25.06.2013
Bidh molaidhean gus ‘Oifis Cùram Bhuidseatan’ (OBR) Albannach a chur air bhonn mar chuspair do rannsachadh ùr bho Chomataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba, thathar air cur an cèill.
Tha Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA a-nis ag iarraidh bheachdan bho eòlaichean agus bhon phoball air mar a bu chòir do leithid de dh’Ionad-ionmhais Neo-eisimeileach (IF) obrachadh ann an gnìomh.
Thuirt Mgr. Gibson:
“Ann am fianais gu Comataidh an Ionmhais air a’ mhìos a chaidh, thuirt Iain Swinney, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, mar thoradh air cumhachdan ùra ionmhais ag èirigh à Achd na h-Alba 2012, gum bi feum aig Alba air buidheann ro-aithrise (forecasting) neo-eisimeileach a bheir measadh neo-eisimeileach don Riaghaltas agus don Phàrlamaid air na dh’fhaodadh a bhith air a chruthachadh mar thoradh air na cìsean sin.
“Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit gun robh e na rùn buidheann ùr a stèidheachadh mus rachadh na cìsean tiomnaichte ùra a chur an gnìomh sa Ghiblean 2015.
“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh mar sin sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air mar a bu chòir do leithid de bhuidhinn a bhith ag obair ann an gnìomh agus cò dha a bu chòir dhi a bhith cunntachail.”
Thuirt e cuideachd:
“Tha mòran dùthchannan ann an OECD air IFI a chur air bhonn o chionn beagan bhliadhnaichean, an Rìoghachd Aonaichte, Astràilia, Èirinn, an t-Suain agus Canada nam measg. Tha sinn ag iarraidh bheachdan a chluinntinn bho eòlaichean agus bhon phoball air dè na cumhachdan a bu chòir a bhith aig IFI Albannach agus dè na raointean air am bu chòir dhi a bhith a’ dèanamh sgrùdadh.”
Gheibhear fiosrachadh làn mu ghairm-fianais na comataidh air an duilleag-lìn aice:
http://www.parlamaid.na.h-alba.ra/gnothachparlamaideach/ComataidheanAn-drasta/29822.aspx
Chuireadh a’ Chomataidh fàilte air beachdan air a’ bhuidhinn ro-aithrise neo-eisimeilich a thathar a’ moladh, nam measg:
· Dè an dreuchd agus an raon-ùghdarrais a bu chòir a bhith aig a’ bhuidhinn ùir?
· Am bu chòir a’ bhuidheann ùr a stèidheachadh air bonn reachdail?
· Dè na cumhachdan a bu chòir a bhith aig a’ bhuidhinn ùir?
· Am bu chòir a leithid de bhuidhinn a bhith air a suidheachadh leis agus cunntachail don Riaghaltas no don Phàrlamaid (no an dà chuid)?
· Dè na h-amasan bunaiteach a bhiodh aig a’ bhuidhinn ùir; dè na prìomh raointean air an toireadh iad aithisg no an dèanadh iad sgrùdadh?
· A rèir nam prionnsapalan a tha OECD a’ moladh airson ionadan ionmhasail neo-eisimeileach, dè na prionnsapalan bunaiteach a bu chòir a bhith aig a’ bhuidhinn ùir?
Is e an ceann-latha mu dheireadh gus freagairtean a chur a-steach Dihaoine 6 Sultain 2013.
Cùl-fhiosrachadh
Tha mòran dùthchannan OECD air IFI a chur air bhonn o chionn beagan bhliadhnaichean (tùs OECD, 2013). Tha àireamh bheag air a bhith ann fad ùine agus thairis air an deich bliadhna a chaidh thathar air ionadan ùra a stèidheachadh ann an Coiria a Deas (2003), san t-Suain (2007), ann an Canada (2008), san Ungair (2009, ged a chuireadh às dha an ìre mhath ann an 2011), Slovenia (2010), an Rìoghachd Aonaichte (2010), agus Astràilia, Èirinn, Portaigil agus Poblachd Slovak (2011-12).
Tha na h-ionadan gu math eugsamhail:
· Faodaidh iad a bhith fo ùghdarras reachdail na reachdaireachd (mar eisimpleir oifisean-bhuidseat leithid Oifis-bhuidseat Chanada), no meur-gnìomha an Riaghaltais (mar a tha Comhairle Poileasaidh Ionmhasail na Suaine)
· Faodaidh iad a bhith eugsamhail a thaobh meud is seòrsa na neo-eisimeileachd, ullachaidhean a thaobh ceannas, luchd-obrach agus meud nam buidseat, agus a thaobh an ùghdarrais a tha aca san fharsaingeachd.
Tha mìneachadh farsaing ga mholadh aig OECD mar a leanas: “buidheann neo-eisimeileach air a maoineachadh gu poblach fo ùghdarras reachdail an riaghaltais no na reachdaireachd a bheir stiùireadh is sgrùdadh gun chlaonadh, agus ann an cuid a shuidheachaidhean, comhairle, air poileasaidh is dèanadas ionmhasail.”
Rud a tha bunaiteach airson a’ mhìneachaidh seo, tha OECD ag ràdh, is e gum bi uallach air na h-Ionadan a bhith a’ sealltainn air adhart (seach ionadan-sgrùdaidh, a bhios a’ sealltainn air ais).