A’ gairm air a h-uile buidheann saor-thoileach is coimhearsnachd ann an Srath Foirthe – tha ur Pàrlamaid feumach oirbh

Bidh mar a bhios Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh agus mar as urrainn do bhuidhnean, charthannasan is iomairtean sòisealta buaidh a thoirt air a’ chlàr-ghnothaich aice mar fhòcas co-labhairt a ghabhas àite air Disathairne 22 Òmhios ann an Sruighlea. Tha an co-labhairt mar phàirt de dh’iomairt Latha na Pàrlamaid, aig am bi e mar amas Pàrlamaid na h-Alba a thoirt a-mach à Dùn Èideann.

Thèid an co-labhairt, a tha saor ’s an asgaidh, a chumail air àrainn Shruighlea de Cholaiste Srath Foirthe. ’S e seo a’ chiad uair a bhios Co-labhairt nan Coimhearsnachdan air a chumail taobh a-muigh Thaigh an Ròid.

’S e a tha fa-near leis a’ cho-labhairt ach cuideachadh a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd beaga ionadail aig ìre luchd-bhotaidh thar sgìre Srath Foirthe ach am faigh iad a-mach barrachd mu Phàrlamaid na h-Alba agus mu mar a thèid aca air na ceistean aca fhaotainn air clàr-gnothaich na Pàrlamaid.

Thuirt Rosemary Everett, Ceannard Seirbheisean Ruigsinn aig Pàrlamaid na h-Alba:

“Chan ann mu dheidhinn bhuidhnean mòra a tha an co-labhairt seo. ’S ann mu na buidhnean coimhearsnachd beaga, mu charthannasan, mu iomairtean sòisealta is mu dhaoine air leth a bhios ag obrachadh thar Srath Foirthe ’s mu na ceistean a tha cudromach dhaibhsan a tha e. Tha sinn an dòchas gun cuidich sinn iad a thaobh mar a thuigeas iad Pàrlamaid na h-Alba air dòigh phragtaigeach agus mar a bheir iad buaidh oirre.

“Chan e a-mhàin gur latha e sam bi cothrom dol an-sàs gu h-eadar-ghnìomhach, ach gheibh luchd-frithealaidh cothrom bruidhinn ris na BPAan ionadail aca – on sgìre aca fhèin ann am Meadhan na h-Alba is Fìobha agus bho na Comataidhean againne.

“Tha sinn an dòchas gun toir seo cothrom do bhuidhnean tuilleadh ionnsachadh mu mar a thèid iad an-sàs ris a’ Phàrlamaid, tro leithid siostam nan athchuingean poblach gu mar a dh’obraicheas ar comataidhean.”

Thèid an tachartas fhosgladh le Brus Crawford, BPA Shruighlea. Bidh BPAan, luchd-obrach is eòlaichean ri làimh gus dol an-sàs ri luchd-frithealaidh air na cuspairean a leanas:

 

·           Meadhanan sòisealta

·           Coimhearsnachdan

·           Obair le meadhanan ionadail

·           Athchuingean Poblach

·           Tachartasan is taisbeanaidhean aig Taigh an Ròid

·           Cuidich mise gus ur cuideachadh: sealladh BPA

·           Buidhnean Thar-phàrtaidh.

Cùl-sgeul

Tha Co-labhairt nan Coimhearsnachdan nis air a bhith a’ dol fad còig bliadha. ’S e seo a’ chiad uair a bhios i air a chumail taobh a-muigh Thaigh an Ròid.

Tha an tachartas saor ’s an asgaidh agus faodaidh buidhnean àite a chur ar dòigh ann le bruidhinn ri Paul Anderson, Manaidsear Seirbheisean Ruigsinn Coimhearsnachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an tachartas mar phàirt de dh’iomairt Latha na Pàrlamaid a bhios air a chumail ann an Sruighlea air Dihaoine 21 Ògmhios. ’S e amas Latha na Pàrlamaid ach a’ Phàrlamaid a thoirt a-mach à Dùn Èideann. Leigidh e le daoine obair na Pàrlamaid fhaicinn, eadar ’s gur i seo gnothaichean ‘oifigeil’ na Pàrlamaid air neo obair aig ìre nach eil buileach cho foirmeil.

Fios conaltraidh

Fuis Conaltraidh

Fios mun tachartas

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.