Gairm airson fianais air Bile Pòsaidh agus Com-pàirteachais Shìobhalta (Alba)

27.06.2013

Chaidh gairm airson fianais fhoillseachadh an-diugh air Bile Pòsaidh agus Com-pàirteachais Shìobhalta (Alba) le Comataidh Co-ionannachd Chothroman Pàrlamaid na h-Alba.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Bheireadh am Bile pòsadh den aon ghnè a-steach agus dhèanadh e caochladh atharrachaidhean coitcheann air lagh a’ phòsaidh cuideachd. Nam measg seo bhiodh luchd-pòsaidh gun chreideamh seach creideamh a chur air aon rèir ri luchd-pòsaidh le creideamh, a’ ceadachadh gum faodte pòsaidhean sìobhalta a chumail àite sam bith, seach dìreach ionadan ceangailte ri creideamh, agus leigeil le daoine tar-ghnèitheach fuireach pòsta an dèidh dhaibh Teisteanas Aithneachadh-gnè fhaotainn. 

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Màiri Nic a’ Phì BPA:

 

“Is e an dreuchd a tha aig a’ Chomataidh am bile seo a sgrùdadh agus tha a’ ghairm airson fianais a chuir sinn a-mach an-diugh air a’ phròiseas sin a thòiseachadh. Faodaidh iadsan a tha ag iarraidh freagairt a thoirt air a’ ghairm airson fianais a dhèanamh tron làraich-lìn againn no le bhith a’ sgrìobhadh thugainn aig Pàrlamaid na h-Alba, ro 23 Lùnastal.

 

“Tha sinn gu math mothachail air na beachdan làidir air gach taobh den deasbad mun Bhile agus tha a’ Chomataidh airson is gum bi fios aig uimhir a dhaoine agus a ghabhas air na tha am Bile a’ moladh agus gum bi an cothrom aca na beachdan a nochdadh.“

 

Gheibhear ceangal ris a’ ghairm airson fianais a thig gu ceann 23 Lùnastal 2013 an seo

  • Leugh an gairm fianais
  • Bile Pòsaidh agus Com-pàirteachais Shìobhalta (Alba)

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.