Bu chòir fòcas a bhith aig dealbhadh airson Allt a’ Bhonnaich 2014, a rèir Comataidh Eaconamaidh

28.05.2013

Bu chòir fòcas a bhith aig dealbhadh airson Allt a’ Bhonnaich 2014, ma tha e gu bhith soirbheachail a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (28 Cèitean) le a rèir Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd. 

Thuirt Murchadh Friseal BPA, Neach-gairm na Comataidh:

“Tha e follaiseach gu bheil an tachartas aig Allt a’ Bhonnaich 2014 gu bhith nas lugha na bha An Cruinneachadh 2009 agus mar sin, cha bhi  na h-  uireadde luchd-tadhail bho thall thairis ann. Tha e cuideachd follaiseach gu bheil margaideachd èifeachdach ro-chudromach, oir feumaidh sinn 75% de na tiogaidean a’ reic airson cosgaisean an tachartais a a bhith cothrom.“Cuideachd, feumaidh  fòcas a bu mhotha a bhith againn  air margaideachd nan tachartas a bharrachd  air feadh na h-Alba a tha co-cheangailte ri tachartasan  tilleadh dhachaigh 2014 do luchd-turais eadar-nàiseanta, air chor’s gum faigh sinn na’s urrainn den bhuannachd a tha ri fhaighinn bhon luchd-tadhail seo don eaconamaidh Albannach.

“Tha e mì-fhortanach nach deach an ùine-dhealbhaidh  dà bhliadhna, a dh’fheumas cinnidhean ann an Ameireaga a Tuath airson turas a dh’Alba  a chur air dòigh a ruigsinn airson an tachartais seo, ged a tha cothrom ann àireamh nas àirde de luchd-tadhail bhon Rìoghachd Aonaichte agus luchd-turais eadar-nàiseanta a thaladh, leis an raon as fharsainge de chuspairean a tha gu bhith gan cur air adhart.”

Anns an aithisg air Allt a’ Bhonnaich 2014, tha a’ Chomataidh ag iarraidh cunntas as ùr bho VisitScotland, tràth ann an 2014, air an adhartas a chaidh a dhèanamh, a’ gabhail a-staigh clachan-mhìle sònraichte a thaobh dealbhadh agus targaidean ionmhais eadar-amail. A bharrachd air sin, tha a’ Chomataidh airson  na planaichean aig VisitScotland fhaicinn a thaobh mar a bhios iad a’ brosnachadh  an luchd-tadhail a thig don chruinneachadh a bhith a’ tadhal air àiteachan eile ann an Alba cuideachd.

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh, Dennis Robastan BPA:

“Tha an fhianais a chuala sinn gu bheil na buidhnean sònraichte a-nis ag obair le chèile airson an tachartais seo a dhèanamh soirbheachail a’ toirt misneach don Chomataidh.

“Ged a tha sinn a’ cuir taic ris an dòigh-obrach a tha air a bhith ga cleachdadh gu ruige seo, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum fuirich i air an t-slighe cheart. Is e seo an t-adhbhar a tha sinn ag iarraidh cunntasan bho VisitScotland mu dheidhinn an adhartais a bhios iad a’ dèanamh agus cuideachd planaichean mionaideach mu dheidhinn mar a bhrosnaicheas iad luchd-turais a bhith a’ tadhal air àiteachan eile ann an Alba, a’ sgaoileadh na buannachd ri faighinn bhon chruinneachadh seo a bharrachd air Sruighlea.

Cùl-sgeul

Rinn a’ Chomataidh rannsachadh air an ro-innleachd “winning years” aig VisitScotland – rè an rannsachaidh seo, chaidh fios a chur don Chomataidh gun deach Cruinneachadh nan Cinneadh 2014, tachartas a bha gu bhith na phàirt cudromach de Bhliadhna an Tillidh Dhachaigh 2014, a chur dheth. Anns an aithisg air an ro-innleachd “winning years”, dh’ aontaich a’ Chomataidh fiosrachadh a lorg a-mach bho na buidhnean sònraichte an sàs anns a’ chruinneachadh mu dheidhinn nan adhbharan air an deach stad a chur.

 

 

 

 

 

Leugh an aithisg

Leugh an làn aithisg an seo (Beurla)

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.