An dèan Bile ùr nan Tribiunal an siostam mar a tha e an-dràsta nas sìmplidhe agus leasachadh air, tha Comataidh a’ Cheartais a’ faighneachd

05.06.2013

A bheil thu nad phàrant a chaidh gu Comataidh Thagraidhean-foghlaim às leth do phàiste no an d’rinn thu tagradh mu ìre cìs na comhairle le Comataidh Thagraidhean-luachaidh? Mas e gu bheil, tha na beachdan agad a dhìth air Comataidh a’ Cheartais.  

 Tha a’ Chomataidh air gairm airson fianais fhoillseachadh an-diugh a’ sireadh bheachdan bhon fheadhainn a bhios a’ suidhe, a’ cleachdadh no aig a bheil fiosrachadh sam bith air tribiunalan, mun chruth ùr a thathar a’ moladh airson tribiunalan tiomnaichte ann an Alba.

 

Cruthaichidh am Bile cruth ùr le dà ìre far am bi Tribiunal aig a’ Chiad Ìre, far an tèid a’ chuid as motha den ghnothach a dhèanamh, agus Tribiunal Uachdrach a dh’èisteas ri tagraidhean. Thathar a’ moladh cuideachd gun tèid tribiunalan tiomnaichte a tha ann an-dràsta leithid nan Tribiunal mu Fheumalachdan-taice a Bharrachd agus Tribiunal an Fhearainn a chur ris an riochd ùr. Tha atharrachaidhean air ceannas, luchd-obrach agus modhan-obrachaidh cur-an-dreuchd gam moladh cuideachd.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona Ghreumach BPA:

 

“Uaireannan nuair a chluinneas daoine am facal “tribiunalan” bidh iad a’ mèaranaich. Ach bidh tribiunalan leithid Comataidh nan Tagraidhean-foghlaim a’ gabhail gnothaich ri cùisean bho latha gu latha a bhios a’ bualadh air is a’ buntainn ri beatha dhaoine. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine a tha eòlach air a bhith a’ suidhe no a’ cur feum air tribiunalan cho math ris an fheadhainn ri dreuchd an lagha a bheil iad den bheachd gun dèan an riochd ùr a thathar a’ moladh modhan nan tribiunal nas rèidhe agus leasachadh air càileachd nan seirbheisean a thathar a’ toirt seachad.

 

“A bheil e ceart cur an dreuchd air tribiunalan tro Bòrd Cur-an-Dreuchd Laghail na h-Alba agus an toir cruthachadh na h-oifise ùire, Ceann-suidhe Tribiunalan na h-Alba, leasachadh air fosgailteachd, ceartas agus cion-claonaidh nan co-dhùnaidhean a ghabhas tribiunalan?

 

“Bidh buaidh aig na ceistean seo, còmhla ris na h-atharrachaidhean ùra a thathar a’ moladh air an eagrachadh, air cumhachdan gus riaghladh a dhèanamh, agus modh nan tagraidhean, air na mìltean de bhuidhnean agus de dhaoine, agus tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho uimhir dhiubh agus a ghabhas.”

 

Gheibhear an seo ceangal ris a’ ghairm airson fianaise a bu chòir cur a-steach ro Dhihaoine 2 Lùnastal:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/64168.aspx

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.