Beachdan gan sireadh mu ath-leasachadh mòr air reachdas banc-bhristeachais

Thèid reachdas a bhios ag amas air leasachadh a thoirt air comhairle, cobhair is stiùir a thaobh fhiachaibh – a’ gabhail a-steach foghlam is comhairle airgeadais o neach-comhairle aontaichte – a sgrùdadh an-diugh aig a’ Chomataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh air an fheadhainn sin air an robh buaidh aig fiachaibh ’s aig cùisean bristeadh-creideis am beachdan a thoirt seachad air na molaidhean.

Cuiridh Bile Comhairle Banc-bhristeachas is Fhiachaibh (Alba) an cèill ullachaidhean ach am faighear cothrom air comhairle, cobhair is stiùir mu fhiachaibh, gus an rud as fheàrr a chur air dòigh do luchd-creideis, agus gus dèanamh cinnteach gum pàigh iadsan air a bheil fiachaibh agus a tha comasach air pàigheadh.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Murchadh Frìseil BPA:

 

“Tuigidh sinn gu bheil cruadh-chàs airgid aig mòran dhaoine.

 

“Tha an reachdas seo a’ moladh raon cheuman a tha ag amas air dèanamh cinnteach gum faigh daoine cothrom air a’ chomhairle ’s an fhiosrachadh cheart a chor is gum bi iad mothachail air na roghainnean tha ri fhaotainn dhaibh a thaobh fhiachaibh is banc-bhristeachas.

“Tha raon adhbhar ann ’s gum bi daoine ann an cruadh-chàs airgid agus bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn o dhaoine air leth air an robh buaidh aig banc-bhristeachas, agus o bhuidhnean ’s o charthannasan a bheir taic do dhaoine san raon seo.

 

“Tha e iomchaidh gum pàigh iadsan, a tha comasach air pàigheadh, na fiachaibh aca, agus bheir a’ Chomataidh sùil mhionaideach air na molaidhean gus faighinn a-mach a bheil iad cothromach don dà chuid luchd-fiachaibh is luchd-creideis.”

 

Tha a’ Chomataidh a’ sireadh bheachdan air ceistean leithid: 

·      Comhairle is foghlam: ullachadh comhairle èiginneach o neach-comhairle-airgid aontaichte do neach sam bith a tha a’ cnuasachadh air cobhair reachdail no tairgse stiùiridh fhiachaibh; ullachaidhean a bhuineas ri foghlam airgeadais.  

·      Pàighidhean leis an neach-fhiachaibh an dèidh cur-air-leth (sequestration): leasachadh innleachd airgid a chleachdar gus obrachadh a-mach dè chuireas neach ris a’ chùis o theachd-a-steach a bharrachd a dh'fhaodadh a bhith aca; a’ leigeil leis a’ Chunntasair Bhristeadh-chreideis òrdugh a chur ri chèile a thaobh na chuireas an neach-fhiachaibh ris a’ bhristeadh-chreideis aca; a’ ceadachadh pàigheadh measaichte a bhith air a thoirt air falbh o thurastail an neach-fhiachaibh.   

·      Tagradh air cur-air-leth: riatanas gun cuirear ainm ri ‘Aithris Geallaidh’ a bhuineas ri dleastanasan an neach-fhiachaibh ri linn a’ phròiseas bhristeadh-chreideis.  

·      Rianachd oighreachd: toirt a-steach frèama-tìme (120 làithean) airson tagraidhean luchd-creideis; atharrachadh a thaobh fadachd ciad treise cunntaidh gu 6 mìosan neo nas motha.  

·      Leigeil-mu-sgaoil an dèidh cur-air-leth: pròiseas far an saorar an neach-fhiachaibh on bhristeadh-chreideis. 

 

Cùl-sgeul

Chaidh Bile Comhairle Banc-bhristeachais is Fhiachaibh (Alba) a thoirt a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba air 11 Ògmhios 2013.

 

Gus fianais sgrìobhte a chur chun na Comataidh gheibh sibh mion-fhiosrachadh nan iarrtas fianaise.

 

Tòisichidh a’ Chomataidh air fianais a chluinntinn mun Bhile ann an Sultainn 2013.

How to submit your evidence

The closing date for responses is Friday 23 August 2013.

All responses should be sent electronically (in MS Word format - no confirmatory hard copy required) to eet@scottish.parliament.uk

Written responses will be handled in accordance with the Parliament’s policy for handling written evidence received in response to calls for evidence.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.