Comataidh Co-ionannachd Chothroman ag iarraidh clàr-ama airson còir reachdail air cùram-cloinne

18.06.2013

Tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman air clàr-ama iarraidh airson còir reachdail air cùram-cloinne a ghabhas a-steach clann suas gu aois còig deug agus clann air a bheil ciorram a’ cur.

San aithisg aice a chaidh fhoillseachadh an-diugh air boireannaich agus obair, tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil feum air atharrachadh bunaiteach air a’ chruth a tha air cùram-cloinne. Tha a’ bhuaidh a bheir e air fastadh phàrantan, fastadh nam boireannach gu sònraichte, deatamach fhèin ma tha Alba gus adhartas sam bith a dhèanamh air ceistean leithid a bhith ag obair gu sùbailte agus sgaradh a thaobh obraichean. 

Ged a dh’aidich a’ Chomataidh gu bheil fianais shoilleir air deagh obair agus deagh thionnsgnaidhean mu dhuilgheadasan ceangailte ri boireannaich agus obair, tha neo-ionannachd eadar na gnèithean ann fhathast.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Co-ionannachd Chothroman Màiri Nic a’ Phì BPA:

“A dh’aindeoin Achd Co-ionannachd Pàighidh 1970 agus Achd Sgaradh-gnè 1975, tha na boireannaich fhathast a’ snàmh an aghaidh an t-srutha agus tha sinn fhathast a’ faicinn neo-ionannachd gu cunbhalach eadar na gnèithean na bliadhnaichean fada an dèidh làimhe.  

“Tha cùram-cloinne aig cridhe seo, cho math ris a’ bheachd sheangarra gur h-ann air na mnathan a-mhàin a thig a’ chuid as motha den uallach airson a’ chùraim sin agus a’ bhuaidh a bheir sin air boireannaich agus obair. Is e sin as coireach gu bheil sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba clàr-ama a chur an cèill gus còir reachdail air cùram-cloinne a thoirt a-steach, a chuireas anns an àireamh clann nas sine agus clann air a bheil ciorram a’ cur.

“Air bunait phractaigeach an-dràsta fhèin, tha sinn den bheachd gu bheil àite follaiseach a thaobh ceannais aig an roinn phoblaich agus gum bu chòir gum biodh a h-uile dreuchd a tha fo smachd dìreach aig Riaghaltas na h-Alba a bhith air a sanasachadh mar a’ freagairt air a bhith ag obair gu sùbailte no pàirt-ùineach.”

Chuir aithisg na Comataidh cuideam air na ceistean a leanas cuideachd:

·      Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba luchd-fastaidh eile san roinn phoblaich a bhrosnachadh gus gabhail ris gun tèid gach obair air a sanasachadh mar a bhith a’ freagairt air obair gu sùbailte agus/no air a lìonadh gu pàirt-ùineach. 

·      Tha na sgoiltean nam buaidh gu follaiseach air sgaradh a thaobh obraichean aig àm gu math cudromach agus ged nach eilear an dùil gum fuasgail iad a’ cheist, tha a’ Chomataidh ag aontachadh gum faodte riochdairean bho roinnean ann an gnìomhachas a thoirt a-steach anns na sgoiltean gus comhairle mu dhreuchdan a mheudachadh.

·      Tha ceist air a’ Chomataidh mu sgaradh a thaobh obraichean ann an sgeama preantasan an latha an-diugh agus tha i den bheachd gu bheil e deatamach fhèin gum bu chòir aghaidh a thoirt air neo-ionannachd a thaobh gnè san sgeama.

·      Tha a’ Chomataidh a’ dèanamh càineadh, mar nì ris nach fhaodar gabhail idir, air a’ mhì-ghnàthachadh a tha a’ dol am meud air cunnraidhean gun uairean idir far a bheil an t-sùbailteachd gu leas an fhastaiche seach an neach-obrach.

Leugh an aithisg

Aithisg air boireannaich san àite-obrach (Beurla)

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.