- Tha a’ Chomataidh den bheachd, ma thig e am follais gum faodte nithean sònraichte ceangailte ri prìsean air an stèidheachadh air luach a ghabhail os làimh leis na buidhnean-riaghlaidh thiomnaichte, gu bheil e leibideach gu bheil an troimh-a-chèile seo air a bhith ann cho fada – ùine a dh’fhaodte a chleachdadh gus ullachaidhean ùra a chur air bhonn ann an Alba. Tha e dol a bhith na dhùbhlan an leithid de dh’ullachaidhean a bhith air an stèidheachadh ann an àm airson toiseach VBP san Fhaoilleach 2014.
- A dh’aindeoin seo, tha a’ Chomataidh den bheachd, nam faodadh na nithean ceangailte ri teicneòlas-slàinte an lùib phrìsean air an stèidheachadh air luach a bhith tiomnaichte, gun toireadh seo cothrom air leth gus fuasgladh Albannach a chruthachadh air na cùisean seo a dh’fhaodadh a bhith fada na bu shùbailte na na h-ullachaidhean a tha ann an-dràsta.
- Ath cheuman Tha luchd-pàirteachaidh an dà chuid ann an sgrìobhadh agus labhairt air dealas a nochdadh gun obraich a h-uile buidheann le ùidh gu cruthachail le Riaghaltas na h-Alba gus an siostam gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr a leasachadh barrachd gus am measadh farsaing air a luach a chur san àireamh; thug a’ chomataidh fa-near do dh’eugsamhlachd nam beachd bho raon farsaing de bhuidhnean, Myeloma UK, ABPI, Beating Bowel Cancer agus Cancer Research UK nam measg.
- Ged a tha i a’ cur fàilte air na molaidhean ann an ath-bhreithneachaidhean Swainson agus Routledge, a’ toirt mar thuairisgeul air na leasachaidhean mar “uidh air n-uidh”, tha a’ Chomataidh air caochladh mholaidhean a dhèanamh a tha a’ dol seachad air an dà ath-bhreithneachadh. Tha i den bheachd gu bheil de chomas aig na molaidhean seo leasachadh nach beag a thoirt an dà chuid air modhan Iarrtasan Làimhseachadh Euslainteach agus SMC agus, ann a bhith ga dhèanamh, gun dèanadh aid cinnteach gum biodh siostam nas fheàrr agus nas fhollaisiche ann gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr.
Cùl-fhiosrachadh
Thòisich obair na Comataidh air a’ cheist seo mar fhreagairt air trì athchuingean chun na Pàrlamaid às leth euslainteach air a bheil galaran ainneamh no galaran dhìlleachdan.
Fios conaltraidh
Fios do na meadhananan
Fios comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: