26.06.2013
Feumar aghaidh a chur sa bhad air an adhartas mu làimh a thathar a’ dèanamh gus seirbheisean poblach thar Alba ath-leasachadh, a rèir Comataidh Riaghlaltas Ionadail is Ath-nuadhachaidh Pàrlamaid na h-Alba ann an aithisg a chaidh a chur a-mach an-diugh (26 Ògmhios).
Tha an aithisg mar chrìoch air rannsachadh na Comataidh air ath-leasachadh sheirbheisean poblach, rud a bha air chois fad 16 mìosan agus a thug cothrom don Chomataidh sùil a thoirt air mar a dh’obraicheas seirbheisean poblach ann an Alba.
Ged a dh’aithnichear e gu bheil ath-leasachadh sheirbheisean poblach mar phròiseas leantainneach, bha bristeadh-dùil ann don Chomataidh nach robhar ach mu làimh mun adhartas agus gun robhar car coma-co-dhiù a thaobh atharrachaidh am measg chom-pàirtichean, tòrr dhiubh a tha gun an t-seasamh ‘is-urrainn’ a tha a dhìth gus ath-leasachadh a chur air adhart.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:
“Ri linn ar rannsachaidh, chunnaic sinn eisimpleirean de dhiofar sheirbheisean poblach a’ co-obrachadh, ag obair leis a’ choimhearsnachd agus a’ feuchainn ri atharrachadh a thoirt a-mach. Gidheadh, ’s ann ainneamh a chìthear na h-eisimpleirean seo agus ’s ann a tha tuilleadh eisimpleirean ann de dh’fheadhainn a tha a’ dol an aghaidh atharrachaidh ’s gun a bhith a’ co-obrachadh gus fìor atharrachadh a thoirt a-steach gu cridhe choimhearsnachdan thar Alba. Is mòr a’ bheàrn eadar labhairt is gnìomh.”
Ri linn an rannsachaidh, chuala a’ Chomataidh gu bheil Com-pàirtichean Planadh Coimhearsnachd (CPCan), a chaidh a chur air bhonn gus ceangal a chruthachadh eadar coimhearsnachdan is an earrann phoblach, air fàiligeadh a thaobh na chaidh a ghealltainn de leasachaidhean sheirbheisean poblach a lìbhrigeadh.
Lean Caoimhin Stiùbhart BPA air:
“Tha e soilleir dhuinne nach eil, gu simplidh, na Com-pàirtichean Planadh Coimhearsnachd a’ lìbhrigeadh mar is còir. Tha easpa stiùiridh agus dìth conaltraidh ann agus tha mòran dhiubh gun cheangal ris na daoine a tha a’ faotainn na seirbheise. ’S e a thachair ri linn seo gur e glè bheag de leasachadh ann an seirbheisean no ann an rud sam bith a dh’fhaodadh a bhith san amharc a fhuair cuid dhe na coimhearsnachdan as mì-chothromaiche ann an Alba.
“Tha e soilleir dhuinne gum bi atharrachadh ag obair nas fheàrr nuair a thòisicheas e am measg choimhearsnachdan agus nuair a bhios seirbheisean poblach a’ toirt feart air na th’ aig na daoine seo ri ràdh. Ach glè thric ’s ann nach bithear a’ toirt feart air na daoine a tha a’ còmhnaidh ’s ag obair ann an coimhearsnachdan, agus nuair a thèid faighneachd dhiubh, cha tèid èisteachd riutha. Chunnaic sinn fhèin mar a shoirbhich le atharrachadh a chaidh a stiùireadh le daoine sna coimhearsnachdan, agus feumaidh buidhnean poblach an dòigh-obrach agus an t-seasamh a th’ aca a dh’ionnsaigh nan daoine sin a chuireas feum air an cuid sheirbheisean atharrachadh a chor is gun tachair an t-atharrachadh seo thar Alba.
“Bithear a’ cur fada cus leisgeulean an cèill a thaobh gnìomhachd, agus, ga chur gu simplidh, chan eil luaths, sgèile neo nàdar an atharrachaidh taobh a-staigh sheirbheisean poblach math gu leòr.”
Mar phàirt den rannsachadh, choinnich a’ Chomataidh ri riochdairean o bhuidhnean coimhearsnachd thar Alba agus chualas gu robh glè bheag de dh’fhianais ann gun robh seirbheisean poblach ag èisteachd ri beachdan o na coimhearsnachdan sin sam bi iad ag obrachadh no a’ co-obrachadh riutha gus atharrachadh a chur air adhart.
’S iad co-dhùnaidhean aithisg na Comataidh ach:
- Nach eil ath-leasachadh sheirbheisean poblach a’ tachairt aig an luaths no an sgèile a tha a dhìth, no air dòigh leantainneach agus gur ann ro thric a bhios buaidh aig rudan on taobh a-muigh air a’ chùis, can gnothaichean ionmhais (td 8).
- Nach fhaicear pàtran sam bith san dòigh sam bithear a’ lìbhrigeadh ath-leasachaidh ann an seirbheisean poblach agus ged a chaidh innse don Chomataidh gun robhar ri gnìomhachd ’s a h-uile h-àite, tha coltas air cùisean gur ann mu làimh a bha soirbheas sam bith aig a’ char as fheàrr (td 17).
- ’S e beachd na Comataidh gu bheil tòrr CPCan nach eil a’ lìbhigeadh mar is còir agus gur e glè bheag de dh’fhianais a th’ ann gun tugadh a-steach na leasachaidhean ann an seirbheisean poblach a bha còir a bhith ann ri linn seo (td 19).
- Bidh seasamh is giùlan domhainn a’ fàgail torr luchd-obrach a’ faicinn agus a’ dol am falach air chùl bhacaidhean mar gum biodh, bacaidhean a tha a’ cur stad air adhartas. Bha e soilleir don Chomataidh gu bheil cus dhaoine a tha an-sàs ann an ath-leasachadh sheirbheisean poblach an aghaidh chunnartan agus eagal orra gum fàilnig iad a thaobh luchd-obrach nach eil comasach air ùr-ghnàthachas a thoirt a-steach (td 21).
- Thathar a’ faicinn cus CPCan mar rud nach eil ceangailte ris na daoine a bhios a’ faotainn na seirbheise. Tha stiùireadh air a bhith a dhìth agus conaltradh aig gach ìre car truagh. San da-rìribh tha seo a’ ciallachadh gun robh glè bheag de dh’fhìor leasachadh sheirbheisean no rudan a dh’fhaodadh a bhith san amharc ann do chuid de na coimhearsnachdan as mì-chothromaiche ann an Alba (td 20).
- Thèid soirbheas na buidhne ùire, a’ Bhuidheann Phlanaidh Choimhearsnachd Nàiseanta, a mheas a rèir an luach a chuireas i ri gnothaichean, leithid a bhith a’ cur prìomh-amasan nàiseanta an cèill, a’ co-òrdanachadh gnìomhachd, a’ toirt seachad treòr agus – os cionn a h-uile rud – ann a bhith a’ cur air adhart sealladh Choimisean Christie a thaobh ath-leasachadh sheirbheisean poblach (td 35).
Cùl-sgeul
Ann an 2010, chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn An Coimisean air Lìbhrigeadh Sheirbheisean Poblach san Tìde ri Teachd agus An t-Oll. Campbell Christie CBE mar chathraiche air, agus a bha ag obrachadh gu neo-eisimeileach seach leis an Riaghaltas (rud a chaidh ainmeachadh san fharsaingeachd mar Choimisean Christie). Rinn an Coimisean grunn mholaidhean a thaobh mar a bhiodh seirbheisean poblach na h-Alba san tìde ri teachd ann an aithisg ann an Ògmhios 2011.
’S i an aithisg seo an treas dual, ’s an dual mu dheireadh, de rannsachadh na Comataidh air ath-leasachadh sheirbheisean poblach. Bha a’ chiad dual a’ coimhead air mar a dh’obraicheas comhairlean ionadaile cuide ri com-pàirtichean planadh choimhearsneachdan, mar am poileas, bùird SNS agus coimhearsnachdan ionadaile. Bha an dàrna dual a’ toirt sùil air slatan-tomhais ’s air a’ phròiseas a thaobh coileanadh san aon sheirbheis a chur an coimeas ri mar a bhios sin aig diofar chomhairlean. Gabhaidh lethbhric de dh’aithisgean na Comataidh a nochd roimhe fhaotainn le dol gu duilleagan-làrach-lìn na Comataidh:
http://scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/56442.aspx
Leugh an aithisg
Leugh an làn aithisg
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fios comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: