05.06.2013
Thathar air Comataidh an Fho-reachdais aig Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh às ùr an-diugh mar Chomataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha.
Thathar air an t-ainm atharrachadh gu ìre mhòr gus an t-atharrachadh air an raon-ùghdarrais aice leigeil fhaicinn seach gum bi a’ Chomataidh a’ gabhail beachd a-nis air bilean sònraichte le Coimisean Lagh na h-Alba.
Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha Nigel Don BPA:
“Tha raon farsaing de dh’fhiosrachadh aig a’ Chomataidh air lagh na h-Alba gu lèir agus tha i eòlach air a bhith ag obair le reachdas toinnte, an dà chuid prìomhach agus dàrnach, tron obair-sgrùdaidh aice. Tha mi den bheachd, mar sin, gu bheil a’ Chomataidh gu math comasach air beachd a ghabhail air bilean le Coimisean Lagh na h-Alba.
Tha obair phrìseil ga dèanamh le Coimisean Lagh na h-Alba, a’ moladh ath-leasachaidhean gus lagh na h-Alba a leasachadh, a dhèanamh nas sìmplidhe agus ùrachadh. Leis cho deatamach agus a tha e, tha e cudromach gum bi an cothrom aig Pàrlamaid na h-Alba na h-aithisgean seo a dhèanamh nan laghan.
Tha mi toilichte uime sin gum bi e comasach don Chomataidh a cuid fhèin a dhèanamh gus buaidh a thoirt do chuid àraidh de na h-aithisgean seo agus tha fiughair agam ris a’ chiad chothrom a bhios againn beachd a ghabhail air bile le Coimisean Lagh na h-Alba.”
Ghabh an Neach-gairm beachd air ainm ùr na Comataidh cuideachd:
“Chan e Comataidh ùr a tha an seo, ach tha an t-ainm ùr na cheum ùr dhan Chomataidh. Mothachail air seo, saoilidh mi gur h-e cothrom math a tha ann beachd a ghabhail air an ìre nach beag a chuir Comataidh an Fho-reachdais ri obair na Pàrlamaid seo sa cheithir bliadhna deug a bha i ann. Chan eil teagamh sam bith agam ach gun dèan Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha obair a-cheart cho prìseil agus i a’ cumail oirre le obair dheatamach Chomataidh an Fho-reachdais.”
Cùl-fhiosrachadh
Mhol Comataidh Inbhean, Mhodhan agus nan Suidheachaidhean Poblach anns an aithisg aice air cur aithisgean le Coimisean Lagh na h-Alba an gnìomh gum bu chòir do Chomataidh an Fho-reachdais an raon-ùghdarrais aice atharrachadh gus am biodh e comasach dhi beachd a ghabhail air bilean àraidh le Coimisean Lagh na h-Alba de sheòrsa a shocraicheas an t-Oifigear Riaghlaidh. Mhol an aithisg cuideachd gum bu chòir ainm na Comataidh atharrachadh gu Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha.
Chaidh seo aontachadh leis a’ Phàrlamaid Dimàirt 28 Cèitean.