Ro-innleachd ùr nàiseanta a dhìth gus cur an aghaidh torrachas am measg dheugairean

19.06.2013

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ro-innleachd ùr nàiseanta a chur ri chèile gus cur an aghaidh torrachas am measg dheugairean, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Slàinte agus Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh sia mìosan de rannsachadh air a’ cheist.

Mar phàirt den ro-innleachd ùr, tha Buil ag iarraidh gun tèid foghlam air slàinte is càirdeas gnèitheach ath-bhreithneachadh. Chuala a’ Chomataidh nach robh an ìre de dh’fhoghlam air slàinte ghnèitheach air an aon rèir air feadh na dùthcha agus anns an fharsaingeachd gun fheumar tòiseachadh air aig ìre nas òige. Ged nach dòcha gun lùghdaich seo torrachas am measg dheugairean ann fhèin, tha a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh gum bi cothrom gun strì air casg-gineamhainn agus gum biodh e freagarrach do dhaoine òga.

 

Tha aithisg na Comataidh a’ moladh nach tèid poileasaidhean gus ionnsaigh a thoirt air torrachas am measg dheugairean a chur an altaibh a chèile nan aonar ach gum biodh iad mar chuid den oidhirp gus neo-ionannachd anns an fharsaingeachd anns a’ chomann-shòisealta againn fhuasgladh.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Sa chiad dol-a-mach, tha mi ag iarraidh a dhèanamh follaiseach nach robh an rannsachadh seo a-mach air dìmeas a dhèanamh de na mìltean de phàrantan sna deugan aig a bheil clann, a chaidh cuid aca planadh ro làimh.

 

“Chan urrainn dhuinn dol às àicheadh gu bheil aonan de na h-ìrean as àirde ann an Ceann an Iar na h-Eòrpa de thorrachas am measg dheugairean ann an Alba, rud a bheir buaidh bhuan air ginealachan de phàrantan òga agus an cuid cloinne.   

 

“Is e seo as coireach gu bheil a’ Chomataidh ag iarraidh ro-innleachd ùr an-diugh gus ionnsaigh a thoirt air torrachas am measg dheugairean agus gum biodh e an urra ri Riaghaltas na h-Alba lìbhrigeadh ga rèir.  

 

“Cha toir cothrom nas fheàrr air casg-gineamhainn no air foghlam den chiad ìre mu shlàinte ghnèitheach ionnsaigh ann fhèin air torrachas am measg dheugairean. Tha a’ Chomataidh againn den bheachd gun adhbharaich cur an gnìomh nan ceuman seo an t-atharrachadh a tha a dhìth oirnn gus buaidh dha-rìribh a thoirt”. 

 

Thuirt Leas-neach-gairm Chomataidh Slàinte agus Spòrs Bob Doris BPA:

 

“Bha a’ Chomataidh againn follaiseach gun d’rinn Alba adhartas a thaobh ionnsaigh a thoirt air an ìre ann an Alba de thorrachas am measg dheugairean, mar thoradh gu ìre air feadhainn de thionnsgnaidhean fior mhath a tha ann air feadh na dùthcha. 

“Faodaidh ro-innleachd ùr an obair sin a thoirt air adhart.

 

“Mar phàirt den ro-innleachd ùr seo, feumaidh Riaghaltas na h-Alba atharrachadh a thoirt air beachdan gus barrachd a dhèanamh ann an com-pàirteachas a tha deatamach fhèin gus barrachd adhartais a dhèanamh.

 

“Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi soilleireachadh ann aig gach ìre mu dhleastanasan agus gum bi de shùbailteachd aig na h-ùghdarrasan ionadail gus fuasglaidhean ionadail a chruthachadh.”

 

Tha aithisg na Comataidh air tighinn chun nan co-dhùnaidhean a leanas:

 

Ceanglaichean eadar ìrean àrda de thorrachas am measg dheugairean agus neo-ionannachd ann an slàinte  

 

·      Tha a’ Chomataidh den bheachd nach fhuilear torrachas am measg dheugairean aithneachadh mar chomharradh seach mar thinneas ann an co-theacsa farsaing sòisea-eaconamach.

·      Tha na feartan seo, easbhaidh, fèin-spèis ìseal, agus dol-a-mach gabhail riosgan nam measg, cuideachd nam feartan a tha a’ bualadh air neo-ionannachd ann an slàinte san fharsaingeachd. Tha a’ Chomataidh den bheachd gun cuidich a bhith a’ toirt aghaidh air an neo-ionannachd seo ann an slàinte ri lùghdachadh air ìrean de thorrachas am measg dheugairean.

Laigsean leis an fhrèam a thaobh poileasaidh a tha ann an-dràsta

 

·      Tha a’ Chomataidh den bheachd gun deach mòran adhartais a dhèanamh le poileasaidhean agus oidhirpean nàiseanta aig a bheil e mar amas cur an aghaidh torrachas am measg dheugairean.  

·      Tha an coltas air gu bheil feum fhathast air tuigse nas fheàrr gum feumar beachd a ghabhail air torrachas am measg dheugairean mar phàirt de phoileasaidhean sòisealta agus eaconamach anns an fharsaingeachd.  

·      Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil feum air tomhas air choreigin de stiùireadh bhon riaghaltas mheadhanach gus an t-atharrachadh a tha a dhìth anns na h-ùghdarrasan ionadail agus nan cuid chom-pàirtichean gus am piobrachadh gus leasachadh a thoirt air a bhith ag obair ann an com-pàirteachas adhbharachadh.   

·      Tha a’ Chomataidh a’ moladh gun tèid ro-innleachd ùr nàiseanta mu thorrachas am measg dheugairean a sgriobhadh. Bu chòir gun cuireadh an ro-innleachd seo ceistean a’ bualadh air slàinte ghnèitheach agus torrachas am measg dheugairean gu daingeann a rèir neo-ionannachd shòisealta san fharsaingeachd agus an t-àite bunaiteach, gu sònraichte, a tha aig bùird-shlàinte, ùghdarrasan ionadail agus buidhnean saor-thoileach aithneachadh mar chom-pàirtichean bunaiteach anns a bhith a’ cuideachadh gus ro-innleachd ionadail le amasan coitcheann a thoirt gu buil.

Targaidean mu lùghdachadh air torrachas am measg dheugairean

 

·      Ann an Alba tha diofar ìrean de thorrachas am measg dheugairean eadar sgìrean far a bheil car an aon ìre de bhochdainn.

·      Feumaidh bùird aig Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, na h-ùghdarrasan ionadail agus com-pàirtichean eile a bhith air an aire an aghaidh bheachd àicheil nach gabh, ann an sgìrean far a bheil ìre àrd de bhochdainn, dad dèanamh gus stad a chur air torrachas am measg dheugairean.  

Foghlam air slàinte agus càirdeas gnèitheach (SHRE)

 

·      Thàinig a’ Chomataidh chun a’ cho-dhùnaidh ged nach eil teagamh ann ach gun deach adhartas mòr a dhèanamh sna deich bliadhna a chaidh a thaobh càileachd de dh’ullachadh SHRE sna sgoiltean, nach eil an t-adhartas air a bhith air an aon rèir.

·      Tha ceistean ann cuideachd mun ìre de thrèanadh a tha ri fhaighinn do luchd-teagaisg an sàs ann an SHRE agus mun ìre dham faigh an cuspair, mar fhear às nach tig teisteanas sam bith ann fhèin, ìre sam bith de phrìomhachas sna sgoiltean no, gu dearbha, ann an sgrùdadh nan sgoiltean.

·      Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh gum faodadh a bhith a’ toirt seachad SHRE aig ìre nas òige ann am foghlam pàiste a bhith connspaideach.  

·      A dh’aindeoin sin, tha a’ Chomataidh a’ gabhail ris a’ chuid as motha den fhianais a chaidh a thoirt dhi gun fheumar tòiseachadh air SHRE aig ìre nas òige agus gun cuireadh a’ chuid as motha de phàrantan, agus mòran dhiubh nach eil a’ faireachdainn gu bheil iad uidheamaichte gus cùisean mu ghnè a dheasbad len cuid cloinne, fàilte air ullachadh SHRE den chiad ìre bho aois gu math òg.  

·      Tha na beachdan air mar nach d’fhuair Seirbheis Nàiseanta na Slàinte Sgìre Ghlaschu agus Chluaidh cothrom air sgoiltean Caitligeach agus a’ cheist a tha oirre mu chion fios air ais air na tha ann de dh’ullachadh a thaobh SHRE ann an sgoiltean Caitligeach agus duilgheadasan gus fiosrachadh a thoirt mu sheirbheisean a’ bhùird mu shlàinte ghnèitheach nan adhbhar-dragha.

·      Thug a’ Chomataidh fa-near dhan argamaid eadar Seirbheis Nàiseanta na Slàinte Sgìre Ghlaschu agus Chluaidh agus Seirbheis Foghlam Caitligeach na h-Alba, ga tarraing gu aire Riaghaltas na h-Alba agus ag iarraidh gun gabh e beachd air na ceistean seo ri linn an ath-bhreithneachaidh air SHRE a dh’iarr a’ Chomataidh.  

Casg-gineamhainn agus ullachadh riarachadh mu shlàinte ghnèitheach

 

·      Tha a’ Chomataidh ag aithneachadh gu bheil toinnteachd na ceiste mu thorrachas am measg dheugairean a’ fàgail nach e riarachadh casg-gineamhainn am fuasgladh làn ann fhèin.

·      Ach tha foghlam le càileachd àrd mu shlàinte is mu chàirdeas gnèitheach (SHRE) cuide ri seirbheisean casg-gineamhainn air am faigh daoine òga cothrom gun strì nam mìrean bunaiteach den oidhirp gus ìrean de thorrachas am measg dheugairean a lùghdachadh.

·      Tha a’ Chomataidh den bheachd gun cuidich sgeamaichean leithid Sgeama Cairt C, far am bi cothrom air casgain aig caochladh ionadan do dhaoine eadar aois 13 agus 24 gun chosgais sam bith, gus a dhèanamh cinnteach gum bi cothrom gun strì aig daoine òga air casg-gineamhainn.

Com-pàirteachasan Luchd-altraim Theaghlaichean

 

·      Thug a’ Chomataidh fa-near dhan fhianais gu bheil de chomas aig Com-pàirteachas Luchd-altraim Theaghlaichean a bhith na ghoireas luachmhor. Tha an dòigh-obrach a tha stèidhichte air toraidhean agus fianais air leigeil fhaicinn gun urrainnear atharrachadh mòr a thoirt air beatha phàrantan agus an cuid cloinne.

·      Tha e deatamach fhèin a thaobh nan daoine òga nach fhaigh an taic seo tron chom-pàirteachas, gum bu chòir gum biodh roghainnean eile ann a chuireas air chomas dhaibh an taic as fheàrr a fhreagras air an cuid fheumalachdan fhaighinn.    

Cùl-fhiosrachadh

Chuir Comataidh Slàinte agus Spòrs an rannsachadh aca air bhog anns an Fhaoilleach.

    Fios conaltraidh

    Fios do na meadhanan

    Fios comataidhean

    Public information

    • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
    • info@parliament.scot
    • Text 07786 209 888
    • Ask a question online through live chat
    • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

    Keep up to date with us on:

    keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

    This website is using cookies.
    We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.