24.05.2013
Thèid ceumannan aig a bheil mar amas “Alba a dhèanamh mar an t-àite as fheàrr sam fàs clann suas” a sgrùdadh le Comataidh Foghlam agus Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba agus i a’ sgrùdadh Bile Clann is Daoine Òga ( Alba).
Thuirt Neach-gairm na Comataidh Stiùbhart MacSuail BPA:
“Is e amas a’ Bhile seo diofar a thoirt air beatha cloinne an Alba. Nì a’ Chomataidh againn sgrùdadh air na ceumannan na bhroinn agus rannsachadh air na raointean ris a bheil am Bile a’ gabhail gnothach gus a dhèanamh cinnteach gum fàs Alba ann an da-rìribh mar an t-àite as fheàrr ri fàs suas ann.
Gabhaidh sinn beachd air a’ bhuaidh a bheir am moladh a tha ann reachdas a dhèanamh airson àrdachaidh air ionnsachadh tràth an-asgaidh agus cùram-cloinne bho 475 uairean a thìde gu 600 uairean air a’ char as lugha agus seallaidh sinn ann an doimhneachd cuideachd air na h-ullachaidhean gus còir a’ phàiste air cluas-ri-èisteachd le bhith a’ filleadh a-steach dòigh-dèiligidh Getting it Right for Every Child.
“Seach gu bheil rannsachadh a’ dol air adhart aig a’ Chomataidh air clann ann an cùram bidh sinn ag iarraidh beachdan a chluinntinn mu na molaidhean sa Bhile gus leasachadh a thoirt air dealbhadh seasmhachd do chlann ann an cùram.
Tha Comataidh Foghlam agus Cultar a’ cur fàilte air beachdan ann an sgrìobhadh bhon a h-uile aig a bheil ùidh sa Bhile.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha am meòrachan-poileasaidh an cois a’ Bhile seo ag ràdh:
“Is e miann Riaghaltas na h-Alba gum bi Alba mar an t-àite as fheàrr gus fàs suas ann. Is e ceann-crìche Bile Cloinne agus Dhaoine Òga (Alba) am miann seo a thoirt gu buil le bhith a' cur na cloinne agus nan daoine òga aig cridhe dealbhadh is lìbhrigeadh sheirbheisean agus dèanamh cinnteach gun tèid spèis a ghabhail do na còraichean aca san roinn phoblaich air fad.”
Am measg amasan a’ Bhile tha mar a leanas:
- Cuir ris an ìre de dh’ionnsachadh tràth an-asgaidh is de chùram-cloinne don fheadhainn aig aois 3 is 4 bho 475 uairean a thìde gu 600 uairean;
- dèanamh cinnteach gun toir còraichean na cloinne buaidh air dealbhadh is lìbhrigeadh phoileasaidhean is sheirbheisean;
- Ullachadh a dhèanamh gum bi ‘neach air ainmeachadh’ aig a h-uile pàiste ann an Alba mar mhodh gus leasachadh a thoirt air an dòigh san tèid taic a thoirt do chlann;
- Dealbhadh-seasmhachd nas fheàrr a dhaingneachadh do chlann ann an cùram.
Tha barrachd fiosrachaidh mun Bhile seo ri fhaotainn aig:
http//:www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/Bilean/62233.aspx
Is e an ceann-latha deireannach gus beachdan a chur a-steach 26 Iuchar 2013.
Nuair a ghabhas e dèanamh, bu chòir beachdan ann an sgrìobhadh a chur ann an riochd dealanach mar Word gu: ec.committee@scottish.parliament.uk
Bu chòir beachdan ann an cruth cruaidh a chur gu:
Comataidh Foghlam is Cultar,
Seòmar T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP
Fios conaltraidh
Fios do na meadhanan
Fiosrachadh comataidh
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on:
