08.06.2013
Is e ‘Tha an Taigh seo den bheachd gu bheil an t-eadar-lìon a’ brosnachadh deamocrasaidh’ an cuspair a thèid a dheasbad Diardaoin aig Taigh an Ròid nuair a thig barrachd is ceud de dheasbadairean bho àrd-sgoiltean na h-Alba cruinn còmhla gus a dhol am farpais an aghaidh a chèile anns a’ Chuairt mu Dheireadh de Cho-fharpais deasbaireachd Dhòmhnaill Mhic an Deòir 2013.
Am-bliadhna tha 128 sgiobaidhean bho air feadh Alba air a bhith an sàs anns an deasbaireachd agus an gnothach a dhèanamh tro shreath chuairtean air cuspairean, toirmeasg air buidhnean poilitigeach eastramach (extremist) agus toirt a-steach 100% cìs-oighreachd nam measg.
Air a stèidheachadh ann an 1999, tha a’ cho-fharpais deasbaireachd as motha do dh’àrd-sgoiltean na h-Alba fosgailte do gach àrd-sgoil ann an Alba. Tha e mar amas aig a’ cho-fharpais tuigse air a’ chuideam an lùib deasbaireachd, tagradh is conaltradh ri dreuchd an lagha, deamocrasaidh agus comann-sòisealta san fharsaingeachd a chur air adhart. Air a cur air dòigh agus ga ruith le Comann-lagha na h-Alba, tha a’ cho-fharpais mar chuimhneachan air a’ Phrìomh Mhinistear nach maireann Dòmhnall Mac an Deòir BPA, a chaochail ann an 2000.
Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA, a bhios sa chathair aig a’ chuairt mu dheireadh:
“Tha Deasbad bliadhnail Mhic an Deòir na chothrom do dhaoine òga ann an Alba na beachdan aca mu rudan a bhios a’ bualadh orra a nochdadh agus an comas-deasbaireachd aca a chur gu deuchainn ann an Seòmar Pàrlamaid na h-Alba. Le 128 sgiobaidhean an sàs anns a’ cho-fharpais am-bliadhna, rinn an ceathrar mu dheireadh math fhèin an ìre seo a ruigsinn agus tha fiughair agam ri deasbad a bhios beothail is tràthail sa chuairt mu dheireadh.”
Is iad na ceithir sgiobaidhean a tha sa chuairt mu dheireadh am-bliadhna:
1. Acadamaidh an Naoimh Mairearad, Lodainn an Iar – Caitlin Sutherland agus Shannon Russell.
2. Acadamaidh Chille Chuithbheirt, Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh – Iona Bonaventura agus Lydia Reilly.
3. Colaiste Ghleann Amain, Siorrachd Pheairt – Simon Boedermaker agus Marcus Buist.
4. Colaiste Raibeirt Ghòrdain, Obar Dheathain – Tom Sanders agus Morag Forbes.
Cuideachd an sàs ann an deasbad air làr an t-Seòmair tha oileanaich bho 9 sgoiltean a bha an sàs anns a’ cho-fharpais am-bliadhna:
· Àrd-sgoil Craigmount, Dùn Èideann
· Acadamaidh Ghlaschu, Glaschu
· Àrd-sgoil Dhùn Dè, Dùn Dè
· Sgoil-ghràmair Lannraig, Siorrachd Lannraig a Deas
· Àrd-sgoil Linwood, Siorrachd Rinn Friù
· Àrd-sgoil Menzieshill, Dùn Dè
· Colaiste an Naoimh Aloysius, Glaschu
· Sgoil-chiùil Mhoire, Dùn Èideann
· Àrd-sgoil na Trianaid, Dùn Èideann
Thuirt Heather McKendrick, an t-oifigear an urra ri foghlam, trèanadh agus leasachadh aig Comann-lagha na h-Alba, cuideachd:
“Is e farpais anabarrach fhèin math a tha air a bhith ann uair a-rithist eile agus thathar a’ dèanamh gàirdeachais ris a h-uile sgioba a thig a’ chuairt mu dheireadh a-mach, gu sònraichte nuair a smaoinicheas tu air a liuthad sgioba an sàs sna cuairtean bho thùs agus ìre nam farpaiseach againn.
“Is e urram mòr a tha ann a bhith an ceannas air a’ chuairt mu dheireadh den fhianais ann an seòmar-deasbaid na Pàrlamaid an seachdamh turas agus tha mi cinnteach gun dèan latha beothail air am bi cuimhne aca dhan fheadhainn air fad an sàs.”
Gheibh an sgioba a bhuannaicheas craobh-chosgair (laurel) agus duais of £1,000, air a thoirt seachad le Comann-lagha na h-Alba, agus an fheadhainn san dara h-àite £250, air a thoirt seachad le Comann Luchd-tagraidh Ghlaschu. Gheibh na h-uile sa chuairt mu dheireadh cuach agus teisteanas air leth gus mar a shoirbhich leotha a chomharrachadh agus bheir luchd-taice na bliadhna seo Hodder Gibson Foillsichearan leabhraichean-foghlaim air luach £500, eadar an sgioba a bhuannaicheas agus an fheadhainn san dara h-àite.
Is iad britheamhan na farpaise:
· Jon Dye, Leas-chathraiche Aonadh na Beurla (Àrd-bhritheamh)
· Irene McGrath, Cathraiche air Comann Deasbaireachd Eadar-nàiseanta Sgoiltean na h-Alba
· Neil Stevenson, a bha na Urrasair air Aonadh na Beurla
· Aissa Watson, a bha na Ceannard ri Labhairt agus Deasbaireachd aig Aonadh na Beurla
· agus Adam McKinlay, Fear-ullachaidh sgioba na h-Alba, Co-fharpaisean deasbaireachd Sgoiltean an t-Saoghail
Cùl-fhiosrachadh
Thèid an deasbad a chraoladh air an Lìon bho 6f gu 10f le balbhadh beag eadar 8.40f agus 9.25f air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.
Dealbhadh
Bidh cothrom air dealbhan chùisean an-asgaidh. Cuiribh fios gu Dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba, Andrew Cowan air 0131 348 5878.