Comataidh na Slàinte air a taic a chur ri cruthachadh fòram do dh’inbhich air an cur ann an cùram

27.05.2013

Tha molaidhean airson Fòram Dìomhair Nàiseanta (NCF) a chruthachadh, a bheir cothrom do dh’inbhich air an cur ann cùram institiùideach mar chloinn gus innse mu na dh’fhiosraich iad, droch dhìol san àireimh, air taic fhaotainn bho Chomataidh Slàinte is Spòrs.

Tha a’ Chomataidh air an aithisg aice mu na molaidhean a tha air am mìneachadh mar chuid de Bhile Fulaingichean is Fianaisichean fhoillseachadh an-diugh. Tha an còrr de na molaidhean sa Bhile seo gan sgrùdadh le Comataidh a’ Cheartais.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill BPA:

“Bha e follaiseach bhon fhianais a chuala sinn nach ceartaich cruthachadh an Fhòraim seo an iomadh rud ceàrr a dh’fhuiling daoine a bha ann an cùram institiùideach mar chlann.

“Thathar an dòchas, ge-tà, gur dòcha gun toir am fòram seo an cothrom do chuid a dh’inbhich an guth a thogail ann an suidheachadh a tha sàbhailte is dìomhair, agus is e sin as coireach gu bheil a’ Chomataidh againn a’ cur a taic an-diugh gun tèid a chruthachadh. 

“Is e na tha sinn ag iarraidh dèanamh cinnteach nach fhaicear an Fòram mar leigheas air gach rud. Tha na dh’fhiosraich a h-uile pàiste a dh’fhuiling fhad is a bha iad ann an cùram pearsanta agus air leth dhaibh. Mar inbhich, bu chòir gun nochdadh na modhan-taic a tha ann sin agus gum freagradh iad air na feumalachdan pearsanta aca fhèin. Cha bu chòir dha bhith mar aon mheudachd airson nan uile.”

Thuirt Leas-neach-gairm Bob Doris BPA:

“Fhuair cruthachadh an Fhòraim Dhìomhair Nàiseanta taic bho iomadh duine agus buidheann bho chuala sinn. Bha e follaiseach cuideachd, ge-tà, gun fheum sinn a’ mhionaideachd cheart fhaighinn gus a dhèanamh cinnteach gun toir am Fòram a-mach feumalachdan nam fulaingichean a bhios ga chleachdadh.

“Rud a tha cudromach cuideachd, is e nach eil am Fòram an seo leis fhèin agus gun tèid dòigh-dèiligidh nas fharsainge a ghabhail gus a dhèanamh cinnteach gun tèid feumalachdan nam fhulaingichean a thoirt a-mach.

“Tha seo a’ gabhail a-steach cuideam air ro-innleachd mu fhulaingichean, ceartas eiridneach agus cothrom nas fharsainge air comhairleachadh agus taic eòlas-inntinn.”

Tha aithisg na Comataidh air na co-dhùnaidhean a leanas a thoirt a-mach:

Co-dhùnaidhean san fharsaingeachd

  • Feumar gnothach a ghabhail le mothachadh ris na a dhìth bho dhaoine a dh’fhuiling droch dhìol mar chlann agus ged a thèid aig an Fhòram air na feumalachdan aig cuid de dhaoine a thoirt a-mach, tha e follaiseach gu bheil dòigh-dèiligidh nas fharsainge a dhìth cuideachd.  Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte mar sin air a’ cheangal aig Riaghaltas na h-Alba ann an obair InterAction; an comhairleachadh mu bhac-ama; obair air a gabhail os làimh mu cheartas eiridneach, agus an cuideam a thathar a’ cur air Ro-innleachd mu Fhulaingichean.  Feumaidh an obair sin cumail oirre ma thathar ri frithealadh air leas nam fulaingichean air fad anns an dòigh as fheàrr. 
  • Mar chuideachadh ris an obair seo, tha a’ Chomataidh a’ brosnachadh gun tèid barrachd beachdachaidh a dhèanamh air ceistean leithid:  cothrom air taic eòlas-inntinn, comhairleachadh is tagradh; na ceanglaichean eadar am Fòram agus luchd-cùraim; cùram-daltachd a chur ris na slatan-tomhais mu airidheachd; trèanadh is teòmachd luchd-dreuchd ri slàinte-inntinn agus àite an Fhòraim gus cruth a thoirt air poileasaidh is cleachdadh.

Taic

  • Mar a tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh, bidh cothrom air comhairleachadh, taic theirpeach (therapeutic), seirbheisean slàinte-inntinn agus tagradh deatamach fhèin ma tha fulaingichean gus buannachd a thoirt nan slàinte is nam fallaineachd bho bhith an sàs anns an Fhòram.

Dìomhaireachd

  • Tha a’ Chomataidh mothachail, ged a tha dìomhaireachd mar bhonn-stèidh dhan Fhòram, gun fheumar cothromachadh fhaighinn eadar còir an duine-aonair air fianais a thoirt ann an dìomhaireachd agus leas a’ phobaill san fharsaingeachd. 
  • Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir gum biodh na crìochan mu dhìomhaireachd air an cur am briathran cho follaiseach agus as urrainnear.  Bidh seo gun teagamh na chuspair tiamhaidh do dh'fhulaingichean ach cha bu chòir gum biodh dùil gun gabhadh neach sam bith pàirt san Fhòram gun tuigse cheart air a’ mhodh-obrachaidh, buannachdan, toraidhean is buaidhean san àireamh. 

Inbhe

  • Tha a’ Chomataidh mothachail gun fheumar saorsa a thaobh obrachaidh a bhith aig an Fhòram ma tha e gus an t-àite aige a thoirt gu buil gu h-èifeachdach agus le creideas, gu sònraichte ann an sùilean nan daoine a dh’fhuiling. 
  • Tha i air daingneachadh fhaighinn gun robh a’ chuid a bu mhotha de dh’fhulaingichean cofhurtail leis na thathar a’ moladh, no ann am briathran nas fheàrr buileach, gun robh iad den bheachd gun robh an Coimisean mu Leas-inntinn na “shuidheachadh math”. Cha deach an duilgheadas mun chliù ag èirigh às an tuairisgeul mu shlàinte-inntinn agus mar a dh’fhaodadh sin feadhainn a ghabhadh pàirt ann a chur dheth a mheas na chnap-starra, fhad is a dh’fhaodte dearbhadh gum biodh neo-eisimeileachd aige is a bhiodh suaicheantas aig an Fhòram ga rèir fhèin.

Cùl-fhiosrachadh

Tha cruthachadh an Fhòraim Dhìomhair Nàiseanta ann am Bile Fhulaingichean is Fhianaisichean (Alba), a nì ullachadh airson chòraichean is taic shònraichte do dh’fhulaingichean is do dh’fhianaisichean.  Tha an còrr de na molaidhean sa Bhile seo gan sgrùdadh le Comataidh a’ Cheartais. Cha d’rinn Comataidh Slàinte agus Spòrs sgrùdadh ach air a’ mhìr mun Fhòram Dhìomhair Nàiseanta sa Bhile seo.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.