07.06.2013
Bheir Rùnaire-stàite na Rìoghachd Aonaichte airson na h-Àrainneachd, Biadh agus Cùisean Dùthchail Eòghainn Paterson BP fianais do Chomataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh na Clìomaid agus na h-Àrainneachd Diciadain 12 Ògmhios.
Is e seo a’ chiad turas a thug Rùnaire-stàite fianais don Chomataidh. Seallaidh an seisean air adhartas an leasachaidh air Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais agus cleachdadh neonicotinoid le tuathanaich agus a’ bhuaidh a bheir iad air an àrainneachd, agus air ìrean nan seillean gu sònraichte.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Rob Gibson BPA:
“Bheir an leasachadh air Poileasaidh Coitcheann an Àiteachais buaidh air bith-beò nam mìltean de thuathanaich agus de chroitearan air feadh na h-Alba cho math ri buaidh nach beag air gnìomhachasan dùthchail eile agus air an àrainneachd. Ach is e modh-obrachaidh fada is toinnte a tha ann agus tha e deatamach fhèin uime sin gun cuir a’ Chomataidh ceistean air Ministear na Rìoghachd Aonaichte a bhios a’ barganachadh aig Aonadh na h-Eòrpa.
“Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh Rùnaire na Stàite a cheasnachadh mun bhuaidh a bheir cleachdadh neonicotinoid air ìrean nan seillean an dèidh a’ cho-dhùnaidh le Coimisean na h-Eòrpa o chionn ghoirid srian a chur ri trì de na puinnsean meanbh-fhrìdean (insecticides) as bitheanta a thathar a’ cleachdadh.”
Cùl-fhiosrachadh
Gheibh a’ Chomataidh fianais bho Rùnaire na Stàite Diciadain 12 Ògmhios agus gheibhear ceangal ris na pàipearan airson na coinneimh an seo.
.
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Committee information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: