03.06.2013
Feumar adhartas fhaighinn air conaltradh eadar buidhnean ceartas eucoir agus luchd-fulaing agus fianaisean, a rèir Comataidh a’ Cheartais san aithisg aca aig Ìre 1 de Bhile Luchd-fulaing is Fianaisean (Alba), a chaidh fhoillseachadh an-diugh.
Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don mholadh gun rachadh goireas air-loidhne a shuidheachadh far am faigheadh luchd-fulaing fiosrachadh mun chùis aca ach tha iad a’ toirt seachad rabhadh nach bu chòir seo a bhith an àite an fhìor fheum a th’ann airson conaltradh daonna agus taic do luchd-fulaing. Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ creidsinn gum feum na poileis agus na cùirtean a bhith air am maoineachadh gu h-iomchaidh agus air an trèanadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh ann an da-rìribh am fiosrachadh iomchaidh don chùis, mar a tha air iarraidh sa Bhile, a sholarachadh, agus – ann am Beurla shoilleir sgrìobhte, do luchd-fulaing is do dh’fhianaisean.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona Ghreumach BPA:
“Tha a’ Chomataidh againn a’ creidsinn gu bheil am Bile seo a’ toirt seachad taic is dìon a bha a dhìth air luchd-fulaing is air fianaisean agus tha sinn an dòchas gum bi adhartas anns an eòlas a chuireas iad air an t-siostam ceartas eucoir.
“Gu sònraichte tha sinn a’ creidsinn nach eil na tha de dh’fhiosrachadh a’ sruthadh bho bhuidhnean ceartas eucoir cho co-òrdanaichte ’s a bu chòir dha a bhith. Fhuair sinn fianais bho luchd-fulaing air an tàinig na sgeulachdan aca, a bha aig amannan mì-chàilear, innse mu shia-deug uair do dhiofar bhuidhnean ceartas eucoir. Tha e soilleir nach eil seo ceart.
“Ach, tha sinn cuideachd a’ creidsinn gu bheil leasachaidhean a dhìth air pàirtean sònraichte den Bhile, gus dèanamh cinnteach gum bi cothromachadh ann an còirichean gach cuid luchd-casaid, luchd-fulaing is fianaisean. Gu sònraichte, fhad’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-fulaing is fianaisean feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheilear a’ dìon slighean gu ceartas agus meas neo-chiontas neach-casaid, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri freagairt Riaghaltas na h-Alba fa chomhair nan cùisean sin agus cùisean eile anns an aithisg againn.”
Mhol a’ Chomataidh cuideachd gum bu chòir Riaghaltas na h-Alba:
- Mìneachadh a dhèanamh air an roinn den Bhile, no a thoirt air falbh, a tha a’ toirt iomradh air luchd-fulaing is fianaisean “a’ gabhail pàirt gu h-èifeachdach” ann an sgrùdaidhean is ceumannan, oir tha seo a’ togail dhùilean luchd-fulaing gum biodh pàirt nas gnìomhaich aca na bhios comasach a choileanadh.
- Mìneachadh a dhèanamh aig toiseach a’ Bhile air na tha “neach-fulaing” a’ ciallachadh, a chuidicheadh le mìneachadh fhaighinn air dè na còirichean a tha aig neach fa-leth fon Bhile.
- A bhith ag obair còmhla ris na poileis gus adhartas fhaighinn air an comas aca a bhith a’ coinneachadh ris a’ chòir sa Bhile a tha aig luchd-fulaing eucoirean feise a bhith ag ainmeachadh gnè an cuid ceasnaiche. Seach gu bheil na poileis a’ togail dhraghan mu na duilgheadasan practigeach a bheireadh an iarrtas seo dhaibh, ann an sgìrean dùthchail mar eisimpleir, tha a’ Chomataidh a’ cur air adhart a’ bheachd gum faodar mìneachadh a thoirt don neach-fulaing agus sin a chur a-steach don aithisg gu Neach-casaid a’ Chrùin nuair nach urrainnear iarrtas a choileanadh.
- Mìneachadh cò air a tha an dleastanas a thaobh stèidheachadh so-leòntachd luchd-fulaing is fianaisean.
- Beachdachadh nan rachadh òrdughan dìolaidh (restitution orders) a thoirt a-steach airson dìreach oifigearan poileis is luchd-obrach nam poileis, ach gun a bhith airson luchd-obrach eile, am biodh seo na adhbhar sgaraidh.
Cùl-fhiosrachadh
Tha Bile Luchd-fulaing is Fianaisean (Alba) ag amas air ath-leasachadh a dhèanamh air an t-siostam ceartais gus adhartas a thoirt air fios-faireachdainn ludhd-fulaing is fhianaisean. Tha e ag amas gum bi ùidhean luchd-fulaing aig cridhe adhartasan leantainneach san t-siostam ceartais agus dèanamh cinnteach gum bi e comasach dha fianaisean an dleastanas poblach a choileanadh gu h-èifeachdach.
Fios Conaltraidh
Fios conaltraidh
Fios comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: