17.06.2013
Tha cion cheanglaichean aig ìre nam pàrtaidhean poilitigeach, ìre ionadail agus ìre Riaghaltas na h-Alba a’ fàgail gu bheil taghaidhean nan ùghdarras ionadail a’ fàs mar an ‘treas sreath’ de dheamocrasaidh a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (17 Ògmhios) le Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba.
Tha an aithisg a’ sgrùdadh taghaidhean nan ùghdarras ionadail ann an 2012 – far an do nochd dìreach 39.8 a-mach às a’ cheud den luchd-thaghaidh – ag amas air molaidhean a dhèanamh a thaobh mar a dh’fhaodar ceangal a dhèanamh ris a’ phoball agus a dhèanamh nas fhasa dhaibh bhòtadh sna h-ath thaghaidhean a thèid a chumail ann an 2017.
Aig bonn cur ri bhòtadh tha ùrachadh air an dòigh sam bi daoine a’ bhòtadh le barrachd feum ga thoirt à bhòtaichean tron phost agus tro neach-ionaid agus leudachadh nan taghaidhean mu bhòtadh. Thug a’ Chomataidh fa-near ged a tha teicneòlas a’ gluasad air adhart gu sgiobalta nach do dh’atharraich modhan-bhòtaidh. Thug i fa-near cuideachd gum biodh cleachdadh an teicneòlais deatamach fhèin gus ceangal a dhèanamh ri luchd-bhòtaidh nas òige.
Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh Iain MacUilleim BPA:
“Tha a’ Chomataidh againn gu math mothachail air cho cudromach agus a tha deamocrasaidh ionadail air beatha dhaoine air feadh na dùthcha bho latha gu latha. Is e sin as coireach gu bheil e cho cudromach gun do sheall sinn ri taghaidhean nan ùghdarras ionadail agus na dh’fheumar dèanamh gus a dhèanamh cinnteach gum bi guth aig na h-uile. Leis cho cudromach agus a tha e, fhuair sinn briseadh-dùil nach do ghabh gin de na pàrtaidhean poilitigeach ris a’ chothrom freagairt a thoirt air na h-iarrtasan againn airson fianais.”
“Chan ann ri dìreach aon eagrachadh a tha ceanglaichean ri luchd-taghaidh an urra. Tha àite aig Riaghaltas na h-Alba, Coimisean nan Taghaidhean, na h-ùghdarrasan ionadail agus na pàrtaidhean poilitigeach gus a’ chumhachd a thoirt do dhaoine gus buaidh is atharrachadh a thoirt air ceistean ionadail. Mura bi sinn ag obair còmhla, tha cunnart da-rìribh ann gum measar taghaidhean nan ùghdarras ionadail mar an treas sreath de dheamocrasaidh fhathast.
“Le ceithir bliadhna ann mus bi na h-ath thaghaidhean do na h-ùghdarrasan ionadail ann, an-dràsta an t-àm gus ionnsachadh bho na chaidh a dhèanamh roimhe agus an siostam-bhòtaidh ùrachadh gus ceangal a dhèanamh ris na h-uidhir a dhaoine ’s a ghabhas agus an siostam-bhòtaidh a dhèanamh cho fosgailte farsaing agus a ghabhas.”
Thug aithisg na Comataidh na co-dhùnaidhean a leanas a-mach cuideachd:
Dòighean-bhòtaidh
Bu chòir beachdachadh gus gabhail ris a h-uile cothrom dòighean-bhòtaidh leithid air an Lìon agus air fòn fheuchainn.
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba feuchainn ri cleachdadh bhòtaichean tro neach-ionaid no tron phost a leudachadh leis cho àrd agus a tha ìre nam bhòtaichean tron phost a fhuaireadh roimhe.
Tionnsgnaidhean mu mhothachadh air taghaidhean
Gun dèan ùghdarrasan ionadail (ag obair le Bòrd-rianachd Taghaidhean na h-Alba agus Oifigearan-clàraidh Thaghaidhean) barrachd gus ceangal a dhèanamh ri daoine òga sna h-àrd-sgoiltean agus ann am foghlam àrd-ìre gu cunbhalach gus cho cudromach agus a tha deamocrasaidh ionadail a chomharrachadh agus cur ri mothachadh air modhan-bhòtaidh.
Clàradh luchd-bhòtaidh agus mar a ghabhas seo meudachadh
Bu chòir beachdachadh air a bhith a’ sireadh bheachdan gu leantinneach fad na bliadhna gus a dhèanamh cinnteach gu bheil a h-uile neach a tha airidh air bhòtadh air a chlàradh. Bu chòir beachdachadh air dòighean eile gus clàradh gu bhòtadh cuideachd.
Cùl-fhiosrachadh
Bha Iain MacUilleim BPA agus Anna Nic an t-Sagairt BPA mar aithisgichean na Comataidh airson na rannsachaidh, a’ coinneachadh ri luchd-fianais, Bòrd-rianachd Taghaidhean na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba nam measg.
Fhuair a’ Chomataidh fianais cuideachd air aithisgean le Coimisean nan Taghaidhean, Bòrd-rianachd Taghaidhean na h-Alba agus bhon Ollamh Alasdair Clark, Àrd-òraidiche ann am Poilitigs aig Oilthigh a’ Chaisteil Nuaidh.
Leugh an aithisg
Aithisg air Taghaidhean Riaghaltas Ionadail na h-Alba 2012 (Beurla)
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fios conaltraidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: