Am bu chòir co-dhearbhadh (corroboration) a thoirt air falbh, tha comataidh a’ faighneachd mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile Ceartais Eucoraich?

26.06.2013

Tha beachdan mun Bhile a tha a’ moladh gun tèid am feum air co-dhearbhadh a thoirt air falbh agus a dhèanadh leudachadh air a’ mhòr-chuid gu dà thrian air diùraidh gus binn chiontach a thoirt a dhìth air Comataidh a’ Cheartais a dh’fhoillsich a’ ghairm airson fianaise air Bile Ceartais Eucoraich (Alba) an-diugh.

Tha Bile Ceartais Eucoraich (Alba) a’ toirt air adhart nam molaidhean à dà ath-bhreithneachadh neo-eisimeileach a ghabh beachd air nithean ceangailte ri siostam a’ cheartais eucoraich.  

Tha am Bile a’ toirt mholaidhean gu buil às an ath-bhreithneachadh le Morair Charlabhaigh air lagh agus cleachdadh eucorach. Tha e air aghaidh a thoirt air farsaingeachd de cheistean, co-dhearbhadh, an ùine sam faodar neach a chumail air ais gun chasaid, còraichean air cothrom air neach-lagha, ceasnachadh luchd-fhianaise, cur an làimh agus cumail air ais, clann fo amharas agus inbhich so-leònte fo amharas nam measg.

Tha am Bile cuideachd a’ toirt mholaidhean gu buil às an Ath-bhreithneachadh Neo-eisimeileach leis an t-Siorram Bowen air Modhan-obrachaidh Shiorram agus Dhiùraidhean. Tha molaidhean ann a bheir air an luchd-chasaid agus an luchd-dìona coinneamh-gnìomhachais èigneachail a chumail ron chiad èisteachd. Thèid an ùine sam faodar an neach fo chasaid a chur air ais mus tèid a thoirt gu deuchainn a leudachadh cuideachd bho 110 de làithean gu 140 de làithean.  

San dealachadh, tha am Bile a’ toirt adhart barrachd cheistean a thathar am beachd cur ri ath-bhreithneachaidhean Charlabhaigh agus Bowen leithid barrachd feum air ceanglaichean ri telebhisean gus fianais a thoirt; malairt-dhaoine a dhèanamh na eucoir air a tromachadh agus cur ris a’ bhinn as motha airson buill-airm chronail.   

Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA:

“Seo Bile mòr a tha a’ dol gu cridhe siostam a’ cheartais eucoraich againn a tha e an rùn ath-leasachadh. Dh’iarramaid gairm air Morair Charlabhaigh fianais a thoirt seach gu bheil mòran den Bhile a’ toirt nam molaidhean aige gu buil.  

“Ged a tha na molaidhean a tha stèidhichte air ath-bhreithneachaidhean Charlabhaigh agus Bowen a’ toirt aghaidh air a gach rud eadar cur an làimh agus clann fo amharas is trafaigeadh, tha fios againn gur h-e aonan de na ceistean as connspaidiche a bhios a’ Chomataidh againn a’ sgrùdadh am moladh gun tèid cur às don fheum air co-dhearbhadh. Tha sinn an rùn am moladh sin a sgrùdadh gu mion mionaideach. 

“Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine a tha eòlach air siostam a’ cheartais eucoraich a bheil iad ag aontachadh gum bu chòir dhuinn rud a bhios cuid ga mheas mar nòs laghail fada air ais a thoirt air falbh no le bhith ga dhèanamh an rachadh barrachd ana-ceartais adhbharachadh. Rathad seach rathad, seo an t-àm gus na beachdan agaibh a nochdadh ri Comataidh a’ Cheartais tron ghairm airson fianaise againn.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Ath-bhreithneachadh Charlabhaigh a stèidheachadh air 26 Dàmhair 2010 gus lagh is cleachdadh eucorach ath-bhreithneachadh an dèidh binn Cùirt Uachdarach na Rìoghachd Aonaichte ann an cùis Cadder v HMA agus nochdadh Achd Modhan-obrachaidh Eucorach (Cobhair Laghail, Cumail Air Ais agus Tagraidhean) (Alba) 2010 a chaidh a thoirt a-steach an dèidh sin gus gnothach a ghabhail ris a’ bhuaidh a dh’fhàg a’ bhreith sin sa bhad. Chaidh aithisg Charlabhaigh fhoillseachadh 17 Samhain 2011.  

 

Chaidh an t-Àrd-shiorram Bowen QC a choimiseanadh anns a’ Ghiblean 2009 le Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais sgrùdadh a dhèanamh air na h-ullachaidhean mu ghnothach ri siorraman agus diùraidhean, modhan agus cleachdadh Cùirt an t-Siorraim nam measg. Chaidh iarraidh air molaidhean a dhèanamh mu obrachadh nas èifeachdaiche is nas saoire den ghnothach ri siorraman is diùraidhean gus leas a’ cheartais a chur air adhart agus an dragh do dh’fhulaingichean agus do luchd-fianaise an sàs ann an cùisean a lùghdachadh. Chaidh an t-Ath-bhreithneachadh Neo-eisimeileach air Modhan Shiorram agus Dhìuraidhean fhoillseachadh 11 Ògmhios 2010.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.